An Gaidheal Alascanach

Wednesday, September 06, 2006

Craobh air a bualadh



Seall air dealbh den chraoibh seo. Nuair a chunnaic mo charaid i aig cuairt a rinn sinn Diluaine, ghearain e gun do dh'fheuch amadan a'chraobh seo a ghearradh sìos. Cha robh mise cho cinnteach ge-ta. Choimhead mi oirre. Chan e comharradh tuaighe a bh'ann idir nam bheachd-sa. 'S chan e bìobhar a bh'ann na bu motha, cha robh comharradh de fhiaclan bhìobhar ri fhaicinn. 'S bha sinn air sliabh cas fada fada bho shruth neo lòn far am biodh bìobhar a'fuireachd. 'S mhothaich mi air dhà chraoibh bheag ri taobh na craoibhe mòire a bha gèarrte troimhe buileach. Choimhead mi na b'fhaide sìos 's chunnaic mi craobhan èile briste. Choimhead mi suas 's chunnaic mi fianais eile, fianais de clachan a'tuiteam a-nuas aig astar, a'gearradh tuill san talamh 's a'briseadh craobhan beaga 's a'gearradh gu gort craobhan mòra. 'S smaoinich mi air tuil a thachair dihaoine sa chaidh. 'S thuig mi gur e maoim-cloiche a bh'ann. Bha an aimsir air a bhith gu math freagarrach do a leithid.

Co-dhiugh 's mise a tha toilichte nach robh mi ann nuair a thachair seo. Rachadh na clachan tromhad buileach.

Chuck

2 Comments:

Anonymous Anonymous said...

Tha na leabhraichean-lìn agaibh a' coimhead air leth inntinneach. Am b'urrainn dhuibh post-d a chuir thugam? Bhiodh e math bruidhinn ribh mu dheidhinn carson a tha sibh a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Seo an seòladh post-d agam - onjsmith@yahoo.co.uk

Ceud taing!

3:19 AM  
Blogger Graisg said...

gu dearbh fhèin 's math nach robh duine sam bith ann Chuc.

Onj - a bheil thusa airson bruidhinn ris a h-uile duine air Tir nam Blòg?

Carson nach tòisich blog agus cuir do theachdaireachd a-steach? :-)
Agus an uair sin bhiodh a h-uile freagairt ri fhaicinn air loidhne air TnamB, bhiodh sin inntinneach nach biodh?

7:22 AM  

Post a Comment

<< Home