An Gaidheal Alascanach

Monday, March 24, 2014

Chiad Bhideo de sreath ùr air cuspair gunnaichean



http://youtu.be/m_66QKX7FF0

Tha mi a'cur sreath ùr de bhideothan air loidhne. 'S ann air cuspair gunnaichean a tha iad. Chan ann airson a bhith connspaideach a tha mi a'deanamh sin ach air sgàth gur e cuspair anns a bheil ùidh mhòr agamsa 's ma tha ùidh mhòr agamsa ann an rudeigin 's mathaid gun deanainn bhideo nas inntinniche m'a dhèidhinn.

'S e cuspair mòr 's farsaing 's ioma-fhillte a th'ann an gunnaichean 's 's iomadh bhideothan a ghabhas ri dhèanamh orra. San àite far a bheil mi fhìn a'fuireachd chan e cuspair connspaideach idir a th'ann ach cuspair làitheal d'ar beatha.

'S e cuspair de na chiad corra bhideothan a th'agam dhuibh pròiseact poingealachd. Tha raidhfil AR-15 a th'air a bhith agam bho chionn còrr 's fichead bliadhna. 'S nuair a cheannaich mi e, bha e anabarach fhèin poingealach. Ghabh mi pàirt ann am mòran co-fharpaisean 's bha mi gu math soirbheachail leis. Ach an-dràsda, chan eil e air a bhith cho poingealach sa bha e air a bhith ron a sin agus 's e an t-amas a th'agam poingealachd an raidhfail agam a thoirt air ais air mar bu chòr.

Anns a'chiad bhideo seo, tha mi a'toirt sùil air corra targaidean a rinn mi leis an raidhfil agam 's chan eil mi cho toilichte leotha. Pàirt d'an dùbhlan air th'air a bhith agam, 's e gu bheil goireasan gunna air a bhith gu math gann thar na corra bliadhnaichean mu dheireach.

An-uraidh bha na luchd poileataigs air a bhith ag eigheachd toirmeasg a chur air a h-uile càile co-ceaghailte ri gunnaichean 's bho'n uair sin tha goireasan gunnaichean air a bhith gu math gann. Tha a h-uile duine air a bhith ann an eagail 's a h-uile càil co-cheaghailte ri gunnaichean, rachadh iad an ceannachd cho luath 's a nochdadh iad sna bùithtean. 'S am pùdar 's na peillearan a bh'air a bhith cho puingealach anns an AR15 agam, chan eil iad ri fhaighinn idir airson prìs sam bith.

As dèidh mìosan mòra gun a bhith connadh-gunna ri fhaighinn d'an seòrsa sam bith sna bùithtean, nochd connadh-ghunna .223 Remington, an connadh-gunna a loisgeas a'chuid as mhotha de na AR-15, anns na bùithtean. Ach an rud a th'ann, mar as trice, ma 's 's e puingealachd an rud a tha thu ag iarraidh, bhiodh connadh-ghunna dèante anns na factoraidhean nam bruiseadh-dùil dhut.

Anns a'bhideo sin 's sna corra bhideothan a leannas, bheir mi sùil air mar a nì thu puingealach gunna 's mar a tha barail raidhfil nas coltaiche ri sraing guitar sa shaoileadh tu.

Feumaidh mi aideachadh, tha a'chiad bhideo seo caran fada 's slaodach. 'S e mo dhòchas nach bi na bhideothan as leanas cho slaodach.

Dùbhlan eile a th'agam 's e gu bheil briathrachas ghàidhlig co-ceangailte ri gunnaichean caran gann. 'S e cuspair caran teagneagach 's aig amannan tha e caran doirbh dhomh mìneachadh ceart a dhèanamh mar bu chòir. Bhithinn nam chomain do dhuine sam bith aig am biodh molaidhean sam bith dhomh co-ceangailte ris a'chuspair seo.

Saturday, March 01, 2014

Latha Breagha Sgì

Rinn mi bhideo dhen turais a rinn mi dhan aonad sgì Eaglecrest ann an Juneau Alaska. 'S e latha uabhasach breagha a bh'ann. Seo am bhideo:

http://youtu.be/_sMHbSwk504