An Gaidheal Alascanach

Wednesday, October 31, 2007

Turas a dh' Alba agus Suidheachadh na Gàidhlig


Uill, mar a tha fhios aig mòran as aithne dhomh, rinn sinn turas a dh' Alba (airson a chiad turas mo bheatha) agus feumaidh mi ràdh gun do chòrd e rinn glan. Bha sinn ann an Alba fad 17 latha agus ged a chunnaic sinn mòran rudan, tha sinn a' faireachdainn mar nach d'fhuair sinn ach blasad dhi.
Ged nach do chuir sàl air brògan san Eileanan Iar, chunnaic mi gu bheil Gàidhlig gu leòr ann an mòran àitichean, Glaschu, Inbhir Nis, an Eilean Sgitheanach. Bha sinn an Alba còig latha nuair a mhothaich mi mar a bha cùisean a' dol 's thoisich mi fiosrachadh sgrìobhadh mu na comhraidhean Gàidhlig a fhuair mi ann an Alba. Aig a' cheann thall bhruidhinn mi ri còrr 's 40 daoine anns a' Ghàidhlig. Ged a bha cuid as motha dhiubh co-ceangailte ri feadhainn a b' aithne dhomh mar tha bha co-dhiù mòran nach b' aithne dhomh idir romh làimh. Mar eiseimpleir ann am Port Rìgh, chaidh sinn dhan eaglais, serbhis Beurla, agus mhothaich dithis gu robh Bìoball Gàidhlig agam 's thoisich sinn bruidhinn ann an Gàidhlig. Dhà thuras, chuala cuideigin mi a' bruidhinn ri mo nighean ann an Gàidhlig 's thòisich sinn bruidhinn sa Gàidhlig.

Tha sin ag innse dhomh gu bheil Gàidhlig beò agus gu ìre slàn. Ach aig an dearbh àm, ged a dh' fheuch mi cha mhòr a h-uile comhradh thòiseachadh sa Ghàidhlig anns na bùithdean, sna taighean-osda, msaa san Eilean Sgitheanach, cha do dh'obhraich sin ach nuair a bha fios agam le cinnt mar tha cò aig robh Gàidhlig. 'S e cùis-iomagain a tha seo saoilidh mi. Mar eiseimpleir bha soighnichean Gàidhlig sa Cho-op ann an Ath-Leathainn agus bha seo glè mhath agus bha fhios agam ro-làimh gu robh Gàidhlig aig dithis sa bhùth co-dhiù ach cha robh fios agam cò. Feumaidh cleachdadh na Gàidhlig sna suidheachaidhean poblach gam brosnachadh cho math sa s'urrainn saoilidh mi agus saoilidh gum biodh e math nan robh fios cò aig a bheil a' Ghàidhlig ann an dòigh neo correigin.
Rud eile a bu mhath cuir ceart: aig mòran de na caistealan gheibh thu iasad de innealan-mp3 airson mìneachadh de na tha thu a' faicinn. Glè fheumail. Ach ged a gheibhear iad ann am Beurla, Gearmailtis, Fraingis, Eadailtis, Sinis, mòran mòran cànain, chan fhaigh iad anns a' Ghàidhlig. Tha fhios agam or dh'iarr mi air an son sa h-uile àite sa deach sinn.