An Gaidheal Alascanach

Monday, January 19, 2009

Latha Eachdraidheil

Tha latha eachdraidheil bu bhith ann nuair a thèid Obama a mhionnachadh a-steach mar Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte.

An toiseach tha mi airson sùil a thoirt air Bush. Tha fhios gu bheil e caran fàiseanta a chàineadh o a h-uile taobh ach cha toil leam a bhith ro fhàiseanta.

Chan urrainn breitheanas ceart a thoirt air Bush gun a bhith smaoineachadh air 9/11 's a' bhuaidh a bh'ann dha. Cha bhith fios againn a-chaoidh dè sheòsa cheann-suidhe a bhiodh ann am Bush mura do thachairt an ionnsaigh uabhasach a bha seo. Bhàsaich an Seòras Bush a bhuannaich an taigh geall ann an 2000 nuair a sheas e air na tobhtaichean ann an New York corra làithean as deidh na h-ionnsaigh. Mhionnaich e nach tachradh a leithid a-riamh fhada sa bhiodh esan na cheann-suidhe. 'S ann air sailleamh sin a chaidh e gu cogadh ann an Iorac: gus stad a chuir ionnsaighean eile. Sin a bha fa-near dha, ge b' e cho cunnartach sa bha Iorac ann an da-riribh.

'S cha bhi fhios againn air mu dè a dheanadh Gore na àite. Tha e furasta dìochuimhneachadh mar cho trom sa Clinton an aghaidh Iorac, 's ann fo Chlinton a chaidh am poileasaidh Regime Change a stèidheachadh sa chiad dol-a-mach.

An gearan a th' agamsa ri thaobh a' chogaidh chan e gun deach sinn gu cogadh, 's e an dòigh sa làimhsich e an cogadh. An toiseach, cha do chuir e saighdearan gu leòr sa ghothaich. Chuir sinn an sàs an treas cuid de na b' againn ann an 1991 airson Kuwait a shaoradh. Ged a dh' fhoghain na bh' againn airson ruaig a chur air an arm Ioracach, cha robh feachdan gu leòr ann airson smachd sìobhalta a chumail air an dùthaich. Bha seo foilliseach cha mhòr bhon uair a bhuannaich iad Bagdad. 'S dè rinn iad an uair sin? Sgaoil iad an t-arm Iorach, an aon sian dhen seann riaghaltas a bh' air fhàgail air bheireadh smachd air an dùthaich 's sgaoil iad e.

Dhomh-sa, se seo am mearachd as miosa a rinn e.

'S e trì bliadhnaichean mus do thuig e gu robh feachdain a dhìth.

Ri thaobh an eaconomaidh, tha e nàdarach a bhith a' càineadh an duine a tha san taigh gheall nuair a thòisicheas an crionadh dhan eaconomaidh. Ach, feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil na freumhaichean dhen staing sa bheil sinn an-dràsda a' dol cho fad' air ais ri na seachdan 's na poileasaidhean an Riaghaltais ri thaobh taigheadas. An gearan a th' agam ri Bush 's an eaconomaidh, chan e gun do dh' adhbhraich na doighleadasan ach gu robh cothrom aige cùisean chur gu ceart nuair a ùine ann fhathast 's cha do chuir. Bha fianais ann mar tha air fàire ann an 2005 nach robh cùisean buileach rèidh le Fannae Mae 's Freddy Mac, na dhà bhuidhinn morgaidean a bh' air cùl na morgaidean gun ciall a bha iad a' toirt a-mach aig an àm. Bha fios aca, gum b' fheudar dhaibh an siostam atharrachadh. An fhìrinn, 's iad na Poblachdaich 's na Deamocrataich còmhla as coireach ach 's e Bush a chaidh a choireachadh.

Gearan eile a th' agam mu Bush, 's e gun do chosg e cus. Mar as àbhaist 's iad na deamocrataich a bhios a' cosg cus ach le Bush, tha sinn a' faicinn nach eil sin daonnan fìor. Seo as coireach gu robh mi cho deigheil airson Palin. Mar dhuine a tha ag obair airson an riaghaltais Alasga, tha mise a' faicin mar a tha i a' cumail cosgaisean fo smachd ann an dòigh a tha cho ainneamh an latha an-diugh.

Mus fhàg mi Bush, bu mhath leam iomradh dheanamh air na rudan matha a rinn e. Às deidh na h-ionnsaighean, dh' aithnich e gu robh sinn mar tha ann an cogadh. Chuir e stad air a bhith dèighleachadh ri ceannarchdachd mar cùis-fhir-lagha 's dh' aithnich e gur cùis-shaighdearan a bh' ann. Dh' aithnich e cuideachd gum b' fheàrr stad a chur air an ath ionnsaigh seach a bith a'feitheamh ris gu sunndach 's a bhith sgioblachadh às deidh làimh.

Obama

Feumaidh mi aideachadh an toiseach nach do bhot mi air a shon. Tha an fheallsanachd phoiliteagach aigesan gu math diofraichte bhon tè agamsa. Ach feumaidh sinn aithneachadh mar cho eachdreacheil sa tha an latha seo. Chaidh an dùthaich seo stèidheachadh air prionnsapalan cudthromach: gu bheil a h-uile duine co-ionnan 's gu bheil còireachan aca bho Dhia. Ach bha beàrnn mòr mòr ann eadar an prionnsapal s an da-riribh. Bha fiù 's tràillean aig Jefferson a chuir guth air na prionnsapalan sin. Agus 's e eachdraidh fhada 's aig àmannan fuilteach a th' air a bhith againn ann an bhith a' coilìonadh a' bheàrn a tha seo. Le Obama a' buannachadh an taigh ghil, 's e ceum eile san iomairt seo. Tha mi a' cantainn sin ged a bhot mi airson an duin' eile.

Agus tha mi an dòchas gun soirbhich leis. Tha dùbhlan mòra mu choinneamh, tha fhios. Tha an eaconomaidh ann an staing. Tha mi an dòchas gun cuir e cùisean na s' fheàrr gun a bhith a' cur cus air na fiachan a th' oirnn 's gun a bhith a' cur cìsean an àrd. Feumaidh e a bhith faiceallach ri thaobh Pakistan. Tha an riaghaltas caran caogalach ann an sin 's ma thuiteas e, tha eagal orm gun tuit an armachd-niùcleasach aca ann an droch làmhan.

Tha rudan eile ach foghainich siud an diugh.








Seo as coireach gun deach e gu cogadh ann an Iorac, 's chan ann air sailleamh gu robh

Sunday, January 18, 2009

Aimsir Neònach



An t-seachdain-sa chaidh, bha i cho fuar ri -26C. An t-seachdain-sa, tha e doirbh a chreidsinn mar cho blàth sa tha i. Thòisich uisge a bhith an seachdain air ais. Chan eil seo cho neònach, ach lean i oirre a bhlàthachadh. Bha an talamh fhathast fuar 's bha an t-uisge a' reòthadh air an làr. Mar a shaoileadh tu, bha na rathaidean gu math sleamhainn. Tha e fhathast fuar gu leòr, 1 neo 2C ach air an t-sligh gu obair air mo bhaighsagail, bho àm gu àm mhothaichinn deòthan a bha cho blàth, dìreach airson diog neo dhà, shaoileadh tu gu robh thu ann am meadhan an t-samhraidh. 'S bha fàilidhean àraidh air a' ghaoith cuideachd.

Uill, an-diugh, bha i 16C. Agus a-rithist, 's e measgachadh neònach de blàths 's fuachd a bh' againn. Aig amannan, bha i fuar 's an uair sin biodh e cho blàth. Bha fàilidhean àraidh air a ghaoith nach do bhlas mi riamh cuideachd. Mhothaich a h-uile duine e 's sheas fiù 's an cù agam airson ùine mhòr airson blas fhaighinn dhen ghaoith.

Mar a tha mise a' tuigsinn na cùise, 's ann a tha a' ghaoth a' tighinn a-nall à sgìrean troipeagach fad' air falbh thar a' chuain.

Thog mi an dealbh seo sa mhadain air èiridh na grèine 's tha sinn a' faicinn mar a tha an loch a' leaghadh.

Monday, January 12, 2009

Maoim-sneachda eile 's aimsir an uiridh na Juneau

Thachair e a-rithist. Thachair maoin-sneachda ann an-diugh a rinn milleadh air na ueirichean a bheireas dealain do Juneau. Tha sin a' ciallachadh airson an darna uair taobh a-staigh bliadhna gu bheil sinn ann an dìth-dealain. Bith a h-uile càil air a bheathachadh le dieseil. Tha deiseil nas saora na bha nas tràighe as t-earrach ceart gu leòr ach 's e an geamhradh a th'ann an-dràsda. Tha sinn a' ciallachadh nach eil e cho furasta geàrradh air ais. An uiridh, stad sinn ar cuid aodaich thiormachadh le inneal 's thiormaich sinn e taobh a-muigh. Ach an-dràsda, cha fhaigh sinn ach aodach cruaidh reòidte. 'S ma thiormaicheas taobh a-staigh, bith tòrr mòr taiseachd ann 's chan fhaigh iad tiorm ach an ceann corra làithean co-dhiù.

Rud eile, nochd aithris air mar a bha i ri taobh aimsir an uiridh ann an Juneau. Tha i .8C fon an àbhaist, cha robh mòran iognadh dhuinn ann an sin 's bha an treas cuid a bharrachd dhuinn ri thaobh sneachd, 136 oirlich an taca ri 93 mar as àbhaist. Chuala sinn cuideachd gun do dh' fhàs an uiread deighe san raoin-deighe thar na bliadhna sa chaidh seachad, seo airson a chiad uair o grunnd bliadhnaichean.

Sunday, January 11, 2009



Tha e air a bhith gu math sneachdach sna làithean-sa. Chanainn gun do thuit suas ri tri tròigh thar an t-seachdainn-sa chaidh.

An t-seachdain-sa, bha mi san oifis 's tòrr mòr sneachd ann. Bha seid-sneachd a' ruith taobh a-muigh an oifis agam. Thuirt mi ri co-obraiche, he, tha iad a' gearradh an fheòir, a' leigeil orm gur e an samhradh a bh' ann. Rinn e gàire. Chuala mi buille air a' bhalla bhon taobh a-muigh. Hey, thuirt mi ris an co-obraiche a-rithist, feumaidh iad a bhith faiceallach leis na clachan, faodaidh iad cron a dhèanamh air an fhaobhar. An uair sin, thòisich na buill a bhreabadh ris an uinneig ('s e pìosan deighe a bh' ann). Hmm, thuirt mi rium fhìn, faodaidh na clachan tìghinn tron ghlainne.

'S ann an uairsin a thòisich an uinneag a dh' fhosgladh fo phutadh an t-sruth 's an sneachd a dòirteadh a-steach. O mo chreadh, thuirt mi rium fhìn. Dh' fheuch mi an uinneag a dhùnadh 's a ghlasadh ach cha robh dòigh ann ri a ghlasadh. Chùm mi orm a cùmail dùinte fad 's a bha an sneachd a' sruthadh na h-aghaidh. Mu dheireadh, stad an sruth sneachda. Cha robh ann ach beagan sneachd air an làr 's air an deasg. Smaoinich dè a thachradh mur a robh mi ann. Dh' faodainn a bhith air falbh airson adhbhar sam bith 's bhiodh cnap mòr sneachd air an deasg agam nuair a thiginn.

Tha sin a' cuir nam chuimhne sgeul a chuala mi bho charaid dhomh a dh' obraich uaireigin anns na beanntain ann an California. Bha iad a' sèideadh sneachd far na rathaidean 's b' fheudar dhaibh, an sgioba sèid-sneachda, a bhith faiceallach faisge air na taighean ach dhìochuimhnich iad. Bha an taigh a bha seo falamh sa gheamhradh ach bhiodh na daoine a' tìghinn air ais as t-earrach 's nuair a thill iad, bha an taigh aca làn sneachd. A rèir coltais, an rud a thachair, 's e gun do dhìochuimhnich an sgioba sèid sneachd 's sheid iad an sneach air an taigh aca gu dìreach, a' briseadh a-steach tron na h-uinneagan 's ann am prìobadh na sùla, lìon iad an taigh gu lèir le sneachd. Chan fhaca na daoine leis an robh an taigh an sgrios a thachair gus an do thill iad as t-earrach 's an taigh aca lìonte gu tur le sneachd.

Cha robh iad air an dòigh.

Wednesday, January 07, 2009

Gas agus Proportionality

Gheàrr Rùisia gas a tha a' dol tro Ugraidhn a dh' ionnsaigh na Roinn Eòrpa. Le ìmpidh Putan chòir, seo cothrom dhan Roinn Eòrpa a làrach-gasaichean blàthachadh na cruinn a lùghdachadh, ann am meadhon a' gheamhraidh.

Proportionality. Tha iad ag ràdh gun go thilg Hamas mu 6000 rogaidean air Israel bho 2005. Leis na 6,000,000 neach a tha a' fuireachd ann an Israel, tha seo ag obrachadh a-mach ri aon rogaid airson gach mìle neach. A reir proportionality, tha sin a' ciallachadh gun rachadh 30 rogaidean air Juneau (àireamh-shluaigh 30,000) thar na trì bliadhnaichean mu dheireadh, neo 500 rogaidhean air Dùn Eideann (500,000 neach?)neo 10 rogaidean air Inbhir Narann neo 8000 air New York neo 7800 air Lunnain (chaidh 1358 rogaidean V-2 a thilgeil air Lunnain aig àm darna chogaidh).

Ach chaidh na rogaidean a thilgeil air a' chuid a tha a' fuireachd sa cheann a deas Isreal 's chan e Israel air fad. Canaimaid gur e an treas cuid muinntir Israel a tha a' fuireachd ann an astar nan rogaidean. Tha sin a' ciallachadh gum biodh na h-àireamhan coimeas a thuirt mi trì uiread nas motha.

Co dhiù, proportionality.

Sunday, January 04, 2009

Bhideo is eile

Tha i gu math fuar ann an Alasga sna làithean sa. Chuala mi aig aithris na sìde gu bheil i a' dol sìos gu -65F, neo -49C faisge air crìoch ri Canada a-nochd.

Co-dhiù, shocraich an fhuachd an seo fhèin, bha e -25c latha na bliadhn' ùr ach an-diugh, bha i mu -8C 's sneachd ann. Chaidh mi fhìn 's mo bhean air cuairt sgi a bha gu math tlachdmhor.

Seo bhideo a rinn mi mun chù agam:



Ron an nollaig, chunnaic sinn cuideachd am madadh-allaidh. Seo beagan bhideo dheth: