An Gaidheal Alascanach

Monday, September 03, 2007

Chiad Shneachd a' Gheamhraidh


Uill, chunnaic sinn beagan sneachd ùr air na mullaichean nam beann air cùl glinn Mendenhall an-dè (Didòmhnaich).
Tha buaidh aig sin air slàint na h-eighr-sruth. Mar as tràithe 's ann as fheàrr dhan eighr-sruth. Tha sinn a' faicinn na h-eighr-sruth fhèin tro na craobhan.
Tha fhios gu bheil an eighr-sruth a' leaghadh air ais. Blàthachadh na cruinne tha iad ag ràdh ris. Ach an rud a tha inntinneach dhomh 's e mar cho fada sa tha sinn air a bhith a' tachairt. O chionn chiad gu leth bliadhna bha an t-àite seo far an do thog mi an dealbh-sa còmhdaichte leis an eighr-sruth a tha sinn a' faicinn tro na craobhan.
An geamhradh sa chaich, fhuair sinn an uiread de shneachd as motha a chunnaic duine geal a-riamh sa sgìre seo. Agus ged a tha tuilleadh sneachd na an àbhaist anns na beanntainn aig an àm seo na bliadhna, tha amharas agam gum biodh an eighr-sruth a' leaghadh air ais fiù 's nan robh sreath de gheamhraidhean, nan ficheadan an sreath a chèile. Tha e ro bhlàth, bho Chèitinn gu toiseach an t-Sultain, tha a h-uile càile a' leaghadh. An ceist a th' agam, dè seòrsa de aimsir a b' fheudar a bhith ann a dh'adhbhraich an eighr-sruth a dh' fhàs mar a rinn i gu ruige 1760? Dè an diofar eadar an àm ud 's an àm seo?
Rud a tha inntinneach, tha eighr-sruth eile ris an canar Taku nach eil ro fhada bhon àite seo, tha an eighr-sruth seo rudeigin nas motha nam fear seo agus blathachadh na cruinne ann neo às tha tè seo a' fàs. An geamhradh sa chaidh, nuair a fhuair sinn 200 oirlich sneachd (aig ìre na mara) fhuair an sgìre far a bheil Taku suas gu 400 oirlich. Co-dhiù, tha an eighr-sruth a' fàs agus a-rèir s na chuala mi, tha i a' sguabadh a h-uile nì roimhpe, a' putadh sìos craobhan 's rudan mar sin.