An Gaidheal Alascanach

Tuesday, April 17, 2007

Marbhadh ann an Virginia Tech

'S ann le uabhas a chuala mi an naidheachd mu na marbhaidhean ann an Virginia Tech. Gu mi-fhortanach, 's ann ro-thric a tha sinn a'cluinntinn a leithid de naidheachd sna laithean-sa. Ach tha an sgrios-sa àraidh 's chan ann dìreach air sgàth 's gu bheil e na tachartas as fhuiltiche gu ruige seo anns na S.A. ach mar a chaidh an suidheachadh a dhroch làimhseachadh. Ged nach eil mi mìn-eolach air a'chùis idir, tha mòran cèitean trioblaideach a'tighinn dhan m'aire.

Chaidh iad am marbhadh ann an dà shreath, dithis an toiseach 's an uair sin, as deidh dàil mu dhà uair a thìde còrr 's fichead sa deich. Carson nach chuireadh rabhadh a-mach do na h-oileanaich ann an dòigh ciallach 's am murtair fhathast ma-sgaoil? Carson nach do dhùine iad an oilthigh? Chuala mi iad ag ràdh gu robh sin do-dheanta leis cho farsaing 's sgapte sa tha an oilthigh. Ach a-rèir na thachair, mu dheireadh thall, dhùine iad an oilthigh às deidh fichead sa deich mairbh, rud a bha do-dheanta as deidh dithis. An ann air sgàth nach robh dithis mharbh cus?

Rud eile, chaidh còrr 's fichead sa deich am marbhadh 's còrr 's fichead sa deich an leòn. Gun teagamh bha còrr 's aon peilear ann am feadhainn. Chuala mi aithris gun deach cuid mhòr an leòn le trì peilearan annta. Gun teagamh, cha do bhuin feadhainn de ma peilearan duine sam bith. Tha sin a'ciallachadh gun do losg e fad a bharrachd na 60 peilearan, cha chuireadh e iongadh orm ma losg e còrr 's ceud peilearan 's fiù 's suas gu 200 peilearan. 'S fad na h-ùine sin cha do thachair e ri bachadh sam bith. Dh'aidich am poileas nach iadsan a mharbh am fear-gunna, gun do chuir e às dha fhèin. Losg e 's losg e 's chùm e air a losgadh 's cha do thachair e ri bachadh sam bith gus mu dheireadh dh'fhàs e sgìth dheth 's chuir e às dha fhèin. Tha sin a'ciallachadh nach do rinn am poileas mòran feum idir.

Dè an dearbh adhbhar gu bheil an latha sa cho fuilteach? Dhomh-sa tha dà adhbharan ann, a tha a'tighinn do m'aire. Mar a thuirt mi mar tha, 's e an dòigh a làimhsich am poileas an suidheachadh seo as coireach ann an dòigh mhòr. Ach cuideachd tha mi a'smuaintinn air rud eile. Tha e doirbh dhomh smaoineachadh gun thachradh ann an rud ann an Alasca far a bheil gunnaichean cho cumanta. Mar eiseimplir, chaidh mo bhràthair dhan oilthigh ann am Fairbanks 's bha dhà ghunna aige co-dhiùgh. 'S e Desert Eagle .44 an darna fear, gunna làimhe gu math cumhachdach 's gunna làimhe eile .45. 'S dòcha gu robh gunnaichean eile aige ach chan eil mi cinnteach. 'S cha robh e na aonar. Bha gunnaichean aig oileanaich eile. Nan dh'fheuchadh a leithid a dh'iomairt anns an oilthigh far an robh mo bhràthair cha bhiodh cùisean cho rèidh dha. 'S cinnteach gun thachradh e ri daoine eile armaichte a chuireadh bacadh air.

'S e aon rud anns na bùithtean. Tha fios agam gu bheil gunnaichean aig feadhainn anns na bùiththean. Tha e ceadaichte ann an Alasca gunnaichean cleithte a ghiùlain. Tha cead giùlain-gunna agam fhìn ged a 's e glè ainneamh a bhios mi a'giùlain tha fhios agam gu bheil gunnaichean aig feadhainn co-dhiùdh. Chan eil fhios 'am cò mheud ach tha fhios agam gu bheil iad ann 's cinntinneach nan dh'fheuchadh cuideigin a leithid, cha bhiodh e fad mus thachradh e ri gunna eile.

Tha fhios gu bheil feadhain airson gunnaichean a thoirt bhuainn. Ach dhomhsa, tha mi a'fearachdain fada nas sàbhailte air mo chuairteachadh le gunnaichean aig cò aig a tha fios na fearachdainn nan robh mi loma-nochd mar gum bhiodh ann an àite a leithid Virginia Tech.