An Gaidheal Alascanach

Monday, February 04, 2008

Smuaintean mu dheireadh ro'n bun-taghadh Super Tuesday

A-màireach bith bun-taghadh ann as dòch' as ciallaiche a chunnaic mi nam bheatha. 'S iongnatach mar a tha cùisean cho teann cho anmoch air taobh seach taobh aca. Ach 's ann gu h-àraidh air na Poblachdaich a tha an ùidh as motha agam.

A rèir coltas, tha làmh an uachdair aig John McCain ach tha smuain neo dhà eile agam air a' chùis. 'S e seo bliadhna as miosa airson cunntais-beachd. Bha iad fada ceàrr ann an New Hampshire ri thaobh Clinton, (bhuanaich ise ged a bha dùil ann gun bhuanaicheadh Obama). An duilgheadas a th' ann 's e gu bheil suidheachadh cho eadar-dhealaichte bho stàite gu stàite. Bhith na riaghailtean eadar-dhealaichte, cò aig a bheil còir-bhotaidh sa bhun-taghadh nam Poblachdach: neo-eismeilich neo dìreach na poblachdaich fhèin, an tèid na riochdairean air an roinn a-rèir cuid às a cheud a fhuair gach tagraiche (agus nas minitiche, dè na riaghailtean airson an roinn) neo an tèid iad gu lèir dhan tagraiche a fhuair cuid as motha de na bhotaidh? Ann an cuid de stàitean, tha cuid mhòr dhen na luchd-bhotaidh air bhotadh mar tha, bho chionn fhada leis gu bheil còir aca bhotadh ro-làimh, 's e dìreach foillseachadh nam bhotadh a thachras a-màireach.

'S dòcha gu bheil gam' mhealladh fhìn, ach tha amharas agam nach tèid cùisean idir mar a tha dùil aig na luchd-naidheachd. 'S dòcha gum buanaich McCain dìreach glan, ach 's dòcha nach buanaich. Nam' bheachdsa, na bhotaichean nach ann airson McCain 's ann na aghaidh a tha iad. Chan eil e a' faighinn corr 's 35% sna làithean-sa sna cunntasan-beachd. Tha sinn a' ciallachadh gu bheil 65% nam poblachdach na aghaidh, air an roinn eadar dithis agus cuid aig nach eil fhios fhathast cò a thaghas iad. Gu mataimeataigeach, tha doirbh buanachadh an aghaidh dithis le dìreach 35%.

Rud eile, gu ruige seo, tha suas gu 93 riochdairean aig McCain, an aghaidh suas ri 120 air an roinn eadar Huckabee 's Romney. Thèid corr is 1000 riochdairean an taghadh air Super-Tuesday, 29 ann an Alasga fhèin. Tha feum air corr is 1000 riochdairean agad airson buanachadh aig coinneamh nàiseanta nam Poblachdach. Tha e gu math buailteach nach fhaigh McCain neo duine sam bith eile na riochdairean a tha dhìth orra airson buanachadh gu glan aig coinneamh nàiseanta.