An Gaidheal Alascanach

Wednesday, May 13, 2009

Astar a rinn mi air mo Bhaidhsagal

Tha mi air a bhith triall a dh'obair air bhaidhsagal cha mhòr fad mo bheatha mar inbheach. Sna làithean-sa, Nì mi trì mìle deug neo aon km air fhichead gach latha. Ach bha mi riamh a' faighneach: cò mheud mìle a nì gach bliadhna? Cha robh mi cinnteach leis gu bheil làithean-saora ann 's làithean sneachda 's eile a bhacas mi bho mo bhaidhsagal.

Mar sin, an uiridh, an toiseach a' chèitein, thòisich mi cunntas a chumail dhe na rinn mi. Tha mìosachan agam air bhalla m'oifis 's 's ann airsan a chum mi cunntas làitheil dhe na rinn mi air mo bhaidhsagal.

Agus aig deireadh a' Ghiblein, bha fios agam air dè a rinn mi: 2059 mìle neo còrr 's 3300 km. Smaoinich, tha e suas ri 3,000 mìle eadar San Francisco 's New York.

Shaoileadh tu, 's dòcha, gun do shàbhail mi tòrr mòr airgead. Chan eil mi cho cinnteach. A-rèir mo chunntais, 's e 100 gallonan nach do loisg mi thar an dà mhìos dheug a chaidh seachd, rud a tha co-ionnan ri $300. Airgead gu leòr 's dòcha seach gun do choisg mi suas ri $200 air mo bhaidhsagal: slabhraidh ùr 's gèaraichean ùra, roth ùr. Spàirn mhòr airson buannachd bheaga. 'S dòcha. An cosgais as motha, chan e petrol ach an carbad fhèin, agus aig Dia tha fhios gu bheil carbadan cosgail agus 'se sabhaileadh gu leòr gun a bhith ceannach carbad aig nach eil feum dhut.

'S ann gu h-àraidh airson mo shlàinte fhìn a thriallas mi a dh' obair air bhaidhsagal. Feumaidh dhol a dh'obair co-dhiù agus saoilidh mi, fiù 's ma shuidheas mi air mo thòin gun do rinn mi eacarsaidh gu leòr dìreach le bhith dol a dh'obair.

Friday, May 08, 2009

Òraid bho Àrd-bhreitheamh Alito


Tha caraid dhomh a tha na fhear-lagha agus an t-seachdainn-sa bha sreath de choinneamhan na h-Alasga Bar Association ann an Juneau a bhair cuid mhòr dhen t-seachdainn. Agus oidhche ardaoine, fhuair mi fhìn 's mo bhean cuireadh dhol dhan t-suipear a bh' ann far a chuala sinn òraid bho àrd-bhreitheamh Alito.

'S iontach ann an dòigh, airon duine a tha cho cumhachdach, 's beag am for a th' aig a' mhòr-shluagh air. Ach mar bhall an àrd-chuairt nan S.A., tha buaidh mhòr aige air cha mhòr gach duine a tha beò sna S.A. Aig amannan, tha deasbad ann, cò as cumhachdaiche: an t-àrd-cuairt neo an ceann-suidhe fhèin.

Co-dhiù, bha cothrom againn èisteachd ris. Bha tearainteachd gu leòr ann, coin a'gabhail fàileadh dhe a h-uile càil 's daoine treine le sùilean geura oirnn. Ach an fhìrinn innse, cha robh an tearainteach cha làidir sa shaoilinn.

San òraid aige, 's ann a bha e a-mach air mar cho cudthromach sa tha riadhaladh a-rèir an lagha, seach a-rèir sa tha breitheamhan fa-leth ag iarraidh. Dhomh-sa 's e rud a tha gu matha cudromach.