An Gaidheal Alascanach

Saturday, February 04, 2006

Na thuirt na Saighdearan Fhein 's Fàilte oifigeil a'bhaile

Seo aithris a nochd a sa phàipear naidheachd an seo mu ar saighdearan a thill air ais bhon Irac.

As deidh dhaibh a bhith air falbh airson cha mhòr bliadhna gu leth, tha saighdearan an Alaska Army National Guard a'faighinn a-nis blas saorsachd 's fuachd.

Thuirt Sgt Tim Brady, "Tha ar suidheachadh cho eadar-dhealaichte an-dràsda o na bh'againne ann an Irac. Dh'fhàg sinn beatha ann an Irac far nach robh cha mhòr saorsachd sam bith againne 's an-dràsda tha sinn cho saor."

Bha Brady de bhuidhinn de saighdearan a thill air ais gu Kodiak as deidh dhaibh a bhith bliadhna ann an Irac is ceithir mìosan roimhe sin ann a bhith a'trèineadh.

"'S gann an naidheachdan a fhuair sinn nuair a bha sinn ann an Irac, b'ainneamh a bha cothrom againn fòn a chuir dhachaidh neo coimpiùtaran a chleachdadh. Ach thug muinntir Kodiak taic mhòr dhuinn co-dhiugh. Bha sinn mothachail gu robh sinn nan inntinn. 'S ann cuthdromach a bha sin dhuinn."

Bha an aonad suidhichte ann am Bagdad mar fhreigeadan sràide. "'S gann a bha lath-saor againne. Bha sinn ag obair seachd laithean gach seachdainn. Gach feasgair, thill sinn air ais gu campa airson ionnlaid 's bidh, 's cadail. "

B'fheudar dhaidh a bhith mar phoileis 's airm Iragach 's an sìth a chùmail sa cheann a iar a'bhaile far an robh Sìit 's Sunni. "Bha sinn a'sireadh nan reubaltach 's gan cùmail as an sgìre. 'S ann tric a bha iad a'losgadh oirnn le raifle 's bha na bomaichean a'sìor-maoidheadh oirnn. Mar sin, 's iongtach nach d'fhulaing sinn call. "

"Bha sinne, glè mhath mar shaighdearan. Air cuairt an aghaidh an nàmhaid, bha sinn cruaidh ach cothromach le muinntir an àite. Bha spèis mhòr againne dhaibhsan, mar sin, choisinn sinn spèis 's urram dhuinn bhuapa. Dh'fhàs cnap mòr de caraidean dhuinn agus 's riatanach a bha sin airson ar cùmail beo."

Thuirt saighdear eile Sgt Baldwin: " 'S iomadh turas a bhiodh muinntir an àite ag innse dhuinn càite a robh na reubaltaich neo na bomaichean.

"Bha sinne gu math fortanach, oir thig a gach uile gin againn dhachaidh beò. Chail Hawaii naoi saighdearan deug, California fichead sa sia. Bha iadsan a'deanamh freigeadan sràide san aon àite sa bha sinne. Dh'fhulaing an aonad à New York gu cruaidh. Bha aon diofar againne. Bha muinntir an àite gu math cairdeil dhuinne. Gach thuras a stadadh sinn, bhiodh sinn le an cloinn. Nuair a bha cuideigin tinn, bhiod fear de na medics againne cuideachadh a'toirt dhaibh agus 's iomadh turas a bhiodh beatha air a shàbhaladh.

"Chuir muinntir Kodiak aodach thugainn 's bhiodh sinne ga thoirt seachad. Bha sinn air cuairt ann an tri sgìrean. Aig an deireadh, thig muinntir an àite thugainn 's innse iad dhuinn gur toil leotha sinne ach iarr iad oirnn nach tigeadh air ais an aonad èile don sgìre.

"Bha sinn a'smaoineachadh, dè bhiodh ar beachd nan robh e mar sinn anns a'bhaile againne? Bha sinn gu math mothachail air muinntir an àite.

"Ach an aonachd a thig as ar deidh, 's fuachd a bh'ann eadar iadsan 's muinntir an àite 's saoilidh mi nach bith sin fada mus bith iadsan a'fulang call. 'S e muinntir an àite a bha gar cùmail beò.

Thuirt Baldwin, "Tha adhbhar èile ann nach d'fhulaing iad call, 's gann a rinn sinn mearachd 's nuair a rinn cha robh an nàmhaid soirbheil. Ach aig amannan cha robh ach beagan oirlichean eadar beatha agus bàs."

Crìoch an aithris.

An-diugh, chaidh mi gu cèilidh a'bhaile airson fàilte oifigeil a thoirt do na saighearan. Feumaidh mi aideachadh gu robh am fàilte neo-oifigeil aig puirt-adhar fada na bu bhlàithe. Ach bha e inntinneach co-diùgh.

Bha tòrr 'stuth à Irac ri fhaicinn a bha gu math inntinneach. Notaichean airgid. Bhithinn a'faireachdainn gu math beartach nan robh mi a'giulainn a leithid-sa le aireamh 10,000 sgrìobhte orra. Bha clogaid ann on àm chogaidh Iran-Irac. Bha toll oirre 's pìos pàipear beag air bathais le na faclan: "toll peileir." Slighe-pheileir an nàmhaid le not: "air a losgadh oirnn."

Dh'innseadh dhiunn rud neo dhà a ghlac m'aire. Thuirt fear de na saighdearan gu robh aca tri rudan nan inntinn nuair rachadh iad a-mach: an nàmhaid 's cach a chèile 's an cairdean 's teaghlaichean.

Dh'innseadh dhuinn rud èile. Tha feadhainn dhiubh a'tilleadh air ais gu Irac san ògmhìos sa tighinn, le an toil fhèin! Nach sin ceist ri meòrachadh: dè a tha gan tarraing air ais?

Chuck