Sgeul a chluinnich mi
Tha tòrr stuth agam ri sgrìobhadh. Bu mhath leam a bharrachd a sgrìobhadh mu Eilbheis 's rudan mar sin. Ach chluinnich mi beagan sgeulachdan a chòrd rium gu mòr. Aig an ofis far a bheil mi ag obair, cheannaich sinn lethbhreacadair mòr ur airson leathbhreadan dealbhan innleadaireach. Tha duine ann a tha a'cuir an t-siostaim ri chèile a tha gu math inntinneach. Tha e na shàr-cloinne a'dheicheid tri-fhichead gu h-àraidh ann a dhòighean labhairt. Tha tòrr sgeulachdan inntinneach aige agus dh'innis e fheadhainn aca dhomh. Tha Rick air mar ainm.
Seo an a'chiad fhear. Mar a thuirt mi roimhe, an latha an-diugh tha mòran sgeulachdan ann a tha as a'chogadh Iraq agus seo eisimpleir dheth.
Tha mac air Rick a tha anns an arm agus tha e ann an Iraq.
Oidhche a bha seo, mìos neo dha air ais, bha an Rick na chadal. Sheirm am fòn. Cò a bh'ann ach a mhac. 'Dè tha dol' dh'fhaighnich Rick dheth. 'Uill,' ars a mhic, 'tha sinn a'sabaid tron na bailtean beaga gu deas Bhagdad.' Bha sin as deidh a'bhlàir ann an Faluja nuair a chaidh cuid de na reubalaich gu deas Bhagdad 's chuir iad caisg air siubhal eadar Bagdad 's an ceann a deas na dùthcha. Bha a'fheachd ameireaganch a'feuchainn an cuir às. Bha cothrom aige beagan fois a ghabhail agus leig oifigear neo coreigin e fòn-shaideil a chleachdadh agus mar sin bha cothrom aige fònadh dhachaidh.
Bha a'mhac a'mionachadh an suidheachadh nuair gu h-oban chluinnich an t-athair "Oh shit" 's am fòn a'tuiteam air an làr, 's an uairsin na ping ping ping nam peilearan a'bualadh an làir. 'S an uairsin tosd.
Beagan uairean as deidh sin, dh'fhòn a mhac a-rithist. 'Dè thachairt,' dh'fhaighnich an t-athair. 'Uill,' ars a mhac, 'bha sinn aig crois rathaid a'gabhail fois as deidh baile beag a choileanadh agus gu h-oban bha mi air mo chuartachadh le bualaidh peilearan. Thilg mi mi-fhìn gu làr agus chaidh fo HMV a bha faisg air laimh. Air rèir coltas, bha neach-gunna ann nach do lorg sinn. Sgrios na tancaichean an toglach o an robh na peilearan a'tighinn. '
Bha an sgeul eagalach gu leor, ach dh'innis Rich dhomh e mar a bha rud a bhios a'tachairt a h-uile latha.
'S dòcha tha seo freagarrach: ma 's breug bhuam e, 's breug thugam e!
Chuck
0 Comments:
Post a Comment
<< Home