An Gaidheal Alascanach

Saturday, November 14, 2009

Cuairt Lagha Khalid Sheik Mohammed

An t-seachdainn-sa, chuala sinn gun tèid Khalid Sheik Mohammed cuide ri ceithrear eile thoirt gu cuirt shìobhalta ann an New York airson na h-ionnsaigh a thachair ann an New York ann an 2001. Dhomh-sa, chan e rud ro ghlic a th'ann idir. Tha fhios gu bheil cuid air a bhith gearan mun a bhith gan cumail ann an Guantanamo, ach cha do chreid mi gu ruige seo gun dheanadh iad rudeigin cho gòrach. Am mearachd a tha iad a'deanamh 's e gu bheil iad a'coimhead orra mar eucoraich àbhaisteach.

'S ann as coltaiche ri prìosonnaich cogaidh a th'annta. Smaoinich air dè bh'air tachairt nan rachadh prìosonnaich gearmailteach thoirt gu cuirt mar eucoraich sa chogadh mhòr? Na ceudan de mhìltean de prìosonnaich ghearmailteach 's aig gach fear aca a latha sa chuairt. Cò mheud saighdearan Amaireacanach a dh'fheumadh tilleadh air ais bhon chogadh san Roinn Eòrpa, nan robh iad fhathast beò, airson fianais a dheanamh sa chuirt. 'S dòcha nach biodh cuimhne ro mhath aig cuid dhen luchd-fhianais an e am prìosonnach neo am prìosonnach eile air losg air, air neo a shad boma-làimhe air. Dh'fheumadh obrachadh a-mach cò a losg air cò 's mura obraich, rachadh cuid lorg neo-ciontach. Agus cuimhnich, bhiod cuid de na prìosannaich Ghearmailteach ann nach robh air losgadh air na h-Ameireaganaich idir, ged a bha iad san arm. An d'fhuaireadh iadsan ciontach?

Tha sin uile ri ràdh mar a leanas:

- Cha eil adhbhar sam bith an toirt gu cuairt leis gur e prìosannaich cogaidh a th'annta.
- Tha e gu math buailteach gun d'fhuaireadh iad neo-chiontach. Seadh. Ge b'e cho cionta sa tha iad ann an da-riribh gabhaidh sin a dheanamh gu furasta. Tha còir aig eucoraich àbhaisteach an tosd a chumail. KSM, chaidh esan a cheisneachadh gu cruaidh agus saoilidh nach bi còir aig chuid mhòr dhe na thuirt e nochdadh sa chuairt. Bho thoiseach, chan ann mar chùis sìobhalta a chaidh i a làimhseachadh idir, idir.

Thuirt mi gur ann nas coltaiche ri prìosannaich cogaidh tha iad. Smaoinich air dè bh'air tachairt nan mhaireadh an cogadh mòr can leth cheud bliadhna. Dè bh'air tachairt leis na prìosonaich a bha fo ghreim gach taobh. Uill, as aonais aonta eadar gach taobh a'chogaidh, bhàsaicheadh iad air sàilleamh seann aois. Agus carson a bu chòir dhuinn KSM leigeil mas sgaoil 's Al Qaeida fhathast ag eigheachd bàs do Ameireaga?

Thursday, November 12, 2009

Cat Ùr Againn - agus obair dhoirbh

Uill, ghabh iad rinn 's fhuair sin cat fhuair. Rinn iad an rannsachadh mu ar deidhinn 's rinn sinn an gnothach. Chuir caraid fòn dhomh. Bha mi air ainm a thoirt dhan bhuidhinn aig an robh an cat. Chuir iad fòn thuige 's as deidh dha deagh bheachd a thoirt dhaibh mu mo dheidhinn, chuir e fòn thugam-sa. Dhomh-sa bha seo cho èibhinn. Thuirt mo charaid, nan robh iad a'deanamh a'cheart uibhir de rannsachadh air maidsearan san arm sa tha iad a'deanamh air an fhaidhean a tha ag iarraidh cat, bhiodh an saoghal againn nas sàbhailte. Shaoilinn gur e an fhìrinn a bh'aige.

Co-dhiù, 's e fìor dheagh chat a th'ann agus tha e gu math deidheil air mo nighean nas òige.

Gu mi-fhortanach bha obair eile agam ri dheanamh. 'S e latha saor a bh'agam diciadain 's bh'agam ris an obair seo crìochnachadh ro dheireadh an latha.

Bhàsaich an cat eile againn san òg-mhìos. Sgeulachd fhada a bh'ann ach sin a thachair 's feumaidh mi ràdh gu robh e gu math duilich dhuinn, dhomh fhìn nam measg. Cha robh i leinn ach trì bliadhna 's bha seo ro ghoirid agus 's e fìor deagh chat a bh'innte. Bha sinn cuide rithe, sinn uile, nuair a bhàsaich i. Dh'fhalbh sinn dhan chàr, dhachaidh gun an còir a ràdh.

Uill, mìos air ais, fhuair sinn fòn bhon dotair-anmhaidh. Bha iad ag iarraidh faighinn a-mach bhuainn air gu dè a dheanadh sinn le chorp a'chait againn. Bha e fhathast aca san reothadair aca. Uill, chaidh mo bhean 's mi fhìn ann 's thug iad a-mach corp ar cait marbh. Thill sinn air ais dhan taigh 's chuir mi seann reothadair air dòigh 's chuir sinn corp a'chait innte 's sròn a'choin againn steigte rithe 's earball a crathadh.

Bh'agam ri a chur fon ùir air cùl an taighe mus reòthadh an talamh. Uill, an-dè bha latha saor agam 's bha an talamh gus reòthadh 's bha mi a'cluich air an coimpiùtair gu dòigheil nuair a chuimhnich mi air na bh'agam ri dheanamh. Chaidh air cùl an taighe 's sgap mi cnap de dh'fhiodh 's chlach mi toll. Bha tòrr freumhan 's clachan ann ach mu dheireadh rinn mi a'chùis.

Bha cus ùidh aig an cù againn sna bha mi a'deanamh. Thug mi corp a'chait againn a-mach 's chuir san toll e. Bha i ann am baga plastaig 's cha do dh'fhosgail mi e. Rinn mi dùn mòr de dh'fhiodh air gus nach tèid an cù a-steach ann.

Dh'fhaighnich mo bhean air mar a bha an cat coltach. Fhreagair mi nach robh fios agam.

Run neònach. 'S ann an-dè a bha seo. Thàinig stoirm oirnn tron oidhche. Bhual uisge 's gaoth oirnn tron oidhche. Dh'èirich mi an-diugh aig còig uairean gu leth mar as àbhaist 's bha an t-uisge fhathast a'seideadh air doras cùil an taighe. Airson adhbhar neo correigin, bha an cat marbh fhathast air comhair m'inntinn 's thug mi sùil air an uinneag feuch nan robh i ag iarraidh tighinn a-steach. Ach cha robh i ann.

'S ann a bha seo air m'inntinn fad an latha. Carson a thug mi sùil air an uinneag.

Nuair a thill mi dhachaidh an-diugh, bha sneachd air an talamh.

Monday, November 09, 2009

Rannsachadh ar beatha - Airson Cat fhaighinn

Bhàsaich an cat againn as t-samhradh. B'e seo gu math duilich feumaidh mi ràdh. Dh'fheuch mi uair aithris a dheanamh mu dheidhinn ach cha b'urrainn dhomh. Bha tinneas-àirne oirre. Mhionaich mi ri mo nighean mar a bha cùisean 's bha i deònach an cat uisgeachadh. Bha mi gu math pròiseil mu deidhinn. Rinn i an rud a bha doirbh 's lean i oirre co-dhiù. Dh'uisgich sinn e fad, chan eil fhios, dà mhìos neo trì 's dòcha. Ach dh'fhàilnich àirnean a'chait co-dhiù 's bhàsaich e san òg-mhìos.

Uill, tha sinn deiseil cat eile fhaighinn. Chaidh sinn a faicinn piseagan an t-seachdainn sa chaidh, ach cha robh iad ceart. Tha cù againn, German Shepherd 's feumaidh an cat aig a'cheart àm a bhi deisil seasamh na aghaidh agus gabhail suidhe air ar glùinean. Bha na piseagan làn spionaidh, a'ruith 's leum 's sabaid air ar gliùinean, air ar cùlaibh, mu ar timcheall, cha robh e gu cus diofar dhaibhsan.

An t-seachdainn-sa, chunnaic sinn trì piseagan eile air an làrach eadar-lìonn 's chaidh sinn ann. Bha iad dubh 's cuideachd làn spionaidh, mar spring, leumadh iad far do ghliùineadh cha luatha sa leigeadh tu asta. Dh'iarr sinn orra cat eile a thoirt a-steach oirnn.

Thug iad thugainn cat eile a bha làn bian 's thoisich i sa bhad ar pògadh 's deanamh crònadh thugainn 's ga dheanamh comhairteil leinn. Uill, abair cat tarraigneach. Fhad'sa chuir mi fòn gu mo bhean, bha an cat gam shìor-imleachadh. Bha sinn deonadh an cat a thoirt leinn. Ach, b'fheudar dhuinn pàipearan lìonadh 's references fhàgail. Nì iad rannsachadh mu ar deidhinn, mar gur e gunna a bha sinn a cheanach. Tha sinn an dòchas nach diùlt iad sinn, oir 's e fìor deagh chat a th'ann.