An Gaidheal Alascanach

Sunday, January 22, 2012

Buaidh Ghingrich ann an Carolina a Deas




'S e buaidh chudthromach a bhuannaich Gingrich ann an Carolina a Deas diSathairne sa chaidh. O chionn seachdainn bha Romney a-reir coltais mar tha air dhà bun-taghadh bhuannachadh 's bha e air thoiseach air chàich ann an Carolina a Deas. Bha a h-uile dùil ann gum buannaicheadh e ann an Carolina a Deas 's bhiodh e an íre mhath cinnteach bhuanachadh mar thagraiche nam Poblachdach.

Ach chaidh an suidheachadh seo thilgeil bun os cionn buileach. Chan eil buaidh Romney a-nis cinnteach idir. Dè a thachair?

Uill, sa chiad dol-a-mach, thachair dhà dheasad thar an t-seachdain sa chaidh ann do dh'fhoillsich Gingrich e fhèin mar cuideigin seasmhach a comasach seasamh aghaidh ri aghaidh Obama.

Gu ruige seo, b'e rùn-bheachd moraran nam Poblachdach cuideign nach eil cho glèiteach a chur an aghaidh Obama, gum b'e seo a'chuilbheart chinnteach bhuannachadh san t-samhainn. Ach chunnaic sinn an dealbh sin mar tha. Uair 's uair, tha na Poblachdaich air a bhith tabhainn neo-ghlèitich dhan dùthchaidh an dùil gum b'e seo an t-slighe chinnteaach chun na buaidh. Agus uair 's uair tha iad air call. Smaoinich air an eachdraidh dhuilich sin: McCain, Bush, Dole, Bush, Ford, Nixon. Sreath mòr de thruaghan gun fheum. Fiù 's nuair a bhuannaich na Poblachdaich, cha do bhuannaich iad càil a b'fhiach am facal.

'S e Reagan a-mhàin a b'fhiach a shalainn fhèin 's bha moraran nam Poblachdach gu daigneann na aghaidh.

An rud a thachair ann an Carolina a Deas, 's e ar-a-machd an aghaidh luchd-stiùir na partaidh. Dhiùlt luchd-taic na partaidh ghabhail ri còmhlair am moraran. 'S fheàr leotha ghabhail le cuideigin eile, cuideigin nas seasmhaiche sna deasbadan a tha ri teachd an aghaidh Obama.

Rud eile a thachair an t-seachdainn sa chaidh. Bha ath-chunntadh ann an Iowa, agus chan e Romney a bhuannaich innte mar a bhathar a'smaoineachad, ac Rick Santorum. Mar sin, chan e Romney a th'air trí taghaidhean bhuannachadh a-nis an sreath a chèile mar bha dùil, ach 's e trí buadhaichean eadar-dhealaichte againn an-dràsda.

Tha h-uile coltas ann gun lean an strí oirre fad corra míosan ann fhathast.