An Gaidheal Alascanach

Wednesday, March 16, 2005

A'Chàisg 's Isaiah 52.13 thairis a 53.12 (3)

Uill, thug mi suil air na eadar-theanachaidhean èile ann am Beurla agus Fraingis. Tha a h-uile eadar-theanachadh Beurla a th'agam ag rath 'crathadh uisge' direach mar a tha am fear Gàidhlig. Ach tha am Bioball Fraingis a th'agam ag ràdh: "De même il sera pour beaucoup de peuples un sujet de joie." Tha sin eadar-dhealaichte.

Ma tha e a'ciallachadh ann an da-riribh 'crathadh uisge' 's dòcha tha e a-mach air a bhith a'toirt na peacaidhean o na muinntir mar a tha e nas fhaide anns an earann agus 's e sin a bith iongantach.

a' cumail leis an earann 15. :

'Na fhianais druididh rìghrean am beòil...agus an nì nach cuala iad, bhei iad fa-near'

A-rithist bidh an òglach Dhè neo-àbhaisteach, iongatach.

53.1 "Cò a chreid ar teachdaireachd?..."

A-rithist, bith rudeigin eu-coltach a'tachairt agus, 's dòcha, nach bith a h-uile duine a chreidinn.

53.2 Tha bith e breagha nar sùilean.

53.3 An-seo, tha a'chùis air atharrachadh gu mòr. An toiseach bith an duine air àrdachadh gu mòr. An-seo tha e 'air a dhìmeas...eòlach air bròn...chan eil suim againn dheth...

An e an aon duine a th'ann? Nan robh mise air mo dhìmeas, eòlach air bròn agus mar sin air adhart, nach bhiodh a'fearchdainn cho air mo àrdachadh. Agus bhiodh an suidheachadh mi-thoileach gu leòr dhomh nan robh e direach 'bad luck' a bh'ann. Ach anns an ath earrann, tha e nas miosa. Tha e air a bhualachadh le Dia.

53.4 '...air a bhualachadh, air a smachdachadh le Dia...' Ciamar a 's urrainn do dhuine a bhith air àrdachadh le Dia agus air a bhualachadh le Dia aig an aon àm? Ciamar a 's urrainn do cuideigin a bhith air a àrdachadh agus a'coimhead mar an robh e air a smachdachadh le Dia? Mar a thuirt an teagsa roimhe, bith tòrr iongantas ann.

Ach ann 53.4, tha beagan freagairtean ann do na ceistean seo cuideachd. 'Gu deimhinn ar n-anfhainneachd ghiùlain e...'

Tha am mionnachadh nas coileanaiche ann an 53.5 '...lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan...'

Anns an t-Seann Tionmadh, 's e le bhith ag ìobairt beathaichean a bha na peacaichean air an toirt seachad, an ìre mhath co-dhiugh. Saoil dè a bha na daoine bhon àm ud a'smaoineachadh nuair a leugh iad gun bhiodh cuideign a'toirt peacaidhean seachad.

Tha ceist agam. Tha mòran a'caitheamh crann-ceusaidh beag air am amhach. Dè tha sinn a'ciallachadh? Do fheadhain, 's ann air sgàth s' gur iad crìosdaidhean a th'annta. Do fheadhain eile, tha e direach rudeigin snog a caitheamh. Ach dè bhoidh sinn a'smaoineachadh nan robh cuideigin a'caitheamh cathair-dealan neo cathaidh-crochaidh air a amhach?

Tha an ath earann gu math cudthromach.

'Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran, tionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn."

Tha sinn cho cudthromach sa ghabhas. A-rèir an earainn seo, tha dìth air gach h-uile duine air a bhith air am glanadh o am peacaidhean.

Uill, rinn mi an leasan latha na Sàbaid. Seo na deireadh na notaichean a rinn mi anns a'Gàidhlig.

Tha aon rud eile ann a lorg mi a tha inntineach.

earann 8. '...ghearradh as e o thìr nam beò...'

Anns an t-seann Tionmadh, tha iomdach dòighean faighinn bàs, dòighean matha agus dòighean nach eil cho matha. Mar eilimplir, b'fheàrr leat a chadail maille rid athraichean. 1 Ri 2.10, neo a bith na seann duine (neo bhoireannach), agus làn de bhliadhnachan agus air do chruinnicheach a-chum do mhuinntir (Ge 25.8). Ach air an làimh eile, 's e droch rud a bhith air do ghearradh. 1 Le 20.3 msaa, Sa 37.9.

Tha e gu math iongatach dhomh ciamar a s'urrainn do chuideigin a bhith air a àrdachadh agus aig an aon àm a'fualang rudan mar sin.

Tha an t-earrann seo gu math sònraichte.

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home