An Gaidheal Alascanach

Tuesday, January 25, 2005

Impireachd Ameireaganach? (2)

Carson a tha mi a'fearachdain mar gu bheil sinn ann an cogadh bhiodhbhuain? Nuair a smaoinicheas mi air ais gu àm dara chogaidh, bha torr a bharrach mairbh 's leont' na tha ann an-diugh. Agus smaoinich air na Israeliaich 's na Pailitinianaich, abair cogadh gun sgur!

Uill, tha an cogadh gu sìorraidh a th'ann eadar na Isrealaich 's na Pailistinianaich air sgàth 's gu bheil nàimhdean faisge air a'chèile 's nach do lorg iad fhathast dòigh a bhith beo faisge air a'chèile gu sìtheil. Ach chan eil na Isrealaich a'cogadh an aghaidh iomadach dùthchannan aig an aon àm neo tè as dèidh chèile.

Aig toiseach a'dhara cogaidh, bha an t-arm na S.A. gle bheag. Bha iomadach airm a bha nas motha. Mar eisimplir, chluinich mi gu robh arm Yugoslavia nas motha na fear na S.A. mus rinneadh sgrios air le Hitler as t-earrach '41. Agus nuair thig sinn a-steach, b'fheudair dhuinn, an ìre mhath, arm chruthachadh a neoni.

Ach an latha an diugh, tha arm ann fad an siubhal, deiseil ri bhith air a chleachdach. Bha mo bhrathair anns an t-arm fad fichead bhliadhna agus bha iomadach cogaidheah ann, mòra agus beaga. Les marines ann an Lebanon, Grenada, Panama, cogaidhean an aghaidh drogan, Irac I, Yugoslavia, Macedonia, Afganistan, Irac II, 's mar sin adhart. 'S dòcha a fear neo dha nach do chluinnich tu a-riamh mu deidhinn. Bha fear neo dha diubh far an robh mo bhrathair agus bha e ann an fìor cunnart a bheatha.

Tha sin car colta ri impireachd air sgàth 's gu bheil iomadach cogaidhean ann, an-aghaidh iomodach nàidhdean. Fiùs mus robh cogadh an-aghaidh ceanarcaidh, bha iomadach sàighdearan againn a bha fìor eòlach air dòighean chogaidh. Agus tha iomodach dùthcannan ann far nach eil a'chuid sàighdearan eòlach air dòighean chogaidh idir.

An ath thuras, tha mi airson rud neo dà atharrachadh nu dheidhinn sin nam inntinn. Agus dè bhiodh an diofar.

Chuck

Sunday, January 23, 2005

Impireachd Ameireaganach?

'S dòcha gu bheil sibh mothacheil gu bheil mi airson a'chogaidh ann an Iraq, ned nach eil mo cho dèidheil air an dòig a tha air a dhèanamh.

Ach fàgamaid an smuain seo a darna thobh, 's smaoineachamaid mu shuidheachadh na S.A. (Stàitean Aonaichte) anns an fhairsinneachd. Nach eil i car coltas ri chogadh bhiodh-bhuan? Cuin an deireadh mìos nach chaidh saighdear marbh neo leònte? Tha sin a'cuir nam inntin toiseach an fhiolm 'Gladiator', far an do thuirt, Richard Harris, a bha a'cluiche Impire Marcus Aurilius rudeigin inntinneach. Thuirt e nach robh sìth sam bith an fad a rìochachd.

Agus nach ann car coltas mar sin a tha an suidheachadh seo an-diugh? Mar a thuirt mi, bha (tha fhathast?) mi airson a'chogaidh ann an Iraq agus tha mi airson a'chogaidh an aghaidh luchd-cheannairc. Ach, dhomhsa, tha cunnart mòr ann an seo. 'S ann le bhith gu sìorraidh ann an cogadh gum bhiodh sinn ag atharrachadh, bheag air beag, ceum air ceum, gu Impireachd. Agus gu cinnteachd 's e droch rud a th'ann. Oir nach eil e air a bhith a-choaoibh na dòighean ìmpireachdan a'strì an aghaidh nam 'barbarians' na dòighean dhaoine a bhith a'strì an aghaidh ìmpireachdan?

Chuck