An Gaidheal Alascanach

Saturday, November 26, 2005

Teaghlaichean Dà-Chànanach (3)

Tha cùisean air a bhith gu math trang am mìos sa chaidh seachad. Co-dhiugh tha mi airson beagan a bharrachd sgrìobhadh mu teaghlaichean dà-chànanach.

Sa chiad a dhol-a-mach, dh'iarr Mona orm dè tha mo bhean a smaoineachadh air a sin. Uill, nuair a rughadh mo nigheann nas òige, o chionn dà bhliadhna gu leth, bha mi airson a togail gu dà-chànanach ach ann an Fraingis. Bha mo bhean ceart gu leòr leis a sin leis gu rugadh 's thogadh i ann an Quebec 's tha i ga tuisginn gu furasta. Nuair a dh'atharraich mi gu Gàidhlig, cha robh i ro-thoilichte. Cha robh i mi-thoilichte, ach cha robh i ro thoilichte nas motha. Cha robh i comasach tuilleadh na bha mi ag ràdh ri mo nigheann a thuigsinn. Agus cuideachd bha i den bheachd gum bhiodh Fraingis nas fheumaile do mo nigheann. Ach dh'fhàs i cleachdte ris a'chùis. As deidh dhi mu fichead mìosan a bhith gam chluinntinn a'bruidhinn sa Ghàidhlig ri mo nigheann, mar as trice tha fhios aice dè na tha mi ag ràdh. Agus tha i a'tuigsinn gu bheil Gàidhlig feumail ann an dòigh èile.

Mar a thuirt mi, tha mo nigheann (nas òige) a'fàs gu math bhith-briathrach, anns a'Bheurla agus anns a'Ghàidhlig agus fhathast ann an cànan èile: 'pàistis', cànan nam pàistean bige air feadh an t-saoghail. Agus mar a bhios fios aig pàistean air feadh an t-saoghail, mura a bheil thu a'faighinn na dh'iar thu air aon phàrant, iarr air am fear eile. Agus sin mar a cùisean aig obair san dachaidh againne ach ann an dòigh rudeigin eadar-dhealaichte. Mura a bhios Sarah a'faighinn a dh'iarr i ann an aon chànan, iarraidh i anns a'chànan eile e.

Agus bith i a'cleachdadh abairtean an siud 's an seo ann an dòigh gu math iongantach. Dìreach ann latha eile, thug mi aran agus ìm dhi agus seach a ràdh 'thank you' neo 'tapadh leat' mar bu chòir, thuirt i 's ann leamsa a tha e.' Cha b'urrainn dhomh ach rudeigin mar 'well excuse me' neo 'gabh mo leisgeul' a ràdh rithe mar fhreagairt.

Mar sin, gabhaidh a leithid togail cloinne ann am mìon-chànan fiù s aig an aon àm sa tha thu fhèin ga h-ionnsachadh agus sin aig amanan ann an dòigh a'cuir iongnadh mòr orm. Ach gu cinnteach tha duilgheadasan ann agus an ath thuras, tha mi airson a bhith a-mach air na duilgheadasan a th'ann a bhith a'togail clann ann an mìon-chànan

Chuck