An Gaidheal Alascanach

Thursday, December 28, 2006

Binn Bhàis air Saddam Hussein

Mar a chuala sibh, tha Saddam Hussein fo bhinn bhàis. Tha ath-tagairtean air an ruith seachad agus an-diugh fhèin, chuala mi gu bheil e gu a bhinn a dh'fhulaing taobh a-staigh dà neo trì laithean.

Ged a 's e fìor droch dhuine a th'ann agus ged nach eil teagamh sam bith gu bheil an duine seo airidh air binn bhàis, b'fheàrr leam gun leigeadh iad air beò.

Carson? Uill, saoilidh mi gu bheil mathanas freagarach air an t-suidheachadh seo. Foghainidh gun d'thuirt cuairt Ioracach gu bheil e ciontach 's airidh bàis. Bha dhìth orra sin a chluinntinn. Ach 's e leigheas cuideachd a tha dhìth air Iorac. Cha chreid mi nach dheanadh sin ceum chun a sin.

Chuck

Wednesday, December 13, 2006

Tha mo cheann-shuidhe cho gòrach an-diugh

Tha mi a'gearain mu Sheòras Bush 's an cogadh ann an Irac. Tha e air fàs gu math faiseanta a bhith gearain mu dheidhinn ach saoilidh mi nach eil mise a'gearain airson nan dearbh adhbharan sa tha mòran. Chan eil mi a'gearain air sgàth gu bheil e a'sabaist ach air sgàth gu bheil e a'sabaist gu tuathal. Tha a dhòighean cogaidh loma-làn de dh'amaideas.

Chaidh iad ann le feachdan ro bheag dhan chùis

Ma b'fheudar dhuinn leth mhillian saighdearan airson Irac a phutadh às an Kuweit, carson a chreid iad gun dh'fhoghainneadh an treas uiread airson Iraic gu lèir? Chuir iad ruaig air an airm Iragach ceart gu leòr, ach 's e an t-amas a bh'aca smachd a chumail air an duthaich. 'S dòcha gun do chuir e iongnadh orra mar a thuit riaghaltas na h-Irag o cheile. 'S e tachartas iongantas a bh'ann gu dearbh. Ach carson ma tha a…

Chuir Iad As dhan Arm Iracach?

Nuair a thuit riaghaltas Iraic o cheile buileach, 's e feachdan an rud a bu cuthdromaiche a bh'ann airson smachd a chumail air an duthaich. Leis gur iad na Stàitean Aonaichte a thug ionnsaigh air Irac, 's ann acasan ri cùram a chumail air an duthaich. Bi cuimhne, nuair a thuit an riaghaltasan naiseanta 's ionadail, nuair a theich na feachdan poilea à bith, bha an t-arm Iracach fhathast ann am bith. Bha e gu math foilliseach nach robh na feachdan a bh'againn a'foghainn airson smachd a chumail air an duthaich. 'S ann an uair sin a chuir iad as dhan arm Iracach. Mearachd mhor a th'ann. Bhon uair sin, chaidh mòran de na saighdearan thairis do na reubaltaich.

Rinn iad treas mearachd, thar tri bliadhnaichean de chogadh, mheall iad iad fhèin gu robh feachdan gu leòr ann an Irac an aghaidh gach uile fianais. Bha iad a'sìor-dhiùltadh aithneachadh gu robh feachdan a dhìth. 'S chail corra seanalran an dreuchd air sgàth gun do mhol iad na bha Rumfeld a'diùltadh a chluinntinn rud a bha foilliseachd do dhuine sam bith co-diùgh. Ma 's e leth mhillian a tha dhìth, faigh iad 's cuir iad ann. Ach an-dràsda, tha feadhainn a'moladh gum bu chòir dhuinn tharraing as an duthaich.

Chan eil rian sam bith ann a bhith a'toirt ionnsaidh air duthaich 's an uair sin a fàgail bun os cionn. Ach 's e sin a tha iad a'moladh nach e. A bharrachd air a sin, 's e an rùn a bh'againn tèarmann a thoirt bhon nàmhaid, a'ciallachadh àite far a dh'fhaodas luchd-ceannairc ionnsaighean phlànachadh an aghaidh dùthchanan eile. Ach ma dh'fhàgas sinn Irac, bheir sinn tèarmann dhan nàmhaid 's tha mi deimhinne gum fulaing sinn ionnsaigh eile 's 's dòcha gum bi e mas miosa buileach.

Chuala mi aithris a thug beagan dòchas dhomh: 's e nach robh Bush ann an cabhag a ghabhail ri na molaidhean a thugadh a-mach o chionn goirid.

Wednesday, December 06, 2006

Teicheadh ron Nàmhaid

Uill, tha a gach h-uile coltas gu bheil na Stàitean Aonaichte ag ullachadh teicheadh bhon Irac. 'S dhomh-sa a tha a'bruidhinn mar ameireaganach 's e ar cuid amaideas againn-fhìn a tha a'cuir ruaig oirnn. 'S ma nì sinn e, 's mearrachd as mìosa a s'urrainn a bhith ann 's chan urrainn dhomh chreidinn mar cho meud de luchd-poiliteags sna S.A. a tha ga mholadh.

Feumaidh mi aideachadh gu robh mi airson a'chogaidh. Bha mi a'creidinn gu robh armachd chunnartach aig Saddam Hussein 's as deidh an sgrios a bh'ann an 9-11, bha e follaiseach dhomh gur e a'seachnadh ionnsaidhean a bu mhiosa an rud a bu chudromaiche a bh'ann. A bharrachd air a sin, nan gabhadh riaghaltas deamocrasach stèidheachadh sa chrios meadhan na h-ear meadhanach, nach b'fheàrr a bhiodh sin.

Uill, tha fhios againn an-diugh nach robh armachd chunnartachd aig Saddam ged a tha mi fhathast rudeigin amharasach. Tha mi a'dlùthachadh dhan bheachd gur e mearachd a bh'ann 's chan ann air sgàth gu robh e an aghaidh lagha eadar-naiseanta a bh'ann. Chan eil mi cinnteach gu robh ach nan robh, tha mearachdan fada nas mìosa na bhith a'briseadh lagh eadar-naiseanta, rudan mar fulang srios niùclasach. 'S e mearachd a bh'ann air sgàth gu robh cleachdaidhean na b'fheàrr againn do ar feachdan 's bha naimhdean na bu chunnairtaiche na Irac.

Co-diugh neo co-dhe, tha sinn ann an Irac 's feumaidh sinn buanachadh ge be a thacras. Chaidh sinn a steach dhan Afganistan air sgàth gur e campa trèinidh a bh'ann dhan luchd-fuathais. Agus 's e deagh adhbhar a bh'ann. Ach ma dh'fhàgas sinn Irac, nach rachadh stèidhicheadh stàite-ceannarcaidh fada na bu mhiosa na bh'againn ann an Afganistan far a dh'fhaodas iad ionnsaidhean ullachadh nar aghaidh? Am feudar dhuinn ionnsaidhean fada na bu mhiosa na 9-11 ri fulang mus ionnsaicheas sinn nach e fealla-dhà a th'ann na luchd-ceannarcaidh? Tha eagal orm gum feudar.

Tha mise fear de na luchd-bhotaidh a bha mi-thoilichte le Bush. Tha mi mi-thoilichte air sgàth gu bheil sinn a'call ann an Irac. Bha mòran dhinn a'crèidinn gu robh armachd cunnartach aig Saddam 's chan eil mi a'gearain gu robh Bush den aon bheachd. Tha mi a'gearain air sgàth gu bheil sinn a'call agus 's e cuid amaideas Bush as coireach.

Dè na mearachdan a rinn sinn ann an Irac? Tha mi an dòchas beachdachadh orra sna h-aithrisean ri teachd.

Sunday, December 03, 2006

Cac geall bho na Speuran



Uill, thuit cac geall a bharrachd bho na speuran a-raoir. Fhuair sinn fois bhon sneachd airson seachdain gu leth. Ach diciadain sa chaidh, (nuair a bha mise air mo shlighe dhachaidh bho Anchorage) fhuair sinn dhà throigh a bharrachd. An-dè, thuit dhà òirlich dheug 's a-raoir thuirt ochd òirlichean a bharrachd. Chan fhaca sinn luchd-obrachd a'bhaile bhon diciadain sa chaidh. Tha an rathad loma-làn sneachda. Bha sinn a'sgioblachadh ar àite-pàirc 's chunnaic sinn carbad a bha seo air a chuartachadh le dhaoine le spaidean nan lamhan a'putadh 's a'cladhachadh a'feuchainn siùbhal sìos an rathaid. Choimhead sinn orra airson leth uair a thìde co-dhiùgh.

Uill, tha ar raoin-pàirc glàn a-nis ach cha urrainn dhuinn dhol a dh'àite sam bith. Chan eil againn ach ri feitheamh luchd-obrach a'bhaile a lìonadh a-rithist.

Chuck