An Gaidheal Alascanach

Sunday, October 28, 2012

An gabh Romney buannachadh as aonais Ohio?

An t-seachdain sa chaidh, sgrìobh mi mu mar a tha làmh an uachdar aig Mitt Romney ged a tha na cunntais-bheachd a'cantainn gu bheil Romney agus Obama gu math faisg air a'chèile. Ach chan eil sin ach pàirt dhen sgeul. Chan ann a-rèir bhotaidhean an t-sluaigh de na Stàitean Aonaichte a thèid Romney neo Obama a thaghadh ach a-rèir bhotaidhean-taghaidh (neo electoral votes ann am Beurla). Ged a tha còrr 's 300 million duine a tha a'fuireach anns na Stàitean Aonaichte 's ged a thèid còrr 's 100 million duine ri bhotadh, chan eil ach 538 bhotaidhean-taghaidh airson Cheann-suidhe. Tha iad air an roinn eadar na stàitean a-rèir co-mheud riochdairean 's seanadairean sa th'aig gach stàite. Tha aon riochdaire agus dhà sheanadair aig Alasga. Mar sin tha trì bhotaidhean taghaidh againne. Airson buannachadh, feumaidh tu 270 neo barrachd bhotaidhean-taghaidh a bhuannachadh.

Rud eile. Ann an 48 de na stàitean, ma bhuannaicheas tu an stàit, bhuannaicheas tu na bhotaidhean-taghaidh dhen stàite sin air fad. Bha Florida na deagh eiseimplir de sin ann an 2000. Ged a bha Gore agus Bush an ìre mhath co-ionnan ann an 2000 ann an Florida, bhuannaich Bush na 25 botaidhean-taghaidh a bh'innte air fad air sgàth gu robh esan corra bhotaidhean air thoiseach air Gore.

Mar sin, dh'fhaodadh cuideigin buannachadh anns an electoral college gun a bhith buannachadh a'mhòr cuid de botaidhean an t-sluaidh air fad. Thachair sin trì tursan ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte: 1876, 1888 agus 2000.

Agus seo a'phuing: ged a tha Romney a'buannachadh a-rèir nan cunntas-bheachd as leth na dùthcha air fad, tha e a'call ann an Ohio. Tha Ohio uabhasach fhèin cudthromach mar stàit san Electoral College. Thar an fhicheadamh linn air fad, seachd Kennedy ann an 1960, cha do bhuannaich duine an Taigh Geal as aonais Ohio.

Coimheadamaid air a'mhapa ann an 2000:




Bha an taghadh cho faisg sa ghabhas. Bhuannaich Bush le 271 bhotaidhean-taghaidh an aghaidh na 267 a bh'aig Gore. Nan robh Bush air aon stàit eile a chall bhiodh e air an taghadh a chall.

Ach tha dhà cunntais-shluaigh air a bhith ann bho'n uair sin agus tha roinn nan bhotaidhean-taghaidh air atharrachadh:




Nan bhuannaicheadh Rimney na dearbh stàitean sa bhuannaich Bush ann an 2000, bhiodh 285 bhotaidhean aige. Ach de na stàitean a bhuannaich Bush ann an 2000, tha Obama a'buannachadh ann an Nevada agus ann an Ohio. Leis a sin, bhiodh 261 bhotaidhean aig Romney agus bhuannaicheadh Obama an taigh geal. Ma chailleas Romney Ohio, feumaidh e tè neo dhà de na Stàitean bhuannachadh. Tha ceithir stàitean ann a bhuannaich Gore ann an 2000 a dh'fhaodadh Romney bhuannachadh am bliadhna:

Wisconsin 10

Michigan 16

Minnesota 10

Pennsylvania 20

Ma bhuannaicheas Romney tè de na stàitean sin, buannaichidh e an taigh geal fiù 's as aonais Ohio. Neo ma choimheadas sinn air a'chùis tro shùilean Obama: feumaidh Obama Ohio a bhuannachadh gun a bhith call tè seach tè de na ceithir stàitean Gore sin.

Friday, October 26, 2012

Ceist mu ghunnaichean



Corra mìosan air ais, sgriobh mi mu mar cho furasta sa tha e a bhith siubhail air itealan le gunna. Chan eil mi a'ciallachadh le gunna nad làmhan ach le gunna nad cheasaichean gus am bith e agad an àite far a bheil thu a'dol. Sgrìobh dithis ceistean thugam mu dheidhinn sin beagan ùine as dèidh sin 's chan fhaca mi iad ach corra làithean air ais.


Seo na ceistean a sgrìobh iad:

"Chan eil mi buileach cinnteach gu bheil mi a' tuigsinn carson a bhiodh feum aig daoine air gunna gan dìon...Dè seòrsa cunnartan a bhiodh aig bannais? Gad dhìon bho dè sèorsa olc eile?...Nach biodh poileas sna Stàitean Aonaichte math gu leòr dhut-sa?"

agus:

"Tha an dearbh cheist agam. Carson a dh'fheumas tu gunna neo dion idir air a' phlean?"

Gun teagamh, tha iad caran mi-thuigseach carson ghiulainn-se neo duine sam bith eile gunna.

A'chiad rud a bu chòir dhomh ràdh 's e nach e seo rud neo-àbhaisteach idir a bhith toirt gunna ann an Alasca. Mar eiseimplir, corra seachdainnean air ais, as leth an obair agam mar innleadair, b'fheudar dhuinn beagan rannsachadh a dhèanamh taobh a-muigh timcheall air phuirt-adhar Yakutat airson pròiseact a th'agam thall an sin. Mus deach sinn ann, bha sinn a'bruidhinn ri fhear-stiùiridh a'phuirt-adhar agus sa chomhradh sin, mhol e dhuinn gunnaichean a thoirt leinn air sàilleamh mathain. Tha gunna oifis againn agus sin a thug sinn leinn. Ach nan robh cuideigin eile ga chleachdadh bhithinn air an gunna-làimhe agamsa a thoirt leam. Cha robh againn cead a dh'iarraidh bho dhuinn dubh neo geal airson a dheanamh. 'S e rud cho nàdarach sa ghabhas. Agus cuimhnich, bha sinn ag obair faisg air a'phort-adhar far an robh itealain a'falbh 's a'tighinn.

Rud eile a thachairt corra bliadhnaichean air ais. B'fheudar dhuinn cuideigin leigeil air falbh agus obh obh, abair duine feargach làn de rabhaidhean! As dèidh làimh, dh'fhaighnich mi dhan fhear-stiùiridh agam nan robh e dhen bheachd an gabhadh fòirneart a bhith an lùib a sin. 'S thuirt e gu robh. Dh'fhaighnich dha an uair sin nan cuireadh e dragh air nan toirinn gunna dhan oifis fad greis gus an socraicheadh cùisean. Agus thuirt e nach cuireadh dragh sam bith air. Mar sin, fad mu dhà sheachdainn as dèidh sin, bha gunna agam sa mhàilid agam gus an robh sinn an ìre mhath cinnteachd gu robh an duine sin air am baile fhàgail.

Chan eil mi airson chuir sìos air a'phoileas ach chan eil iad 'math gu leòr.' 'S e nàdar de faoin-sgeulachd do chloinn gu bheil na poileas ann airson do phears fhèin a dhìon. Tha am poileas ann gu h-àraidh airson smachd a chumail air cùisean san fharsaigneachd, gus an t-sìobhaltachd againn a chumail sìobhaltach mar gum bhiodh. An fhìrinn, dhaibh-san, chan eil annad ach àireamh-statisticach.  Mar as trice, an rud a nì am poileas 's e sgioblachadh nan corp 's rannsachadh na cùise 's 's dòcha gum faigh greim airsan as coireach.

Agus tha an adhbhar a thug mi gunna air an turas againn as t-earrach na dhearbhadh de sin.  'S ann an Kodiak a bha a'bhainnis 's mu dhà mhìos roimhe sin, chaidh dithis a mharbhadh ann an sin.  Chaidh iad an losgadh sìos 's chan eil for neo fios aig a'phoileas cò a rinn e neo carson.  Sgioblaich iad na chuirp 's rannsaich iad a'chùis 's chun an latha an-diugh tha am murtair fhathast ma-sgaoil!  Mar sin, bha e caran nàdarach gun toirinn leam gunna dhan àite sin.

Mun bhideo: 's e 45 acp 1911 a tha mi a'losgadh.  'S e deagh ghunna a th'ann. 'S ged a tha e caran aotrom an aghaidh mathain, 's e seo an gunna as àbhaist a bhith agam nuair bhios mi air falbh bhon rathad air na mondaidhean.

Wednesday, October 24, 2012

Stait na Rèis sna Stàitean Aonaichte

Tha latha an taghaidh sna S.A. nas liugha na dhà sheachdainn air falbh 's tha an rèis gu math dlùth a-nis. Tha làrach-linn ann, Realclearpolitics (RCP), a bhios a'deanamh meadhan de na cunntais-bheachd mu dheireadh air agus tha iadsan ag ràdh a-nis gu bheil Romney 0.6 air thoiseach air Obama sna mheadhan aca as dèidh dhaibh a bhith co-ionnan thar an deireadh sheachdainn.

Fad mòran seachdainnean gu ruige toiseach an Dàmhair bha Obama daonnan eadar trì 's sia puingean air thoiseach air Romney. Gus an do rinn iad a'chiad deasbad ge-ta. Bha Obama fìor dhuilich san deasbad seo 's air sàilleamh sin chaidh Romney beagan air thoiseach air.

Ach ge-ta, tha na cunntais-bheachd gu math sgapte. Aig a'cheart àm sa tha Gallup ag innis gu bheil Romney eadar còig 's seachd puingean air thoiseach air Obama, tha IBD ag ràdh gu bheil Obama eadar dhà 's còig puingean air thoiseach air Romney.

Dè an fhìrinn? Carson a tha na cunntais-bheachd cho sgapte o chèile? An e Romney neo Obama a tha a'buannachadh? Ged a tha mi toirt taic do Romney, chan eil mi airson mo mhealladh fhèin.

'S mar sin shaoil mi gum biodh e inntinneach sùil a thoirt air cunntas-bheachd a tha caran fàbharach do Obama. Sna làithean mu dheireadh, tha cunntas-bheachd làitheal IBD air a bhith ag innse gu bheil Obama eadar dhà 's ceithir puingean air thoiseach air Romney. Ach thug mi sùil air na fo-àireamhan, àireamhan a-rèir gnè neo a-rèir aois neo a-rèir cinneach an dùil an robh dad inntinneach am measg nan àireamhan sin.

Agus bha! Bha na h-àireamhan air an roinn a-rèir mar a bhot iad san taghadh mu dheireadh ann an 2008 agus tha na h-àireamhan sin ag innse gu bheil Obama air mòran de luchd-taic aige a chall neo bheil mòran dhiubh fhathast mi-chinnteach. Dhen fheadhainn a bhot airson Obama san taghadh mu dheireadh, chan eil ach 83% ag ràdh a-nis bheil iad an rùn bhotadh airson Obama an turas seo. Aig a'cheart àm leis an dearbh tomhas, tha 93% dhen fheadhainn a bhot airson McCain an turas ag innis gu bheil iad an dùil bhotadh airson Romney. Agus ma sheallas tu air ais thar na làithean mu dheireadh, ge b'e b'e ma tha Obama trì puingean air thoiseach neo trì puingean air cùl Romney, tha Obama daonnan a' call mu 10% de na luchd-taic aige an taca ri Romney 's na luchd-taic a bh'aig McCain.

Saoilidh mi gur e seo laigseas mòr do Obama! Cuimhnich gun do bhuannaich Obama le mu sia puingean air thoiseach air McCain. Gu cinnteach gu bheil sgioba Obama gu mòr air am bioran 's fhios aca gu bheil iad air taic a h-uibhir a chall!