An Gaidheal Alascanach

Wednesday, July 04, 2007

Ag ithe studh-spreidhidh



Seo agaibh dealbh dhìom ag ithe boma. 'S dòcha gu bheil sibhse ag ràdh: chan e boma ach paidh a th'ann. Agus mas e sin do bharail-sa, chan eil thu a'coimhead air a'chùis tro shùilean ceart.

San dealbh seo, tha nam shuidhe anns a'phort-adhar ann an Sitka, Alasga 's tha am port-adhar air leth cliùiteach airson paidhean a bhios iad a'rèic ann. 'S tha muinntir a'chinn ear-dheas Alasga air a bhith gu math cleachdte a bhith a'faighinn às a'phlèan nuair a stadas iad ann an Sitka 's a'ceannach slis blasda paidh a dh'fhaodadh iad ithe sa phort-adhar fhèin neo a thoirt leotha air ais air a'phlèan. Bith feadhain a'toirt paidh sa phèana dhachaigh ann an Juneau neo ann an Ketchikan neo an àite sam bith eile nach eile ro fhada bho Sitka.

Uill, chùm na cùisean mar seo thar iomadach bliadhna gus an do dh'fheuch luchd-ceannairc, an-ùiridh, bomaichean ann chruth lìonn thoirt air bòrd itealain ann am Breatainn.

'S thàinig a-steach air an fheadhainn a tha a'dèiligeadh ri teàraineachd nan itealan sna Stàitean gun ghabhar boma a thoirt air bòrd itealan ann an cruth paidh. Agus b'e sin deireadh na bhith a'toirt paidhean air bòrd itealain.

Smaoinich air dè a thachradh nam lorgadh iad thu a'feuchainn slis pàidh blasda a thoirt air bòrd itealain. Rachadh tusa dhan phrìosan 's bheireadh iadsan am paidh gu meadhan raoin far an sprèidheadh iad e gus am bi iad cinnteach nach eil e cunnartach. Dhomhsa, b' e sin eucoir as miosa a rinn luchd-ceannairc.

Ach chan urrainn dhut a bith ro fhaiceallach. Smaoinich air an sgrios a thachradh nan leigeadh iad paidhean air itealain. Seo eiseimpleir dhuibh:









Uill, aig deireadh an latha, chan eil cùisean cho dona ri sin. An fhìreann, a-reir na chuala mi, cha do mhàir an suidheachadh-sa ach mìos. Oir, thàinig a-steach orra nach eile mòran donas ann an slis paidh. 'S tha mise gu math taingeil. Oir aig an dearbh àm sa tha mi a'sgrìobhadh nam faclan-sa, tha mi a'feitheamh sa phort-adhar ann an Sitka 's dhà shlis paidh nam làimh a itheas mise 's mo bhean nuair thilleas mi dhachaigh ann am Juneau.