An Gaidheal Alascanach

Monday, July 25, 2011

Òraid Obama mu Àirdeachadh Fiachan

Lìbhrich Obama òraid mud rèiteachadh a tha dol mu àirdeachadh ìre fiachan. Bho thus gu h-èis, 's e òraid iomairt an taghaidh a bh’ann. Bha e a’droch-chàineadh nam Poblachdach. ‘S iadsan as coireach. Agus Bush cuideachd. Dh’iarr air muinntir na Dùthcha fòn a chur do na Riochdairean Poblachdach an Taigh nan Riochdairean. Bho thoiseach, ‘s ann o bhun-bharailean soisealach tha e air a bhith dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo. Rinn e iomradh air “millionaires 's billionaires” ‘s an uair sin bha e a-mach air àirdeachadh cìsean air an fheadhain a bhuanaicheas tòrr ‘s $250,000. Deagh bheachd mas e peacadh th’ann a bhith cruthachadh cosnaidhean. ‘S iad gnìomhasan beaga a chruthaicheas cosnaidhean mar as bitheanta. Chan eil feum sam bith a bhith gan tachdadh le císean ùra.

Ach ge-ta, an fhírinn innse, tha cùisean air a bhith dol air adhart as aonais Obama bho Dihaoine sa chaidh co-dhiù nuair a bhris síos rèiteachadh a bh'air a bhith ann gu ruige seo eadar ceannardan Taigh nan Riochdairean 's Obama. Bhon uair sin, tha ceannardan Taigh nan Riochdairean 's ceannardan an t-Seanaidh air a bhith rèiteachadh ri chèile, as aonais Obama.

Tha plana a'gabhail cruth a-nis eadar Deamocrataich an t-Seanaidh 's Poblachdaich Taigh nan Riochdairean, plana a tha a-nis as aonais àirdeachadh císean. Smaoinich air mar tha cùisean air atharrachadh bhon earrach nuair a bha Obama 's na Deamocrataich ag èigheachd airson àirdeachadh fiachan gun cùmhnant sam bith. Tha diofaran ann gu dearbh eadar dreachd an t-Seanaidh 's dreachd Taigh nan Riochdairean. Fo dhreachd Taigh nan Riochdairean, bhiodh bhotadh ann san Taigh 's san t-Seanadh air atharrachadh dhan bhun-reachd far am biodh eneo-ceadaichte dhan riaghaltas buideadan neo-chothromach chur an gníomh seach ann an suidheachan sònraichte.

Tha mi caran teaghmach gun tèid an t-atharrachadh a cheadachadh. Ach, tha e cudthromach gun gabh am bhotadh seo àite co-dhiù. Oir bith a'cheist seo mun atharrachadh dhan Bhun-reachd anabarach fhèin cudthromach san ath-thaghadh 's feumaidh fios a bhith aig luchd-bhotaidh cò tha air shon 's cò tha air aghaidh.

2 Comments:

Anonymous Anonymous said...

Chan eil cisean ach teachd a-steachd riaghaltais. As aonais cisean chan urrain do riaghaltas a' ceannach sian- agus tha ceannaich/solarachadh an riaghaltais na roinn gu math cudthromach de eaconomaidhean leasaichte.

2:00 PM  
Anonymous Grand Prairie Professional Organizer said...

Good jjob

7:48 AM  

Post a Comment

<< Home