An Gaidheal Alascanach

Sunday, March 30, 2008

Dè a tachras nuair a sheasas madadh-allaidh ann am meadhan rathad an rìgh

Seall air dè a thachras nuair sheasas madadh-allaidh ann am meadhan rathad an rìgh.


Madadh-allaidh a' leantainn boireannach 's a' chù aice

Madainn an-diugh, chaidh mi air cuairt air an lach an-diugh leis a' chù agam 's chunnaic mi am madadh-allaidh a-rithist. 'S tric a tha sinn ga fhaicinn feumaidh mi ràdh. Co-dhiù, dhlùthaich e ri bhoireannach a bha seo a bha air cuairt air an lach leis a' chù aice. Dh'fheuch i a fhuadachadh air falbh ach dhiùlt e sin a dheanamh. Bha e gu math faisg orra. Mu dheireadh ràinig duine a bha seo air sgitheachan 's fhuadaich esan air falbh e ach dìreach pìos beag air falbh. Chùm am boireannach oirre a-steach 's am madadh-allaidh as an deidh.

Faighnich dhibh fhèin, dè a dh'fhairicheadh tu nan robh thusa na h-àite 's madadh-allaidh air do shàilean 's a' diultadh a chumail air falbh. Beagan nas fhaide, air an fheasgar, nochd am boireannach aig doras ar taighe. Chunnaic ise mi a' clàradh na thachair 's dh'iarr i orm nam faodainn lethbhreach dhen chlàr a thoirt dhi. Mhinich i dhomh nach b' e seo a' chiad turas a rinn am madadh-allaidh sin dhi. Bha am madadh-allaidh a' maoidheadh ionnsaidh a thoirt dhi. Rinn mi gearran dhan rialtas ron a seo ach tha iad a' diùltadh a creidinn. A bharrach air a sin, chuir feadhainn fòn dhi ag iarraidh oirre gun a bhith a' gearran mun a' mhadadh-allaidh.

Chanainn-sa gu bheil am madadh-allaidh a' fàs ro chleachdte ri mhic-an-duine. 'S e duilich a tha seo da-riribh. 'S e mioribheil a tha seo a bhith ga fhaicinn ach tha seo fada fada o mar bu dùil.

Seo na bhideothan:










Friday, March 21, 2008

Duine eile aig a bheil Gàidhlig anns a' cheann ear-dheas Alasga

An diugh chaidh mi air cuairt leis a' chù agam mar as àbhaist. Bha mi an dòchas am madadh-allaidh fhaicinn a-rithist 's mar a choisich sinn seachad air dithis a bha a'dol a-steach dhan chàr aca, dh'fhaighnich iad dhìom nan robh mi airson am madadh-allaidh fhaicinn. Thuirt mi gu robh. Thuirt iadsan gu robh e na laigh pìos beag air falbh air an deigh. Dh'fhaighnich iad dhìom nan robh a'fuireach faisg air làimh 's bha blas caran coimheach air a'chainnt aca 's thuirt iad nach robh iad às an sgìre seo 's gu robh iad glè thoilichte a fhaicinn. Co-dhiù chùm mi orm. Chaidh mi dhan àite far an robh dùil agam am madadh-allaidh fhaicinn. Bha iadsan a'feuchainn cuideachd a fhaicinn na b' fheàrr. Chunnaic mi e. Sheas ann an sin car ùine dìreach a' coimhead air. Mu dheireadh, thionndaidh mi dhachaidh 's thachair mi a-rithist ris an dhithis ris an do bhruidhinn mi roimhe.

Thòisich sinn a bhruidhinn as ùr 's aig ceann greis thuirt an duine a bha seo gur ann à Alba a bha e. Thuirt mise gu robh mi air a bhith ann dìreach an-uiridh 's gu h-oban, thàinig e a-steach orm 's dòcha gu bheil Gàidhlig aige.

Thuirt mi "A bheil Gàidhlig agad?" Thuirt esan, Pardon? An dearbh fhreagairt sa fhuair mi iomadach uair ann an Alba. Agus le dìreach 1.5% ann an Alba aig a bheil Gàidhlig, b' e seo an fhreagairt a bu bhuailtiche co-dhiù, ach b' fhiach fheuchainn co-dhiù. Ach an uairsin thuirt a bhean, "He's speaking to you in Gàidhlig." An uairsin, thuirt an duine, "Tha gu dearbh!"

Uill, bha mo bheul fosgailte, abair iongnadh 's toileachas! Tha an duine seo a' fuireach ann an Ketchikan. Bith mise a' dol ann bho àm gu àm. Bhruidhinn sinn 'son greis. Dh'innse mi dha mun duine ann an Haines aig a bheil Gàidhlig cuideachd. Thuirt esan (am measg mòran rudan eile) gum biodh ùidh mhòr aige nan robh seòrsa de choinneamh bhliadhnail turas gach bliadhna ann an ear-dheas Alasga. Saoilidh mi gum biodh suas gu sianar ann co-dhiù, a' gabhail a-steach an fheadhainn a tha ga h-ionnsachadh 's a tha comasach beagan comhradh a dheanamh.

Monday, March 17, 2008

'S thuirt an cù agam...


Uill, mar as àbhaist, chaidh mi air cuairt as deidh suipear. Bha an cù agam comhla rium, mar as àbhaist 's mo piuthar-cheile. Dh'iarr mi oirre nan robh i ag iarraidh madadh-allaidh fhaicinn ged nach robh mi cinnteach nan robh an aimsir freagarrach, oir bha e gu math fliuch.
Thuirt i gu robh.
Bha an t-uisge a' frasadh oirnn 's cha robh mi cho dòchasach. Threòrich mi i dhan àite àbhaisteach far a bu bhuailtiche a fhaicinn 's chunnaic sinn e na laighe. As deidh greis a' coimhead air, dh' eigh e 's thàinig e thugainn. Chuir sin iongnadh orm oir mar as àbhaist 's ann a-mhàin do choin as aithne dha mar tha a thigeas e. Chunnaic an cù agam e. Choimhead am madadh-allaidh i ('s cù-boireann i). Choimhead an cù agam airsan.
Gu h-obann, theann Nellie (an cù agam) a' leum 's ag eigheachd 's thuirt i: o mhadadh-allaidh tha mi airson do cuileanan a bhreith!!!
Uill, ma dh'fhaoide gu bheil mi a' deanamh cus dheth ach gu dearbh choimhead iad air a chèile.