An Gaidheal Alascanach

Monday, July 25, 2011

Òraid Obama mu Àirdeachadh Fiachan

Lìbhrich Obama òraid mud rèiteachadh a tha dol mu àirdeachadh ìre fiachan. Bho thus gu h-èis, 's e òraid iomairt an taghaidh a bh’ann. Bha e a’droch-chàineadh nam Poblachdach. ‘S iadsan as coireach. Agus Bush cuideachd. Dh’iarr air muinntir na Dùthcha fòn a chur do na Riochdairean Poblachdach an Taigh nan Riochdairean. Bho thoiseach, ‘s ann o bhun-bharailean soisealach tha e air a bhith dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo. Rinn e iomradh air “millionaires 's billionaires” ‘s an uair sin bha e a-mach air àirdeachadh cìsean air an fheadhain a bhuanaicheas tòrr ‘s $250,000. Deagh bheachd mas e peacadh th’ann a bhith cruthachadh cosnaidhean. ‘S iad gnìomhasan beaga a chruthaicheas cosnaidhean mar as bitheanta. Chan eil feum sam bith a bhith gan tachdadh le císean ùra.

Ach ge-ta, an fhírinn innse, tha cùisean air a bhith dol air adhart as aonais Obama bho Dihaoine sa chaidh co-dhiù nuair a bhris síos rèiteachadh a bh'air a bhith ann gu ruige seo eadar ceannardan Taigh nan Riochdairean 's Obama. Bhon uair sin, tha ceannardan Taigh nan Riochdairean 's ceannardan an t-Seanaidh air a bhith rèiteachadh ri chèile, as aonais Obama.

Tha plana a'gabhail cruth a-nis eadar Deamocrataich an t-Seanaidh 's Poblachdaich Taigh nan Riochdairean, plana a tha a-nis as aonais àirdeachadh císean. Smaoinich air mar tha cùisean air atharrachadh bhon earrach nuair a bha Obama 's na Deamocrataich ag èigheachd airson àirdeachadh fiachan gun cùmhnant sam bith. Tha diofaran ann gu dearbh eadar dreachd an t-Seanaidh 's dreachd Taigh nan Riochdairean. Fo dhreachd Taigh nan Riochdairean, bhiodh bhotadh ann san Taigh 's san t-Seanadh air atharrachadh dhan bhun-reachd far am biodh eneo-ceadaichte dhan riaghaltas buideadan neo-chothromach chur an gníomh seach ann an suidheachan sònraichte.

Tha mi caran teaghmach gun tèid an t-atharrachadh a cheadachadh. Ach, tha e cudthromach gun gabh am bhotadh seo àite co-dhiù. Oir bith a'cheist seo mun atharrachadh dhan Bhun-reachd anabarach fhèin cudthromach san ath-thaghadh 's feumaidh fios a bhith aig luchd-bhotaidh cò tha air shon 's cò tha air aghaidh.

Sunday, July 24, 2011

Beachd-Smuaintean mun t-Suidheachadh Àirdeachadh Ìre Fiachan

Carson gur ann le Obama seachd Taigh nan Riochdairean a bu chòir làmh an uachdar bhith ann an-dràsda. Shaoileadh tu gur e seo a'bhun-bharail a th'aig a'mhòr sna meadhanan. 'S esan a tha na Cheann-suidhe, faodaidh e mar a thogras e. Uill, chan eil Dictators againn ann an Ameiregaidh. 'S chan e cumhachd iomlan a th'aige fo bhun-reachd 's tha iomallan ann do a chuid chumhachd gu h-àraidh ri thaobh cùisean ionmhais, 'S ann leis a'Chongail a tha a'chumhachd seo.

'S mar sin, bha e gu tur neo-iomchaidh ordughan a thoirt do cheannardan a'Chongail gus nochd iad fhèin an Taigh Geall. 'S e roinn co-ionnan 's neo-eismieleach anns a'Chongail 's chan eil còir aige òrdughan a thoirt dhaibh san dòigh seo.

Tha e cur fearg orm gach uair a tha iad a-mach air default. Chan e default a th'ann idir. Tha airgead gu leòr aig an riaghaltas riadhan a phaigheadh. Tha na tighinn a-steach rudeigin mar deich uibhir nas motha na th'aca ri phàigheadh airson cosgais rèidh. Tha íre rèidh air fiachan Riaghaltais nan Stàitean Aonaichte fhathast íosal sna margaidhean, nas ísle na 3%! Nan robh teanns de default sam bith ann, bhiodh íre rèidh mar tha a'dol an àrd. Tha na deamocrataich a'feuchainn eagal chur daoine gus am faigh iad na tha iadsan ag iarraidh: císean air an cur an àrd. Agus tha a'leantainn air dhan ath phuing agam.

S e daonnan poileataigs a tha fa-near do na deamocrataich, poileataigs seach maith na dùthcha. Bha cothrom aig na deamocrataich íre fhiachan chur an àrd nuair bha iad fhathast ann an cumhachd ro thoicseach na bliadhna. Ach do rinn iad sinn. Bith cuimhne acaibh 's dòcha nach do rinn iad buidead na bu mhotha. Tha iad a'deanamh sin air sgàth gu bheil iad dòchasach gun toir iad do na Poblachdaich císean chur an àrd. Nan chuireadh na Poblachdaich an àrd císean, bhiodh sgairadh mòr ann nam measg 's bhiodh deagh theans ann gum buannaich na Deamocrataich san ath-thaghadh. Sin a thachair do Bush 41 ann an 1992.

Agus tha e nàdarach fhaighneach, carson nach bu chòir císean gan chur an àrd co-dhiù. Uill, 's e cus cosgaisean cnac na cùise 's chan e díth airgid. Tha cosgaisean an riaghaltais air èiridh suas gu cairteal den eacomaidh air fad. Leugh mi rudeigin inntinneach an-diugh. A-rèir sa leugh mi, tha íre císean air a bhith àrd 's tha e air a bhith íosal tro'n an fhicheadamh linn, ach cha do dh'èiridh na tighinn a-steach dhan riaghaltas riamh na b'àirde na 20% den eaconomaidh. S e seo nàdar de dh'iomall de a ghabhas dhèanamh.

Nuair a chuireas tu císean ro àrd, tachdaidh tu an eaconomaidh 's chan fhaigh thu an cuid airgead air an robh thu an dùil co-dhiù. Faighnich dhan na Greigich mur a bheil sin fíor. Tha na geniuses aig an IMF air toirt dhan Ghrèig uair 's uair císean chur an àrd 's geàrraidhean chur ann gníomh 's tha na tighinn a-steach dhan riaghaltas na Grèige daonnan a'tuiteam. Tha eaconomaidh na Grèige ann an death spirial a-nis.

Monday, July 11, 2011

Desbaid mu Àirdeachadh Ìre Fhèich

Tha mi air a bhith dlùth-leantainn an deasbaid mu àirdeachadh ìre fhèich sna Stàitean Aonaichte.

Gu ruige deireadh an linn George Bush, 's e mu $400 billion dollar an ìre as àirde nan easbhaidhean bliadhnail sna S.A. agus aig an àm sin bha tòrr gearainean mu cho àrd sa bha sin. Ach bhon uair sin, chaidh na h-easbhaidhean nam meud gu mòr 's iad a'ruith eadar $1 agus $1.7 trillion dollar gach bliadhna. Bho thoiseach linn Obama, tha an ìre fhèich air riaghaltas nan Stàitean Aonaichte air a dhol an àrd bho mu $10 trillion dollar gu seachad air $14 trillion agus air rèir figearan san amharc, leanaidh an t-àirdeachadh seo air mar seo mur thèid dad atharrachadh.

Rud eile. An latha an-diugh, tha cumhachd ionmhais gu math lag aig Taigh nan Riochdairean an taca ri mar a cha cùisean bho thùs. A-rèir bun-reachd nan Stàitean Aonaichte, 's ann leis a'chongail a tha cumhachd ionmhais agus 's ann san Taigh nan Riochdairean a thòisicheas gach bile ionmhais. Ach chan eil sin buileach fìor ri thaobh nan 'entitlements' mar a chanas iad. Tha na entitlements stèidhte ann an lagh 's ma tha thu airson atharrachadh a chur cosgaisean entitlements, feumaidh tu an lagh co-ceangailte riutha atharrachadh sa chiad a-dol a-mach agus faodaidh an t-seanaid stad a chur air an atharrachadh seo 's faodaidh an ceann-suidhe veto a chur air cuideachd. Tha seo gu math diofraichte bho mar a bha cùisean bho thùs, mus do thàinig entitlements a-steach. Roimhe sin, mura robh taigh nan riochdairean deònach airgead a chosg airson rudeigin, cha robh mòran a b'urrainn dhan t-seanaid neo dhan cheann-shuidhe ri dhèanamh mu dheidhinn.

Ach ri thaobh àirdeachadh ìre Fhèich, tha cùisean fhathast an ìre mhath mar a bha iad roimhe san fharsaigneachd. Mur a bheil Taigh nan Riochdairean deònach ìre fhèich chur an àrd, chan eil mòran as urrainn dhan t-seanaid neo dhan cheann-suidhe a dhèanamh.

Agus tha na deamocrataich air a bhith dol as an rian le bhith dubh-chàineadh nam Poblachdach. Tha iad ag ràdh gu bheil na Poblachdaich a'cur na dùthcha ann an èiginn air sgàth nach iad a'co-dhùnadh íre fhèich chur an àrd. Tha iad ag ràdh gu bheil iad an iompaidh na margaidhean a chur troimhe-chèile.

Ach sin an rud. Ma tha sin fíor, carson a tha íre rèidh air fiachan nan Stàitean Aonaichte air a bhith dol síos sna làithean mu dheireadh? Cuimhnich, nuair a dh'fhàs Iomagain mu shuidheachadh ionmhais anns a'Ghrèig, chaidh prísean na'm fiachan síos air sgàth daoine cho deònach sa bha iad roimhe 's mar sin íre rèidh an àrd.

Seo mo bheachd-sa. 'S ann air easbhaidhean a th'air a bhith síor-dhol am meud a tha a'cur iomagain air na margaidean. Agus cuiridh mi geall gun tèid íre rèidh air fiachan nan S.A. suas mura thig co-dhùnadh a chuireas smachd air easbhaidhean.