An Gaidheal Alascanach

Wednesday, April 29, 2009

Ruigidh each mall a' mhuilean ach...


...an ruig carbad mall am port adhar? B' e seo a' cheist a bha fA near dhuinn mar a dh' fheuch sinn ar slighe a dheanamh bho Choffman Cove an ceann a tuath Eilean Prince of Wales a Chraig far an robh sinn an dùil itealan a ghlacadh air ais a Ketchikan. Bha sinn a' dràibheadh carbad a fhuair sinn air mall agus 's e fìor carbad mall a bh' ann dhuinn.

Ach toiseach thòiseachaidh. Thoisich sinn an latha ann an Juneau 's bh' againn ri latha fada ri dheanamh: dhol à Ketchikan san itealan-steallaidh 's an uairsin itealan mara a Chraig air an Eilean Prince of Wales far an d'fhuair sinn carbad air mall. An uair sin, leth cheud sa chòig mìle gu tuath dhan bhaile bheag air a bheil Coffman Cove. Bha trì uairean againn mus dh'fheumadh sinn tilleadh air ais a Chraig airson an itealain mu dheireadh air ais a Ketchikan. 'S e cuairt aon latha a bh' ann. Bha sinn a' tilleadh a Juneau an dearbh latha.




Agus an carbad a fhuair sinn, 's e seann Ford Escort bàn a bh' ann. Bha an solas-dash "check engine' air bho thoiseach 's bha droch fhuaim as. Cha tug mi for dha sin 's rinn sinn an cuairt gu tuath ceart gu leòr. Dh' obraich sinn gu cruaidh air sàilleamh na h-ùine ghoirid a bh' againn. Beagan as deidh trì uairean dh' fhàg Coffam Cove gu Craig. Bha an carbad cho lag 's ghnog an t-einsean gu dubh nuair a phutainn idir air an accelorator. Mu còig mìle dheug a-mach à Coffman Cove, shlaodaich mi sìos airson fèidh a bh'air an rathad 's chasadaich an t-einsean 's stad e. Bha ceò as. Dh'fheuch mi an t-einsean ach 's gann gun do thionndaidh e idir.






Nise, 's e àite fìor iomallach a far an robh sinn. Tha eilean POW ceithir h-uibhir nas motha na tha an t-eilean Sgitheanach ach chan eil ach 6000 neach a tha a' fuireach ann. Bha an aimsir grianach brèagha ge-ta 's dh'fhan sinn ann an sin car ùine gus an do shocraich an ceò. Dh'fheuch mi an t-einsean a-rithist 's chaidh e a'dol. Aig an ceart àm, nochd carbad air fàire a'deanamh gu tuath. 'S e làraidh mheargach a bh' ann. Stad i. 'S e bodach a bh'ann le feusag fhada shalach air. Dh'fhosgail e a bheul ri bhruidhinn rinn, 's mo mhionnan, bha tuilleadh fiacail a dhìth na bh' aige. Cha chreid nach chuala mi banjos a' cluich à badeigin neo correigin an uairsin. An fhìrinn, 's e duine còir a bh' ann 's cha robh nàire sam bith ann a bhith a' diùltadh an cobhair a thabhainn e dhuinn leis gur ann gu tuatha a bha esan 's gu deas a bha sinne.

Thòisich sinn a-rithist. Nuair a chunnaic sinn lòn, stad sinn 's chuir sinn uisge a bharrachd sa radiator 's thòisich sinn as ùr, dòchasach ach mi-chinnteach. Bha an t-einsean cho lag, 's ann air fìor èiginn a fhuair sinn thairis air na slèibhtean a bu shocraiche a chunnaic mi riamh. An ceann mìle, stad e a-rithist. Fhuair mi air dòigh e a-rithist ach cha d' fhuair sinn fada idir, mìle aig car a bu mhotha 's chaochail an t-einsean. Cha robh guth as an turas seo.

Bha sinn fhathast 40 mìle bho Chraig, dh'fhan sinn ann an sin, chan eil fhios, fichead mionaid, leth uair s' dòcha 's cha do nochd duine idir ann. Dè cho fad mus nochdadh cuideigin? Bha an t-itealan gus falbh aig 5:15 's aig 4:15 cha robh dòchas sam bith air fhàgail dhomh. Dh'fheumadh sinn taigh-osda a lorg ann an Craig. Cha robh cus eagail gun dheanadh sinn an oidhche ri thaobh an rathaid, oir bha fios agam co-dhiù gun rachadh cuideigin eile a Chraig bho Coffman Cove beagan nas fhaide.

Co-dhiù, seachad air 4:15, nochd làraidh le ceithrir ann 's dh'aithnich mi dhaibh nan robh iad a' dol a Chraig. Thuirt iad gu robh. Leis gu robh i cho làn, b' fheudar dhuinn dhol air cùl na làraidh cuide ris na tires 's bumper mòr meargach. Taing do shealbh gu robh e cho brèagha 's cha robh sinn fuar 's thug an duine sinn dhan itealan 's ràinig sinn an t-itealan mu còig mionaidean ro an uair a b' fheudar 's fhuair sinn air ais gun duighleadas sam bith eile.

Nuair a bha sinn nar seasamh ri thaobh an rathaid, shaoil mi gum bu chòir dhomh na pàipearan co-cheangailte ri mall a' charbaid a leughadh, gus nach dean mi mearachd neo correigin. Cha robh mòran inntinneach ann, ach ghlac aon seantans m' aire:

"...this is only to be used for rental purposes and IS IN GOOD CONDITION.

Cha can mi an còrr.

Saturday, April 18, 2009

Còmhla-Ciùil Québecois ann an Juneau



'S e latha fada a bh' ann dhomh Diciadain. Bha sinn ann an Ketchikan airson an latha agus bha mi air a bhith air chois bho mhoch sa mhadainn agus bha mi seachd sgìth nuair a ràinig sinn am port adhar aig deireadh an latha a thilleadh dhachaidh. Bha an t-itealan caran fadalachd 's nuair a chaidh mi air bòrd cha robh dad a bha fa-near dhomh ach mo suidhe a lorg 's mo shùilean a dhùnadh. Ach fhad sa bha mi a' dlùthachadh air an t-suidhe agam chaidh m' aire a ghlacadh le rudeigin gu tur eadar-dhealaichte: cainnt à m' òige air a bruidhinn le triùir: dual-chainnt Fraingis à Québec a chuala mi.

B' e seo mo chainnt làitheal iomadach bliadhna nuair a dh' fhuirich mi ann an Quebec. Ach ghluais sinn a dh' Alasga ann an 1989 ach 's e glè glè ainneamh a chluinneas mi i bhon uairsin. Agus 's ann gu mòr air diochuimhe a bha seo nuair a chuala mi an triùir seo a' bruidhinn san dearbh dual-chainnt a bh' agam-sa, feumaidh mi aideachadh gun tàinig tuinn cianalais thairis orm.

An rud a bh' ann, 's e comhla-chiùil a thàinig a Juneau airson Fèis Bliadhnail Alasga (Alaska Folk Festival). Bha fios agam mar tha gu robh iad a' tighinn ach chaidh e buileach à m' inntinn gus a chuala mi iad. Chaidh mi fhìn 's mo nighean as sìne èisteachd riutha oidhche ardaoine agus chòrd e rinn gu mòr. Thàinig iad cuideachd dhan sgoil m' ighne. Òran as fheàrr leam, 's e C'est ben dommage a tha a-mach air duine leisg a tha a' leigeil a theaghlach a chuid obrach gu lèir a dheanamh timcheall an taighe. An t-seist an òrain 's e "Ils font de belle ouvrage." Gu math èibhinn.

Ma tha uidh agad sùil a thoirt orra, seo an ceangal dhan làrach-lìnn aca far an cluinnear dhe na h-òrain aca:

http://www.detempsantan.qc.ca/

Chuck