An Gaidheal Alascanach

Friday, November 24, 2006

Cuairt Skii air an Loch Mendanhall



'S e latha taingealachd a bh'ann an-dè, 's e latha-saor a th'ann anns na S.A. 'S àbhaist do dhaoine a cruinneachadh còmhla 's a dh'ithe 's a dh'ithe, gun sguir 's gun fhois.

Co-diùgh, dhùisg mi 's thug mi sùil air an tomhas-teas: -23C. Ach bha e grianach breagha. Mar sin, chaidh mi a-mach air cuairt skii air an lach Mendanhall. Chaidh mi a-chum na h-eighr-sruth. Cha do ruig mi i ge-ta. Bha mo chasan a'fàs beagan fuar 's dh'fhàs mi na b'fhuaire air an t-slighe dhachaidh leis gu robh a'ghaoth nam aghaidh. Co-diùgh, chòrd an cuairt rium gu mòr 's tha dùil agam dhol a-mach a-rithist, fuachd ann neo às.

Tuesday, November 21, 2006

Sneachd


Get video codes at Bolt.

Sin sealladh dhen Loch Mendenhall Didomhnaich sa chaidh. Bha i a'cuir sneachd a-rithist. Tron an t-seachdain, chuir i faisg air 4 troigh sneachd. Bha na sràidean loma-làn dhe 's bha duighleadas ann a bhith siùbhal air na sràidean.

Ach stad an sneachd 's Diluain bha e grianach fuar. Nuair a dh'èirich mi sa mhadain-sa, dimhàirt bha e -18C. Air an t-slighe gu bus a ghabhail, bha a h-uile càile fo thàmh gun deoch gaoith ann. Bha na rionnagan na h-oidhche fhathast ann a'priobadaich gu h-àrd ach ghabh fàileas nam beann ri fhaicainn an-aghaidh dubh-ghorm nan speuran 's na craobhan còmhdaichte le geall.

Chuck

Saturday, November 18, 2006

Deuchain: bhideo le seallach dhen t-sneachd a fhuair sinn


mòran taing a Bhoilt! at Bolt.


Tha mi an dòchas gun obraich sin, 's e sealladh dhen t-sraid far a bheil mi a'fuireach. Fhuair sinn cnap mòr sneachd an t-seachdain-sa 's chan eil e a'leaghadh idir.

chuck

Friday, November 17, 2006

Dòighean ionnsachadh na Gàidhlig 's Litir do Luchd-ionnsachaidh

Aig a'chùrsa oidhche mhàirt, san darna leth a'chùrsa. bha mi a'cleachdadh na litreachan do Luchd-ionnsachaidh 's thàinig rudeigin a-steach orm. Bha sinn ag èisteachd 's leughadh litir do luchd-ionnsachaidh. As deidh dhuinn paragraph leughadh tri neo ceithir tursan le mìneachadh bhuamsa, thionndaidh mi am pàipear, b'fheudar do dh'oileanach (cha robh ach aon diubh ann) èisteachd ris an litir gun a bhith a leughadh. 'S an uair sin, bha mise a'faireachdan eagalach nach chluinneadh ise na faclan gu ceart, 's gur e sin na aon faireachdainean a bh'aicese. Dh'fhaighnich mi dhi nan robh i a'faireachdan mar sin 's thuirt i gu robh.


Sin an duighleadas a th'aig cuid mhòr de na luchd-ionnsachaidh: gun an nì as àithne dhaibh chluinntinn 's an t-eagal a'tighinn orra.

'S thàinig a-steach orm carson a bha an dòigh a cleachd mise cho furasda (dhomhsa co-dhiugh). Bha mise a'èisteachd ri na litreachan gun sguir 's gun fhois cha mhòr, gun a bhith gan leughadh. Chleachd mi na litreachan sgrìobhte airson faighinn a-mach dè bha na faclan a bha mi a'cluinntinn a'ciallachadh. Sin an rud: cha robh eagal sam bith orm nach cluinninn na faclan air an robh mi eolach, bha mi gan cluinntinn mar tha, 's e an ciall a bha dhìth orm.

Sin a bu mhath leam feuchain an ath-thuras ri thoabh litir do luchd-ionnsachadh: Sa chlas: èist ri paragraph neo dhà iomadh thuras. Thoir dhaibhsan innse dhomh dè tha na faclan a tha iad a'cluinntinn, 's bith iad sin na faclan 's abairtean a mhìnicheas mi dhaibh.

Sunday, November 12, 2006

Tadhal na BBC air Tìr nam Blog



Thadhail sgioba na BBC air Tìr nam Blog an t-seachdain sa chaidh seachad. Ràinig iad Juneau, Alasca, tè de na sgìrean na Tìre nam Blog an deireadh sheachdain-sa. Bha Annie ann, a'bhean-stiùiridh 's Ian am fear-camara 's Isbeil a'bhean-phresenter.

An toiseach, chaidh iad a Los Angelos, sgìre eile na duthcha Tìr nam Blog 's chuir iad seachad ùine le Alasdair 's an uairsin thàinig iad a Juneau. Bha iad uabhasach fhèin laghadh 's b'ann riumsa a dh'fhairich mi urram mòr bhuapasan.

Thug sinn sùil air na seallaidhean na sgìre an seo. Mar eiseimplir sheall sinn air an eighr-shruth Mendenhall. Choimhead sinn cuideachd air tè de na seann mèinnean-òir, Treadwell. Choinnich iad cuideachd ris a'buidhinn ris a tha mi a'teagaisg na Gàidhlig. Rinn a'bhuidhinn uabhasach fhèin math feumaidh mi ràdh.

A bharrachd air a sin, rinn iad clàr dhinn 's sinn a'skypeadh. Bha Lìosa à Kazakstan ann 's Gràisg à Inbhir Narrann 's Alasdair à Los Angelos 's MacSteaphan a th'ann an Iapain.

Bha e gu math innteannach an coimhead san obair aca 's mar a chuirear prògraman telebhesean còmhla.

Tha iad a'deanamh prògram air feadhain a tha an sàs ann an Tìr nam Blog. Bith a'phrogram-sa pàirt den t-sreath a bhios a'comharrachadh na bliadhna 2007 mar Bhliadhna na Gaidhealtachd ' nochdaidh e an ath-earrach.

chuck

Duilich-

Duilich airson na còig uilt a bh'ann. Bha sgioba na BBC ann seo a'fiolmadh 's bha iad mo fhiolmadh 's mi a'typeadhadh air am compiutair. Iarr iad orm an aon rud corra tursan. 'S ann mar sin a nochd an aon aithris còig tursan.

Co-dhiùgh, nì mi aithris ceàrt den turas a rinn aBhBC gu Tìr nam Blog, gu math inntinneach.

Chuck