An Gaidheal Alascanach

Wednesday, April 23, 2008

Suidheachadh Dealain ann an Juneau

Mar a thuirt mi an turas mu dheireadh, chaidh uairichean dealain a tha a dealaineachadh Juneau a sgrios le maoim-sneachda an t-seachdain sa chaidh. Bha 85% dhen iarradas a' tighinn tro na uairichean sin. Tha iad a' cleachdadh aonadan dieseil airson an diofar a choileanachadh ach chan fhoghain dhuinn. Tha a' cuir prìsean dealain am meud 5.5 uiread. Ma bh' agad ri pàidheadh $200 am mìos sa chaidh, bith agad ri pàidheadh $1100 leis an aon ìre de chleachdadh.

'S cùis-èiginn a th' ann ann an dòigh. Bith sin na dhuilgheadas mòr do na bochdan. Aon rud as cinnteach, chan eil mise ag iarraidh a leithid de chunntas an ath-mhìos. Rud a chuir fearg orm, 's e s gu bheil na cìsean ùra a' dol air ais dhan latha a chaidh an tomhas-cleachdadh-dealain sa ma 's ann a thachair e sa Ghiblean. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a' dol air ais ann an tìm 's a chuir na cìsean an àrd nuair nach robh ginn dealain ann. Thug mi sùil air an cunntas agam. Chaidh e a leughadh turas mu dheireadh 10mh a' Ghiblean 's 's ann air an latha a tha na cìsean ùra a' tòiseachadh dhomh, seachdain ro a thachair an tubaist. B' fheudar a bhith fios agam air dè a thachradh sa àm ri teachd. Na mèirlich!

Nuair a thèid thu a-mach, tha na bùthtean dorach 's tha cuid mhòr de na solais dheth.

Co-dhiù, gu ruige seo, tron gheamhradh tha sin air a bhith a' cleachdadh mu 45 KW-hr gach latha. As t-samhradh bith sinn a' cleachdadh 25 KW-hr. Bhon a thoisich dealan a gheàrradh air ais, tha sin a' cleachdadh mu 20 KW-hr gach latha. Tha sinn air a h-uile a càil a gheàrradh às sa urrainn. 'S gann gu bheil uair sam bith sa bhalla mura a bheilear a' cleachdadh.

Thursday, April 17, 2008

Loighnichean dealain air milleadh ann an Juneau



Thachair maoim-sneachda an-dè gu deas à Juneau an-dè a rinn milleadh air loighnichean-dealain a tha a' dealanachadh a' bhaile. Bith 85% gu 90% a' tighinn tro na loighnichean sin. Tha iad ag ràdh nach teid iad an càradh taogh a-staigh dhà neo trì mìosan. Theid am baile dealanachadh le dieseil ach cha bhith dealan gu leòr ann dhuinn co-dhiù.





Tha iad a' cuir suas na prìsean dealain còig uiread an taca ris na bha iad. Tha sin a' ciallachadh math bha agad ri pàigheadh $200 mìos sa chaidh, bith agad ri pàigheadh suas ri $1000 an ath-mhìos!

Tha feadhainn mar a tha a' gearan, tha na prìsean ro àrd, ciamar a ghabhas na daoine-bhochd a phàigheadh, bu chòir a bhith taic ann dhaibh. Uill, tha fìreann brùideal ann co-dhù. Chan eil dealan gu leòr ann dhuinn 's mura a tèid na prìsean àrd gu leòr, cha gheàrrar an dealan gu leòr.

Agus dè a nì mise gu eadar-dhealaichte? Uill, bho sin a-mach bith samh orm, uill samh a bharrachd nan `bhaist co-dhiù. Cha do ghabh mi fras-nighe sa mhadainn-sa 's nuair a ghabhas, cleachdaidh mi uige fionnar seach teth.

Bha spàirn mu dheireadh a' gheamhraidh ann dhuinn cuideachd. Mu sia òirlich sneachd a thuit tron oidhche.