An Gaidheal Alascanach

Wednesday, April 06, 2005

Leabhar Between the Alps and a Hard Place, le Angelo Codevilla

Bu mhath leam sgrìobhadh mu an leabhar seo a leugh mi beagan bliadhnacan air ais. Tha an leabhar seo co-ceangalte ris a bha mi a-mach air nuair a bha mi a'bruidhinn mu Impireachd Ameireaganach. Mar a thuirt mi, tha mi gu math dèidheil air an t-siostam mailisidh a th'aig na na Eilbheisich. Agus tha an leabhar seo a-mach air an t-strì na Eilbheisich aig àm darna chogaidh.

Tha an cuspair seo inntineach dhomh airson iomadach adhbhran. Bha mi ceasnachail, carson nach do thug a'Ghearmailt ionnsaidh air an Eilbheis aig àm darna chogaidh? An robh iad ro-thrang? An robh Eilbheis ro-chruaidh?

Tha an siostam mailisidh Eilbheisich car coltas ris an fhear bh'air na h-inntinnean na athraichean-steidheachaidh na S.A o chionn dà cheud bliadhnaichean. Bha iadsan dhen bheachd gum bhiodh arm stèidhte ro-mhaoidheil do shaorachd na muinntir. Gu practaigeach, tha an siostam seo an ìre mhath air a dhol à bith anns na S.A. Tha arm stèidhte cumhachdach ann ged a tha siostam Reserves agus National Guard ann fhathast a tha ag obair gu làidir ann an Iraq. 'S e seòrsa de shiostam mailisidh a th'ann fhathast. Chan eil a h-uile duine ann sàs mar th'ann an Eilbheis. Uaireigin, saoilidh mi, dè bhiodh an diofar anns an eachdraidh an fhicheadamh linn nan robh an siostam ann an sàs anns na S.A. mar a tha e anns an Eilbheis.

Tha adhbhar èile ann gu bheil an cuspair inntinneach dhomh. 'S e duthaich ceithir-cànanach. Agus tha tri dhiubh, Eatailtis, Frangis agus Gearmailtis a'buinneadh do dhuthchanan eile a tha nas motha na h-Eilbheis. Carson a tha Eilbheis ann idir? Carson nach eil am pàirt Gearmailteach leis a'Gearmailt, 's am fear Frangach leis a'Fhraing 's am fear Eatailteach leis an Eatailt? Bith a'chuid mhòr den Eilbheis a'bruidhinn Gearmailtis. Carson nach robh iadsan air an togail leis na tachairt ann an Gearmailt aig an àm ud?

Tha an leabhar seo inntinneach ann an dòigh èile. Tha e cuideachd a-mach air mar a bhios duthchannan beaga 's laga a'faighinn a adhart le duthchannan mòra, neartach. Agus tha an leabhar seo a'deanamh dìon an aghaidh na casaidean an aghaidh Eilbheis, casaidean a tha a'cumail a-mach gun do ghoid an Eilbheis an t-airgead o na luchd-fhulaing a bh'air mhuirt aig àm an dara chogaidh.

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home