An Gaidheal Alascanach

Monday, October 03, 2011

Herman Cain: 'S esan an Duine!





Ghabh mi buidheachas mòr nuair a bhuanaich Herman Cain am Florida Straw Poll an t-seachain sa chaidh.

'S mathaid gur ann an Cèitean neo an Ògmhíos nuair a thug mi fa-near dha airson a' chiad uair. Rinn caraid iomradh dhomh mu dheidhinn. An toiseach, feumaidh mi aideachadh, cha robh mi cho cinnteach. Ach mar a bu mhotha a dh'èist mi ris, b'ann na b'fheàrr a bha e nam bheachd-sa. Shaoil mi gu robh fíor-thuigse aige air cùisean co-ceangailte ris an eaconomaidh. 'S e fear-ghnothaich a th'ann. Dha uair ghabh e stiùir air companaidh a bha an iompaidh dhol fodha 's shabhail e e.

'S e eachdraidh-bheatha inntinneach a th'aige. Duine dubh a rugadh 's a thoghadh sa Gheorgia. Chunnaic e le a shùilean fhèin an geur-leanmhain a bh'ann gu ruige linn nan leth-cheudan. Mar eiseimpleir, b'fheudar dha dhol a cholaiste do dhaoine dhubha air sgàth gu robh na h-oilthighran àbheasteach dùinte dl dhaoine dhubha. Ach bha e soirbheachail na bheatha co-dhiù.

Tha e air a bhith na cheannard air Banca Federal Reserve de Kansas City. Mar sin, saoilidh 's aithne dha beagan mar a airgead agus an eaconomaidh ag obair. Tha e airson gun till sinn a dh'airgead a tha stèidhte air an òr. Tha mi fhín airson sin gu daignean,

Thar an t-samhraidh, 's iomadh uair chuala mi o dhaoine gur toil leotha e ach chan urrainn dha bhuannachadh. Sin an duighleadas a bh'aige daonnan: nuair nach b'urrainn dhut bhuannachadh, chan eil luchd-bhotaidh deònach na bhotaidhean aca cheitheamh ort. Ach tha cùisean air atharrachadh dha.

Tha beachd-smuantean a'sgaoileadh a-nis 's mathaid gu bheil e comasach buannachadh aig a'cheann thall.