An Gaidheal Alascanach

Monday, May 26, 2008

Suidheachadh dealain ann an Juneau 's criomagan eile

Uill, leagh an-dè gu na croinn uile a chaidh a mhilleadh le maoim-sneachda mu sia seachdainn air ais air an togail às ùr a-nis 's tha iad a-nis a sìneadh ueirichean orra. 'S ann mìos air thoiseach air na bha iad an dùil 's 's e deagh naidheachd a tha seo dhà-riribh.

Dh' ionnsaich mise mòran tron t-suidheachadh seo mar a ghabhas dealain a gèarradh. An toiseach, bha sinne a' cleachdadh mu 45 kw-h gach latha ged a b' ann do teasachadh an taighe a bha cuid dheth. Bhon a thachair an tubaist, tha sin a' cleachdadh mu 16 kw-h gach latha. 'S aithne dhomh cuideigin a tha a' cleachdadh my 7 kw-h gach latha. Cha mhòr an aon rud a th' air 's am fridg aige. An rud a dh' ionnsaich mi 's gun teid a gach h-uile kw-h a cleachadh a saor-thoileach. 'S nan robh am prìs $100/kw-h, tha fios agam gun teid mi far an lìon-dealain builleach.

Ach tha amaideas ann cuideach. Tha am baile Juneau a' toirt taic airgid dhan fheadhain nach eil deonach an cuid dealain a ghearradh. Tha fhios nach mar seo a tha iadsan a' faicinn a' chùis, dhaibhsan tha iad a' cuideachadh nam bochdan. Ach an rud a tha tachairt 's e gu bheil an fheadhain a' cleachdadh 20 neo 15 neo 7 kw-h an latha a' toirt airgead tro chìsean dhan fheadhain a tha a' cleachdadh tuilleadh dealain. Tha an riaghaltas a' milleadh a' mhargaidh a tha ag innse dhuinn ar cuid dealain a ghearradh. Mar a thuirt mi, nan robh am prìs $100/kw-hr, cò mheud dealain a chleachdadh tusa?

Chunnaic mi aithris an-dè a tha fada nas ciallaiche dhomh a-nis 's nan biodh e, can dhà mhìos air ais. Leugh gu robh taigh Al Gore a' cleachadh 221,000 kw-hr gach bliadhna. Tha seo co-ionnan ri tòrr is 600 kw-hr an latha.

Cha can mi an còrr.

Chuck

Sunday, May 18, 2008

Tha thu a' cuir ri blàthachadh na Cruinne ma tha thu reamhair

Sin a-reir aithris Reuters a nochd an t-seachdain-se:

A-reir iadsan, bith daoine reamhair a' caitheamh connaidh a bharrachd airson a bhith a' siubhal agus bith an cuid bìth a bhios iad ag ithe a caitheamh connaidh a bharrachd cuideachd.

Tha iad a' cuir nam mathan bàn ann an cunnart le bhith ag ithe cus!!!

Chosg iad airgead airson a' phìos rannsachaidh a tha seo.

Dhomhsa, tha sinn a' ciallachadh gu bheil cus airgead ag an fheadhainn a tha a' rannsachadh blàthachadh na cruinne 's tha sin a' toirt buaidh air na tha iad a' faighinn a-mach.

Saturday, May 17, 2008

Seo agaibh bhideo-cunntais a rinn mi mu chuairt a rinn mi a Choffman Cove an eilean Prince of Wales sa cheann ear-dheas Alasga. Mo chomhairle dhuibh: leig am bhideo sruthadh rud beag an toiseach.



Cuairt a Choffman Cove from Charles Tripp on Vimeo.