Ach le Dè?
Seachdainn air ais, bha mi ag èisteachd ris na naidheachd air an telebhisian. Bha William Crystol ag innseadh dhuinn gur e àm ann rudeigin a dheanamh leis Siria agus Iran. Tha Siria gu cus ann an sàs ann an Iraq agus tha Iran faisg air a bhith deiseil le bomba niùclasach. Droch shuidheachadh dha-riribh. Bhiodh an saoghal nas cunnartaiche dh-riribh ma gheibheas Iran bomba niùclasach. Gu teagamh feumar a cuir stad air.
Ach le dè? Tha ar arm gu lèir ann an sàs ann an Iraq. Tha rudeigin mar deich air fhichead as a ceud na saighdearan ann an Iraq bhon na Reserves agus an National Guard. Tha na saighdearan a tha air tilleadh air ais do na Stàitean Aonaichte a'deiseachadh tilleadh a-rithist do Iraq. An latha an-diugh, nuair a tèid cuideigin anns an t-arm, tha e gu math cinnteach gun tèid am fear seo gu Iraq. Tha cuid as motha na saidhdearan air a dol do Iraq uair neo uaireigin agus tha cuid mòr air a dol da neo tri tursan.
Ann an 1991, chaidh sinn dhan Iraq agus Kuwait le leth millian saighearan. Bha an arm a'chogaidh fhuar fhathast ann. Ach tha an arm seo air a dhol à bith. An latha an-diugh, tha dhìth oirnn an arm gu leir leis a'chuid mòr reserves a chumail 150,000 ann an Iraq.
'S dòcha bha an arm againn mòr gu leòr airson an 10mh Sultain. 'S ann an 11mh Sultain an-diugh, agus tha e air bith airson còrr as tri bliadhanaichean. Gu ofigeal, chan eil a'mheudachd an t-airm air atharrachadh idir. Tri bliadhnaichean as dèidh Pearl Harbor, bha an arm mòr da-riribh.
Tha an arm cumhachdach ceart gu leòr ach tha e ro-bheag airson na cuid obrach a tha air ar-beulaibh.
2 Comments:
Bha deagh chothrom againn ann an 1991 airson a h-uile càil a chur air doigh san àite sin - rinn sinn mearachd ann an 1991 nuair a stad sinn aig na criochan le Q8 's an turas seo rinn sinn bùrach. Chan eil mi faicinn dè tha ceàrr 's dè tha ceart a-nis Chuc a charaid :-(
Tairgse iasaid
Tha Kendal Capital a tha a ’frithealadh Millionaires meadhan-chlas a’ faighinn iasad aig 3%
ìre rèidh aig 15 bliadhna aig a ’char as àirde gus an iasad a phàigheadh air ais.
A bheil feum agad air iasad èiginneach gus do ghnìomhachas pearsanta a thòiseachadh ?? ?
Tha e comasach dhuinn iasad sam bith a tha a dhìth a thoirt dhut. Ma tha ùidh agad cuir fios chun phost-d seo: kendalservingmiddleclassmillio@gmail.com
Boggie Hanczaruk
Post a Comment
<< Home