A'Chàisg 's Isaiah 52.13 thairis a 53.12 (1)
Feumaidh a bhith deiseil airson an t-seachdain seo leis an leason seo. Mar sin tha mi a'cùmail an leasan seo a ullachadh air loigne mar gum bhiodh.
Chanainn, mura bheil cuideigin eòlach càite as an do thàinig an criomag seo, bhiodh a'mhòr chuid den bheachd gu bheil e as an Tionmadh Nuadh leis gu bheil e a-mach air Chrìosda. Uill, tha e a-mach air Chrìosda ceart gu leòr ach tha e as an t-Seann Tionmadh, sgrìobhte mu sheachd cheud bliadhnaichean mus rugadh Chrìosda. Tha an criomag seo gu math iongatach inntineach dhomh air sgath sin.
Mar a thuirt mi latha eile, tha e car coltas ris an fiolm a rinn Mel Gibson, leis gu bheil e a-mach gu h-àraidh air ìobairt-rèitich a rinn Chrìosda.
52.13 Tha an earann seo a'toiseachadh le bhith ag innis dhuinn gum biodh ìglach Dhè air a thogail suas 's air òàdachadh.
Feumaidh mi radh aon rud mu bhàrdachd Eabhraidheach. Mar as trice, bhios rud air a innis dà thuras. Seo eisimpleir dheth.
'Bith e air a thogail suas, agus air àrdachadh.'
Agus dh'innseadh dhuinn an t-aon rud an treas turas: 'agus bith e ro-àrd.' 'S dòcha gur ann airson cuideam a bharrachd na b'àbhaist a thuirt am fàdh an aon rud an treas turas.
Feumaidh mi rud eile a radh mu bhàrdachd Eabhraidheach, uaireigin bhiodh an dha phàirt den rann calg-dìreach an aghaidh ri chèile. Mar eiseimplir, chithear sin gu tric anns na Gnath-fhacail nuair a bhios iad a-mach air amaideachd 's gliocas.
Leis an ath-earann, thòisich a'chùis a bhith rudeigin neònach, o shealladh shaoghalta co-dhiugh. Oir tha an t-ùghdar a-mach air mhò-mhaise a'dhuine a togar suas. 'S e sin a'chiad fianais, 's dòcha, gum bith an duine seo rudeigin neo-àbhaisteach. Tha mi a'ciallachadh, gu h-àbhaisteach, nuair a bhios sinn a-mach air glòir dhuine, cha bhith sinn a'bruidhinn mu cho grànda sa tha e, fiùs ma tha e grànda. Gu h-àbhaisteach bith sinn a-mach air na rudan maith seach air na dhroch rudan. Fianais eile gum bhidh an duine seo rudeigin eadar-dhealachte: 'iongantas.' Bith iongantas ann.
v15'...Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach...'
Dè fon ghrian a tha sin a'ciallachadh? Crathaidh e uisge?
Uill, rinn mi beagan rannsachaidh:
http://www.bible.org/page.asp?page_id=2552
A reir iadsan, 's urrainn don fhacal Eabhraidheach a'ciallachadh crathadh uisge mar phrìomh chiall. Ach 's urrainn dha a'ciallachadh rudan èile co-ceangalte ri iongatadh. Chan eil fhios agam. Chan eil mi eolach idir air Eabhraidhich. Ach tha mi eolach gu leòr air an fhacal a bh'air a chleachdadh nuair a dh'eadar-theanachaidh iad an Seann Tionmadh don Seann Greigis. Seo e.
'Outws qaumasontai eqnh polla ep' autw..'
Gu mi-fhortantanach chan eil fhios 'am na litrichean greigeach a dheanamh. Co-dhiugh, 's e 'qaumasontai' a thug m'aire. Bith e air a fhuaimneachadh mar 'thaumasontai.' Agus tha an ciall an fhacail seo car coltas ri 'iongatas.'
Co-dhiugh, tha an ciall seo nas coltaiche dhomh anns an suidheachadh seo agus air sgàth gur iad na Eabhraidheaich fhèin a rinn an t-eadar-theanachadh don t-seann Greigis, agus bha iadsan gu math eòlaiche air an ciall ceart.
Cùmaidh mi leis a sin a-maireach tha mi an dòchas.
Chuck
0 Comments:
Post a Comment
<< Home