An Gaidheal Alascanach

Saturday, January 27, 2007

'S e beathach fiathaich a th'ann am madadh-allaidh



'S e latha grianach breagha a bh'againn an-diugh. Mar sin, chaidh mi-fhìn 's mo dhà nighean a-mach air cuairt gu Loch Mendanhall feuch am faic sinn am madadh-allaidh. Chan eil cù againn ach tha sinn a'coimhead as deidh coin fad 's a tha a theaghlach air falbh 's thug sinn e còmhla rinn mar mhealladh dhan mhadadh-allaidh. 'S toigh leis am madadh-allaidh coin.

'S chunnaic sinn e cha mhòr sa bhad ach fad às. Chòisich sinn na b'fhaisge. Chunnaic sinn e a'cluich le coin eile. An uair sin, chunnaic e an cù a bha còmhla rinn, 's chòisich e thugainn. Bha e cho breagha, bha taogh a-staigh deich neo còig meatairean deug. Chunnaic mi nigheanan e 's bha mo nighean as òige a'cantainn rudan mar 'hi wolf.'

Thàinig duine eile aig an robh cù beag: pug. Chunnaic mo nighean nas òige, Sarah, e. Dhìochuimhnich i am madadh-allaidh. Bha mi nighean a'cluich leis a'phug. An uair sin, thoisich am madadh-allaidh a choiseach beagan air falbh. Chunnaic mo nighean sin 's thòisich a ruith as dheidh a'mhadadh-allaidh ag eigheachd air tighinn air ais. Ruith Laura, mo nighean as sìne as a deidh 's ghlac ise i.

Aig cha mhòr aig an aon àm, fhuair am pug air falbh bho a mhaighstear 's ruith a chun a'mhadadh-allaidh. Le uabhas, chunnaic sinn am madadh-allaidh a'beir greim air a'phug na bheul 's ga chrachadh gu cruaidh. Smaoinich mi: oh sin direadh a'phug ach gu h-iongantach fhuair e air falbh 's ruith e a chum a'mhaightear.

Fhuair mi dealbhan 's bhideo de a h-uile càil 's lean na ceanglan.

Chuck



Bhideo goirid dhen mhadadh-allaidh a'ruith:


Bhideo de mo nighean a'ruith as dheidh a'mhadadh-allaidh:


Bhideo den phug a'teicheadh bhon a'mhadadh-allaidh as dheidh dha a bhith air a chrachadh na bheul:


Bhideo mu dheireadh dhen t-suidheachadh. Sealladh dhen phug ann an làmhan a'mhaightear 's eagal a bheatha air:

Friday, January 26, 2007

Aithris air Cùrsa Gàidhlig ann an Juneau

Uill, tha cùrsa Gàidhlig a'gheamhraidh gu tòiseachadh an t-seachdainn sa tighinn. Chrìochnich an cùrsa an fhoghar ron an Nollaig 's bha triùir oileanaich ann aig an deireadh. Choinnich sinn tri tursan tro àm na Nollaig.

Tha dithis aca a'deanamh glè mhath ged tha duidhleadasan aig tè eile. Feumaidh mi aideachadh, 's ann fada nas fhasa a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig na bhith a'teagasg na Gàidhlig. Mhàir gach clas dà uair a thìde. Le ach aon clas gach seachdainn, tha e glè dhoirbh mòran adhartas a dheanamh mura bheil iad ag ionnsachadh gu neo-eismeileach. Ach air an làimh eile, tha mi a'faicinn gu soilleireach gu bheil feadhainn de na dòighean-ionnsachaidh nas fheàrr na feadhainn eile. Tha e foilliseach gur iad na faclan 's na h-abairtean a dh'ionnsaich iad tro a bhith a'deanamh rudeigin a bhios iad ag ionnsachadh gu doimhne. Chunnaic mi sin tro àm na Nollaig nuair a chruinnich iad aig an taigh agam. Rinn sinn a h-uile seorsa nì tro meadhan na Gàidhlig. 'S ann nas nàdaraiche ionnsachadh na Gàidhlig ann an taigh na tha e ann an sgoil!

Co-dhiugh, tòisichidh cùrsa a'gheamhraidh le ochdnar oileanaich ùra, 's sin a bharrachd air na triùir a th'ann mar tha. Tha mi a'gabhail misneach gu leòr bho a leithid de ùidh ann an Gàidhlig ann an Juneau.

Sunday, January 07, 2007

Madadh-allaidh



Chaidh mi fhìn 's mo bhean air cuairt skith an-diugh. Bha sinn a'sgitheadh tro raoin-campachaidh a tha faisg air làimh. Bho àm gu àm chluinneadh sinn gairm madaidh-allaidh a tha a'fuireach san sgìre. Mu dheireadh chunnaic sinn e. Bha e na shuidhe air taobh thall bàigh big an locha. Choimhead sinn air airson greis 's e na laighe aig òir an locha 's an uairsin thàinig cuideigin le cù faisg air a'mhadaidh-allaidh. Sheas am madadh-allaidh 's thoisich e cluich leis a'chù. Sin a tha ri fhaicinn san dealbh.

Tha madaidhean-allaidh eile sa sgìre ach tha am fear seo rudeigin sònraichte. Chail e a chèile beagan bliadhnaichean air ais 's bhon uair sin 's dual dha a bhith faisg air Lake Mendenhall. 'S toil leis a bhith a'cluich le coin daoine a tha a-muigh air cuairt san sgìre. Mar sinn, cha do chuir e cus iongadh orm nuair a thòisich e cluich leis a'chù. Ach chan eil sin gun chunnart. An-uraigh, mharbh am madadh-allaidh cù boireannaich a bha a-muigh air cuairt. Bha daoine a'gearain mu dheidhinn a'mhadaidh-allaidh. Bha feadhainn a'gairm airson a bhàis.

Dhomh-sa tha e air leth sònraichte gu bheil madadh-allaidh a'fuireach faisg air làimh.

Monday, January 01, 2007

Binn Bhàis: suaintean a bharrachd

Uill, rinn iad a rinn iad. Fhuair as iad do Shaddam. Ach chan eil fhios 'am ma 's e mearachd a bh'ann. 'S e ceartas a bh'ann. Gun teagamh 's e fear nan duine a bu mhiosa a chunnaic sinn riamh. Ann an dòigh chan e ceartas a bh'ann ge-ta. Ciamar a phàigheas Saddam, le aon bhàs fhèin, airson na ceudan mìltean chuir e gu bàs gun adhbhar neo as aonais cùis-lagha sam bith?

Cha robh mi ag ràdh gu robh binn bhàis Saddaim ceàrr neo gur e mearachd a bh'ann. Bha mi a'beachdachadh gu robh slighe 's dòcha na b'fheàrr romhpasan an àite ceartas: mathanas. Leis na sgaraidhean fhuilteach a tha a'ruith tron duthaich sin, 's dòcha gur e sin a tha dhìth. 'S dòcha as deidh na ceudan mìltean a chuir an riaghaltas gu bàs tro na bliadhnaichean, 's dòcha an teachd a b'fheàrr 's e bho sin a-mach nach cuir an riaghaltas Iorac gu bàs duine sam bith, fiù 's a duine a leithid Saddaim. Sin an aisling a bha a'ruith tro m'inntinn.

Ach tha cèist eile ann cuideachd. Bha Aonadh na h-Eòrpa a'gearain gu robh binn bhàis Saddaim euceart, gu robh binn bhàis an aghaidh deamocrasaidh. Chan eil mi cinnteach. Tha binn bhàis air a bhith ann bho tùs anns na Stàitean Aonaichte. 'S tha binn bhàis air a bhith ann tro na bliadhnaichean a thàinig deamocrasaidh gu bhith ann an Roinn Eòrpa gu ruige na tri-ficheadan mura bheil mi air mo mealladh. Agus aig deireadh an darna chogaidh, chuir gu bàs na caidreachais na ceannardan an riaghaltais Naiseach, cultar cèin gun teagamh.

Chuck