An Gaidheal Alascanach

Thursday, September 25, 2008

Aimhreit Eaconomaigeach

Chuala mi gu bheil seanfhacal Sìneach a chanas "Fuiricheadh Sibh an linn inntinneach." 'S e mallachd a th'ann agus cha creid mi nach eil sinn aig iomall linn inntinneach.

Tha an Comhngail sna Stàitean Aonaichte a' feuchainn tighinn gu aontadh mu phlana a dheanadh cobhair do na margaidhean gu ìre 700 Billean dolar 's feumaidh dhan riaghltas fhèin iasaid fhaighinn dheth dhan iomairt seo.

Ciamar a fhair sinn gu bhith ann an leithid de shuidheachadh? Uill, nam bheachd-sa, tha dhà neo trì adhbhran bunnaiteach as coireach. Sa chiad dol a-mach, airson bliadhnaichean mòra tha as-malairt as na Stàitean air a bhith fada na bu mhotha na in-malairt agus an cuid airgead a theid a-mach, tillidh e air-ais do na Stàitean ach ann an cruth creideis. Tha iasaidean mòra againn bho iomadh dùthchanan airson ar cumail aig an ìre ris a dh' fhàs cleachdte agus saoilidh mi gu bheil ceann an rathaid sin air faire.

Carson a tha cus as-malairt as taca ri in-malairt? Saoilidh mi gur ann air sgàth gu bheil sinn a' cleachdadh cus ola 's chan eil sinn a' leasachadh gu leòr dhen ola a th' againn co-dhiù. Nan robh sinn nas ghlice san dòigh seo, cha bhiodh cùisean idir cho dona sa tha iad ann dràsda. Bu chòir dhuinn na goireasan ola a th' againn mar tha a leasachadh agus bu chòir dhuinn ar cleachdadh ola a gheàrradh sìos.

Agus cò aig a bheil buannachd dhen cobhair a tha na Stàitean a' feuchainn a chuir ri chèile? Uill, gu dearbh 's e an fheadhainn a thug iasaid dhuinn: na Sìnich 's na h-Arabaich. 'S ann dhaibhsan a tha a' bhuannachd. Chan eil mi gan còireachadh, idir idir ('s sinne as còireach). Cuiridh mi geall gun d'fhuair Bush rabhadh: mura chuir sinn cobhair neo correigin ri chèile, chan fhaigh sinn creidis a bharrachd tuilleadh. Agus feumaidh sinn am pàigheadh.

'S dòcha nach eil sibh a' faicinn a' cheangal eadar an cleachdadh ola agus an aimhreit a tha sinn a' faicinn an-dràsda. Ach dhomh-sa tha e foilliseach. Tha fada bharrachd iasaid na tha ceàrnadh airgid am measg daoine àbhaisteach anns na Stàitean: taighean mòra, carbadan mòra, làithean saora, a h-uile nì air creidis. Agus cò as a bhios an t-airgead a' tighinn? Chan ann as na Stàitean fhèin tha mi cinnteach. Tro iomadach làmhan, 's ann a taobh a-muigh a tha an iasaid de dh'airgead a'tighinn.

Tha rudan eile as coireach cuideachd. Bho chionn fhada tha an riaghltas a' brosnachadh sealbhadaireachd taighean fiù s am measg an fheadhainn nach eil cho comasach taigh a cheannach. Bhrosnaich an riaghltas morgaidean amaideach a thabhainn dhan fheadhainn nach eil comasach am pàigheadh air ais. Tha e gu math faiseanta a bhith coireachadh nam bancaichean airson a leithid morgaidean ach aig bun na cùise, 's e an riaghltas fhèin a chuir am poileasaidh seo air dòigh.

Agus an treas rud as coireach: a' rèic 's ceannach morgaidean. S e siostam neònach agus gòrach a th' againn sna Stàitean: mar as trice thèid am morgaid agad a rèic iomadach turas thar na beatha dhen mhorgaid. Bha morgaid agam mar seo sna 90an. Aig amannan, cha robh mi cinnteach cò ris a bh' agam ri pàigheadh. B' fheudar do mo bhràthair pàigheadh dhà thuras ann an aon mhìos air sgàth gun deach am morgaid aigesan a rèic aig an dearbh àm sa phàigh e. B' feudar dha creidis fhaighin bhon darna companaidh airson a phaigh e dhan chiad tè ach cha b' urrainn dha.

Ach tha mi a' coireachadh a' chleachdaidh sin air sgàth gu bheil e a' brosnachadh daoine a bhios a' cuir morgaidean ri chèile a bhith mi-onarach. Chan e iadsan a tha a' toirt iasaid suim mhòr airson 30 bliadhna, bith iad ga rèic cha mhòr sa bhad dhan chiad amadan a thigeas sìos an rathad, agus mura theid an duine seo a phàigheadh, dè an diofar dhan dhuine a chuir am morgaid ri chèile? Nan robh an aig an duine a chuir am morgaid ri chèile na pàighidhean a ghabhail fad 30 bliadhna, bhiodh e fada nas faiceallaiche.

Feumaidh sinn rudan a chuir gu ceart. Feumaidh a bhith fios againn carson a tha sin a' tachairt, chan airson a bhith coireachadh ach gus am bi fios againn rathad ceart a dheanamh agus ar cuid amaideas a sheachnadh bho sin a-mach.

Saturday, September 13, 2008

Staid Iomairt an taghaidh sna Stàitean Aonaichte

Uill 's e cola-deug math math a th' air a bhith aig Iain McCain 's 's e fìor dhroch chola-deug a th' air bhith aig Obama.

O chionn cola-deug, bha cunntas-beachdan an àrd airson Obama mu 6 puing air thoiseach air McCain, ach bha trioblaidean mar tha air fàire do Obama. Dh'ainmich McCain Riaghladar Alasga, Sarah Palin gu bhith na tagraiche airson iarr-cheann-suidhe cuide ri Iain McCain. Cha robh dùil idir idir aig iomairt Obama air an taghadh a rinn McCain. Cha b' aithne dhaibh i 's cha robh na h-argmaidean aca na h-aghaidh. Dh' fheuch iad a càineadh san dol seachad 's rinn iad mòran mearachdan an sreath a chèile. Shaoileadh tu gur an ann aghaidh Palin seach McCain gu robh Obama a' strì. Thuirt na deamocrataich nach robh eòlas gu leòr aig Palin airson a bhith na iarr-cheann-suidhe gun a bith smaoineachadh idir mar gu robh sin a' toirt aire nan luchd-bhotaidh air laigse a th' aig Obama san dòigh seo. Fiù's ma bhuanaicheas iad an argamaid an aghaidh Palin dè am buannachd a bh' ann dhaibh?

Cuideachd tha arm de luchd-lagha ann an Alasga ri feuchainn salchar neo correigin a lorg an aghaidh Palin. Agus an àite an tosd a chumail gus am bi iad cinnteach mu na tha iad a' lorg, thèid iomradh sam bith a lorgas iad do na pàipearan naidheachd gu dìreachd. Buil: nàire air ais dhan iomairt Obama fhèin. Agus ma lorgas riamh dad a tha fìor, saoilidh mi nach creid a mhòr-shluagh e co-diù air sàilleamh an t-sreath de rudan nach robh fìor.

Agus an t-seachdainn-sa, chleachd Obama an samhla "lipstick on a pig." Mhìnich Obama as deidh làimh gu robh e a' ciallachadh gu robh Palin na lipstick air McCain a bha na mhuc san t-samhla-sa. Ach domh-sa, 's e seo fianais mar gur e fear-poileataigs fhathast òg 's eu-eòlach a th' ann an Obama. An do dhìochuimhnich e an samhla ainmeil a chleachd Palin fhèin seachdainn ron a sin nuair a chleachd i an samhla "lipstick on a pitbull?" Tha na deamocrataich a' gearrain gu bheil iomairt McCain a' deanamh breug gu robh Obama a' ciallachadh Palin nuair a thuirt e 'pig.' Ach aig a' cheann thall, 's e giobht a thug Obama dhan iomairt McCain 's chleachd iad e.

Agus dìreach an-dè, thuirt iomairt Obama gun srìtheadh iad, bho sin a-mach, gu daighean an Mccain. A' chiad dearbhadh dhe sin? Sanas a bha a'cuir sìos air McCain air sgàth nach eil e a' cleachdadh puist-dealain. Ach dhìochuimhnich iad gu deach corragan McCain a bhriseadh iomatach thuras nuair a bha e na phrìosanach ann an Hanoi 's nach eil comasach taidhpeadh. Agus dè an diofar co-dhiù? Canamaid nach ann air sgàth gu robh McCain air fulaing airson a duthcha nach eile comasach a taipeadh, dè an diofar? Feumaidh gu bheil adhbhran nas cudtromaiche na sin co-dhiù. Fianais a bharrachd gu bheil Obama na thagraiche a tha òg 's fhathast eu-eòlach.

Chan eil sin a' ciallachadh gu bheil McCain mar tha air buannachadh, idir, idir. A-reir nan cunntas-bheachdan, tha McCain eadar 2 's 5 puing air thoiseach air Obama. Faodaidh McCain a' mhòrshluagh a bhuannachadh gun a bhith buannachadh san electoral college. Agus faodar cuideachd an làmh an uachdair a th' aig McCain a sgaoileadh leis a' ghaoith. Tha ùine fhathast aig iomairt Obama an cuid mearachdan a chuir ceart 's greim a ghabhal air cùisean as ùr.

Ach an cunnart a th' aig iomart Obama 's e mar a dh' mhàireas na beachdan aig luchd-bhotaidh nas fhaide, 's ann nas cruaidhe a bhios e an atharrachadh.

Wednesday, September 10, 2008

Mathain san t-slighe

Thòisich mo nighean dhol dhan sgoil ùr an t-seachdainn sa chaidh, nas fhaisge na bha an sgoile eile. Agus bith mo nighean a' dol air a baisaigeil leth chuid dhen ùine agus bith mi fhìn a' dol cuide rithe anns a' mhadainn. Tha dhà shlighe ann airson a dhol dhan sgoile, an darna tè a leanas rathad agus an tè eile a leanas slighe tron a' choille. Rud eile, 's ann air taobh thall na h-aibhne a tha an sgoile, mu dhà mìle shios an abhainn. Ma theid sinn tron a' choille, theid sinn tarsain air drochaid a tha ri taobh na sgoile. Ma thèid sinn air an rathad, thèid sinn tarsain air drochaid a tha faisg air an taigh. Uill, latha an t-seachdain sa chaidh, chaidh sinn air an t-slighe tron a' choille a far a robh e fada na bu shìtheile 's nach robh againn ri deileachadh ri traffic. Uill, bha sinn a' dlùthachadh ris an drochaid agus dè a chunnaic sinn na sheasamh san t-slighe ach mathan. Stad sinn, dh'fhan airson greis, dùil am falbh e far na slighe dhan choille. Ach an ceann ghreis dè a nochd as na lusan ach mathan eile, mathan beag, cuilean. Uill, mathan-boirean 's cuilein! Nach sinne a thionndaidh air ar sàilean sa bhad. Dà mhìle air ais, cha mhòr gu ruige an taigh fhèin 's an uairsin tarsain air an drochaid eile 's an uairsin dà mhìle sìos air taobh eile na h-aibhne. Saoilidh mi gum b'e seo leisgeul na b' fheàrr a fhuair mi fhìn neo mo nighean airson a bhith fadalachd dhan sgoile neo dhan obair: bha mathain san t-slighe! Seo agaibh a thog sinn de mhathan eile o chionn dhà sheachdain:

Wednesday, September 03, 2008

A bheil Palin airson neo-eismeileachd Alasga?

Thàinig am barr an-diugh gu robh Palin na ball uaireigin na AIP, Alaska Independence Party, Parti Neo-eismeileachd Alasga 's seo fad dà bhliadhna. Tha feadhainn a' feuchainn rudeigin a dheanamh dheth.

Ach an robh i riam na ball parti a tha airson neo-eismeileachd Alasga bho na Stàiten Aonaichte? A bheil i neo an robh i riamh air a son-se?

Uill, chan eil fhios 'am le chinnt. Tha mi teagmhach gu robh i riamh airson neo-eismeileachd Alasga ach cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nan robh i uaireigin na ball AIP agus cuiridh mi geall gur ann eadar 1994 's 1996 a bha seo.

Bha sgaradh anns a' pharti nam Poblachdach aig àm iomairt an taghaidh airson Riaghladar ann an 1994. Bhuanaich Jim Campbell mar thagraiche nam Poblachdach ach bha an duine sin gu math leabralach agus dh' adhbhraich sin sgaradh sa pharti. Lean an duine a bha na dharna àite, Jack Coghill air mar thagraiche AIP. 'S e parti bheag fhalamh a bh' ann dheth aig an àm 's chaidh cuid de phoblachdaich na bhall dhen pharti sin airson smachd a ghabhail oirre gus am b'urrainn do Jack Coghill cumail air ann an iomairt an taghaidh.

Mar a thachair, bhuainich Tony Knowles le 41.1%, Jim Cambell san darna àite le 40.8%, Jack Coghill san treas àite le 13.0%.

Tha mi cinnteach nach eil 's nach robh Palin riamh airson neo-eismeileachd. Ma tha fìrinn sam bith san sgeul seo, cuiridh mi geal gur e seo a thachairt. Ach feumaidh mi àideachadh gun do chuir an iomairt nan amadan a bha siud fearg orm aig an àm, ged nach robh mi deidheil air Jim Cambell, oir 's ann air sgàth na rinn iad a gun do bhuainich duine a bha fada na bu leabralaiche na cuid mhòr de na luchd-bhòtaidh ann an Alasga.

Monday, September 01, 2008

Palin: smaointean a bharrachd

Bha mi airson sgrìobhadh mu buaidh a bhiodh aig Palin air iomairt an taghaidh anns na Stàitean Aonaichte ach 's dòcha gun dean mi sin turas eile.

Chuala sinn an-diugh gu bheil nighean Palin trom. Tha i seachd bliadhna deug a dh' aois agus chan eil i posta. Thuirt Palin gum pòsaidh iad ge-ta.

Dhomh-sa, chaidh cus a dheanamh mu dheidhinn seo mar tha ach tha aon rud ann deidhinn sin a tha inntinneach dhomh-sa. Chuala mi gu robh feadhainn a' càineadh nach do rannsaich McCain Palin mar bu chòir agus chan eil i deiseil airson a bhith na ceann-suidhe agus chan eil seo ach na dhearbhadh dheth sin.

Mar a thuirt mi an-dè, thàinig gu ar n-aire an-seo ann an Juneau mu trì mìosan air ais gu sgioba bho iomairt McCain ann an Juneau 's cha robh e doirbh obrachadh a-mach carson a bha iad an-seo. ‘S mar sin, bha fios agam gun do rinn sgioba McCain rannsachadh. An-diugh, chuala mi gu robh fios aig sgioba McCain gu robh nighean Palin trom ach thabhainn e gu Palin gu bhith na tagraiche iarr-cheann-suidhe co-dhiù. Ach aig an dearbh àm, thug e rabhadh dhi gum biodh sgrùdadh mòr na lùib o na meadhanan ann am beatha a cloinne a' gabhail a-steach a h-nighean a tha trom.

An rud a tha inntinneach 's e gun do lean McCain air co-dhiù. Nach bhiodh e na b'fheàrr dha nan rachadh e le cudeigin eile, as aonais connspaid? Dè tha e a' faicinn innte?

Mar a thuirt mi mar tha, tha speis mhòr agam-sa do Phalin. Ach tha sin a' sealltainn dhomh de seòrsa duine a th' ann am McCain. 'S e duine a tha deònach an t-sligh fhurasta a sheachnadh airson na slighe na 's fheàrr.