An Gaidheal Alascanach

Monday, May 16, 2011

Cùisean a'tighinn gu teann ann an Washington Cead-iasaid

Tha an deasbad mu easbhaidhean sna S.A. a’tighinn gu teann a-nis. A’mhìos sa chaidh, bha èigheachdan mòra mu gearraidhean beaga nuair chuir na Poblachdaich an gnìomh a’ bhliadhna ionmhais a thòisich an-uiridh. $35 billion de ghearraidhean à buidseat de chòrr ‘s $3.5 trillion dollar.

Tha an deasbad air tionndaidh a-nis gu àrdachadh cead iasaid. Tha an riaghaltas a’dlùthachadh ri crìoch iasaid agus tha Rùnaire Iomhais Timothy Geithner ag iarradh cead a bharrachd airson $2T dollar. Tha an riaghaltas mar tha a’buntainn ris a’chrìoch iasaid ach le bhith cleachdadh cleasan ionmhais, ‘s urrainn dhaibh leantainn orra corra mìosan fhathast. Ach tha Rùnaire Geithner a’maoidheadh mur a gheibh iad cead a bharrachd aig ro’n darna latha an Lùnasdail, gun cuirear eaconamaidh nan Stàitean Aonaichte ann am fìor èiginn ‘s chòisinneadh na S.A. droch chliù am measg luchd-crèideis.

Ach tha na Poblachdaich ag ràdh gur iad cosgaisean gun rian as leth an riaghaltais a tha a’cur na h-eaconomaidh ann an èiginn agus tha iad ag ràdh nach fhaigh an riaghaltas cead-iasaid a bharrachd mura cho-dhùin e ri geàrraidhean co-ionan ris an dearbh shuim às a'bhuidseat thar na còig bliadhnaichean a tha romhainn. Airson $2T de iasaid fhaighinn a bharrachd, ‘s fheudar do Obama aontachadh ri $2T de ghearraidhean, suimeannan fada nas motha na air a bha an deasbad a-mach mìos air ais. ‘S chan fhaighear gearraidhean mar sin gun a bhith ath-leasachadh air prògraman mar Medacaid ann cuideachd.

Tha mi a’smuaintean, ged nach eil smachd aig na Poblachdaich ach air an darna leth dhen aon trian dhen riaghaltais, gur ann acasan a tha làmh an uachdair. Sa chiad dol a-mach, chan fhaighear Obama ‘s na Deamocrataich aon sgillin ruadh as aonais co-dhùnadh bho’n Taigh an Riochdairean a tha fo smachd nam Poblachdach. Agus cuideachd, a-rèir cunntasan-beachda, tha cuid mhòr de na luchd-bhotadh an aghaidh cead-iasaid a bharrachd a-muigh neo a-mach neo ma tha geàrraidhean ceangailte ris. A bharrachd air a sin, tha na h-ìrean rèidh air fiachan an riaghaltais air a dhol sìos sna margaidhean aig a’cheart àm sa tha Poblachdaich air fàs nas seasmhaiche ri thaobh gearraidhean, rud a tha cur breug air maoidhean nan Deamocratach. A-rèir nam margaidhean, tha fiachan an riaghaltais nas cinntiche mar sheilbh ma tha geàrraidhean ann.

Tha an deasbad seo ann an Washington a’buntainn riumsa nam bheatha proifeiseanta. Bha proiseachd agam airson puirt adhar a leasachadh ann an Gustavus, baile beag faisg air Juneau ‘s tha e deiseil ri dhol a-mach ri tairgse. Ach chan eil airgead aig an FAA airson a’phroiseacht seo. Feumaidh sin feitheamh gus am bith airgead ann as leth an riaghaltais.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home