An Gaidheal Alascanach

Sunday, June 28, 2009

Cuairt-Chàir - Còigeamh Latha - Fàirean Farsaing nam Prairies



Thòisich sinn an latha ann am baile ris an can iad Whitecourt a suidhichte sa cheann ear-thuath British Columbia air an rathad a dh'ionnsaidh Edmonton bho Alasga. Bha tòrr mòr trafaig nan làraidhean gu tuath air sàilleamh leasachadh nan roinntean-òla dìreach mar a bh' againn an-dè. Corra mìltean gu tuath bho Grand Prairies roinn an rathad gu bhith na rathad roinnte dùbailte: dà shlighe gu deas agus gu tuath. Chuir sinn iongnadh oirnn oir nuair a chaidh sinn gu tuath ann an 1989 air an dearbh rathad, 's e rathad singilte a bh' ann agus sin bho Edmonton fhèin beagan a bha fhathast còrr 's ceud mìle gu deas. Tòrr mòr leasachadh a th' air tachairt bhon lìnn sin.

Thog mi dealbh a riochdaicheas gu leòr an sgìre seo: tuathanas agus ola aig ammanan san aon àite.

Mhothaich mi cuideachd gu bheil dualchas gu leòr nan Gaidheal sna sgìrean seo. Chunnaic mi na h-ainmean-àite mar a leanas: glenevis, MacLeod Trail, Glenmore, Canmore (ceann mòr).

Bith sinn ann an Calgary corra làithean 's chan eil rùn agam dad aithris mun deidhinn ach an uair sin, thèid sinn chun nam beann creagach 's tha dùil agam gum bi gu leòr ri aithris an uair sin.

Thursday, June 25, 2009

Cuairt Canada - Ceathrmh Latha - Coilltean gun chrìch



Mas e cuairt-aiseag a bh' anns a' chiad latha 's cuairt tro duthaich Jack London 's nam Mounties a bh' anns an darna latha 's cuairt tro na beanntain creagach 's tòrr mòr beathaichean a bh'anns an treas latha, 's e cuairt tro coilltean gun crìch a bh' anns an ceathramh latha. Dh'fhàg sinn na beanntain air ar cùlaibh ach shìn na coilltean chun an fàire. Sa mhòr chuid, cha fhaca sinn ach craobhan air gach taobh dhinn 's mu ar coinneamh, ach bho àm gu àm, nuair a bhuannaich sinn uibhir de ìre, fhuair sinn sealladh de cho farsaing sa tha na coilltean ann seo (far an robh sin aig an àm, seo an siathamh latha sa tha mi a' sgrìobhadh sin). B'fheudar dhomh stad 's uisge a dhèanamh sa choille, 's tàinig a-steach orm fhad sa bha mi nam sheasamh ann an sin, gun dh' fhaodainn coiseach mìle mìle gu trì de na ceithir àrdan 's chan fhaicinn ach coilltean mar far an robh mi aig an àm.

Tuesday, June 23, 2009

Cuairt Canada - Treas Latha



Rinn 450 mìle an-dhiugh agus bha an duthaich uabhasach fhèin brèagha. Chaidh sinn thairis air àrd-dhruim nam beann creagach. Chunnaic sinn sneachdan ùra air na h-àrd-mhullaichean a bha cho lom. Chunnaic sinn tòrr mòr beathaichean. Bison, Bison na Coille leis an fhìrinn innse, roinn caran ainneamh a' ghnè Bison as àbhaist a bhi fuireachd sna coilltean seach air na prairies mar a nì roinn nam bisons a bha nas bitheanta.

Chunnaic mathain, ceithir dhiubh, sionnach a' ruith le pròis 's coinneamh na bheul (bha an coinneamh marbh mar a shaoileadh tu). Dè eile a chunnaic sinn, coyote agus fiadh.

Aon rud a ghlac m' aire, 's e cho trang sa tha na sgìrean timcheall air a' bhaile Fort Nelson. Bha tòrr mòr làraidhean an sreath a chèile a' dol gu tuath a dh' ionnsaidh. Biastan mòra de làraidhean le tangairean mòra air an slaodadh as an deidh. Tha tòrr mòr ola agus gas sa sgìre sin. Chunnaic seallaidhean mar sin an ath-latha.

Mu dheireadh, dh' fhuirich sinn ann am bothan fiodha ri thaobh abhainn air a bheil Sustinni mas matha mo chuimhne. Ri thaobh an rathaid mhòir aig bonn slèibh fhada, chuala sinn na làraichean mòra a' dol seachad. Bha lùib mharbhteach aig bonn na slèibhe cuideachhd 's dh' fhaighnich dhen duine far an robh sinn nan robh tubaistean sam bith aig lùib an rathaid sin. Agus gu dearbh bha, dhà thubaist a chaidh innse domh. Cha deach duine a mharbhadh ach chaidh tòrr mòr plywood 's pìoban a sgapadh air feadh an àite nuair a chaill làraidh mhòr an drochaid.

Co-dhiu, b' e seo an treas latha againn.

Deasachadh a bharrachd. Tha mo chuimhne a tighinn air ais thugam. Chunnaic sinn dhà mhoose agus cuideachd caora-bheinne.

A' chiad fhianais a fhuair sinn gu robh bison mòra gu bhith san rathad 's e cnapan mòra de chac ri taobh an rathaid. Nuair a chunnaic mi iad sin, thuirt mi rium fhèin, chan eil mi airson tubaist fhaighinn leis a' bheathach a rinn am biast de chaca tha seo 's chuir mi mo shùilean shealgaireachd orm. Bha fios agam nach fhaicinn i na seasamh gu h-àrd 's a taobh thugam ann am meadhan rathad mòr an rìgh mar a chìthear air na seann sgillinn ameireaganach ach gun grad-leumadh i gun fhiosda bho à sealladh mu coinneamh a' chàir againn. Mar sinn bha sùilean geura orm a' sìor-rannsachadh gu minideach iomall an rathaid. Agus gu dearbh, 's ann mar sin a chunnaic mi a' chiad buidhinn dhiubh: mar dhath neònach an aghaidh gormachd iomall an rathaid. Rudeigin donn, fada ro mhòr airson a bhith na chnap cac.

Cuairt Canada - Darna Latha



Chaidh sinn gu tuath bho Skagway, leanntain gleann caol garbh 's creagach. Bha an rathad iarrain a'leanntain air taobh eile a' ghlinne. Chaidh sinn thairis air mullach nam beann 's bha sinn ann an Canada. As deidh 100 mìle, fhuair sinn an rathad mòr Alasga chun an ear-dheas. 'S e glè bheag de dhaoine a chunnaic sinn air an t-slighe agus bha an rathad glè mhath 's bha e furasta dhuinn astar mòr a chur as ar deidh. Mu dheireadh stad airson na h-uidhche ann am baile beag air a bheil Lake Watson 's sinn air 330 mìle a chur as ar deidh.

San taigh-osda sa dh' fhuirich sinn, chunnaic mi dealbh a chòrd rium gu mòr:



'S esan an gaisgeach! Tha an dealbh a' comharrachadh 100 bliadhna nan Royal Canadian Mounted Police san Roinn Yukon.

Cuairt Chanada - Chiad Latha



Tha sinn air cuairt-càir tro sgìrean uaigneach sa cheann an iar-thuath Canada. 'S e seo ar ceithreamh latha a-mach 's tha sinn a-nis a' dlùthachadh a Edmonton ag amas a Chalgary.

Nì mi turasgeul de na rinn sinn gu ruige seo a' tòiseachadh leis a' chiad latha, an latha a dh' fhàg sinn Juneau.

Dh'fhàg Juneau latha na Sabaid 's cha do chuir sin ach còig mìle air a' chàr againn on gur ann air aiseag a bha sinn a' siubhal. Chòrd an cuairt aiseag rium gu mòr. Chaidh sinn suas meur na mara a dh' fhàs na bu chaoile 's na bu chaoile 's bha beanntain cho garbh air gach taobh dhinn.

Mu dheireadh aig naoi uairean feasgar, ràinig sinn Skagway. Aig an uair sinn, cha robh fiù 's cat a bha gluasad air na sràidean. Tha blas mòr eachdraidheil air a' bhaile ge-ta, le tòrr mòr toglaichean o àm Gold Rush ann.

Aon rud a bu mhath leam dheanamh, 's e an trèana a ghabhail, 's e trèana seann nòs a th' ann le einnsin ceò a dh' fhaodas tu ghabhail a Whitehorse. Saoilidh mi gum biodh an turas trèana gu math tlachdmhòr.