An Gaidheal Alascanach

Monday, February 07, 2011

Co-fharpais Gunna-làimhe

Chuck shooting in steel plate match from Charles Tripp on Vimeo.



'S bho riamh a bha mi ag iarraidh pàirt ghabhail ann an co-fharpais gunna-làimhe truinnsear stàilinn. Tha an co-fharpais seo stèidhte air tìde a-mhàin. Mar as luaithe, 's ann nas fheàrr, 's coma leat co mheud peilearan a chleachdas tu.

Chleachd mi gunna a cheannaich mi an-uiridh, 45 acp, 1911-A1 GI Series FSP deante le Rock Island Armory. 'S e dearbh sheòrsa de ghunna a chleachd arm nan S.A. bho 1911 gu ruige nan 1990an 's tha e ga chleachdadh fhathast le cuid dhen arm nuair a tha roghainn aca.

Tha mi toilichte gu leòr o mar rinn mi. Bha mi fada gu leòr, ach feumaidh aideachadh an fheadhainn a bhuannaich fada na bu luaithe na bha mise. Bha iad a'bualadh nan tragaidean taobh a-staigh 5 tiotan.

'S ann o chionn fhada nach d'fhuair spòrsa mar a fhuair mi sa cho-fharpais seo.