An Gaidheal Alascanach

Monday, March 19, 2007

300

Chunnaic mi am fiolm "300" an deireadh sheachdain sa chaidh. Theab mi gun a dhol ann. Bha mi airson a dhol ann le caraidh ach chuala mi gu robh e làn fòirneart 's gun mòran fheum. Mu dheireadh chaidh mi ann co-dhiugh 's abair fiolm inntinneach. Bha mòram fòirneart ann gun teagamh ach bha mòran rudan a thug m'aire.

Sa chiad a dol-a-mach, bha a-riamh ùidh agam san sgeulachd bho m'òige. Sgeul mar a dhìon buidhinn bheag de shaighdearan an aghaidh feachd a bha fada nas motha. Leugh mi a sgrìobh Herototus nuair a bha mi ag ionnsachadh Seann Greugais 's leugh mi cuideachd an leubh Gates of Fire (chan àithne dhomh ainm an ùghdair). Bha mi a-riamh dhen bheachd gur e deagh sgeul airson fiolm (mar a tha mòran sgeulachdan bho eachdraidh nan Seann Greugach).

Tha am fiolm 300 fhèin a'ruith mar leabhar-dealbh. A-reir na chuala mi, tha am fiolm stèidhte air leabhar-dealbh. Ann an iomadach dòigh bha a h-uile càil air a chuir na mheud. Tha cuirp làidir gu coileanach aig na saighdearan Spartach. Saoilidh mi nach bhiodh droch bheachd aig cuid mhòr de na daoine air an cuirp aca fhèin nuair a thig às an taigh-dealbh an taca ri 's na chunnaic iad san fhiolm. Bha an rìgh Persia uabhasach fhèin mòr. Ach 's dòcha nach eil adhbhar aig daoine ann an dhà a bhith gan cuir sìos fhèin. Chan eil na h-actairean a'coimhead cho fearail nas motha ann an dhà-riribh. Chaidh na stamagan 's na gairdeanan 's na casan aca a chruachadh gu dideatach! 'S sin rud eile mun fhiolm a tha inntinneach. Chaidh a h-uile càil a fhiomadh taobh a-staidh ro 'blue screen.' Na frasan fala a chì thu, na gairdeanan geàrrte 's msaa, cha b'e iad sin ach cleasan dideatach.

Bha na boireanaich Spartach inntinneach cuideachd. Ann an dòigh, bha iad nan dreach boirinn de na fir Spartach: làidir, seasmhach nach geill ro dhuine sam bith.

Rud eile: Cha cluinn thu guth air ceartas poiliteagach san fhiolm seo.

Chan e 'chick flic' a th'ann idir ach bha e inntinneach dhomh co-dhiugh.

3 Comments:

Blogger mona said...

Hallo Chuck,
cha robh mi air an radio idir :o Cuin a chluinn thu sin? Is dòcha gun robh cuideigin eile ann air a bheil an aon ainm? Dè an cuspair a bha sin?

5:59 AM  
Blogger mona said...

Is dòcha gur e Ùna a bh' ann, tha ise à a' Ghearmailt cuideachd agus tha i a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach.

10:47 AM  
Blogger mona said...

Tha am bòrd-bràth fhathast sìos, a-rèir coltais... Hmm, ach ma e a dhìth ort, tha fios agad gu bheil fàilte chridheil ort air a' bhòrd Ghearmailteach cuideachd ;)

Mu dheidhinn MySpace, uill... cha robh mise cho cinnteach dè am feum a tha ann, ach tha e èibhinn co-dhiù, agus dhomh-sa 's e deagh chothrom a th' ann na cànanan agam a chleachdadh.
Ma tha thu nad bhall, chan eil e doirbh idir rudeigin a sgrìobhadh do chuideigin eile. Dè an ainm / seòladh a th' agad-sa an-sin? Feuchaidh mi teachdaireachd a chur thugad.

Nise, ciamar a tha cùisean, an tèid sibh a dh' Alba as t-samhradh? :)

12:32 PM  

Post a Comment

<< Home