An Gaidheal Alascanach

Saturday, January 28, 2006

Beinn Augustine agus cuairt a dh'òtrach

B'fheudar dhuinn dhol a dh'òtrach (dump, facal ceart?). 'S latha grianach a bh'ann 's air an t-slighe, bha sinn a'coimhead gu tuath 's chunnaic sinn seòrsa ceò àrd a bha car buidhe-donn-ruadh: luaithre beinne Augustine a bha a'tighinn oirnn. Bha aithris o National Weather Service mu luaithre à Augustine airson sìorrachd Kodiak. 'S gu dearbh, sin a chunnaic sinn 's i a'tighinn oirnn.

Ràinig sinn òtrach (dump?). Bha tòrr eòin ann, feannagan, fithich 's iolairean. Cha robh na h-iolairean a'coimhead cho pròiseil. Bha na h-itean troimhe chèile 's bha iad salach, còmhdaichte le salachar sgudail na h-òtraiche. Thuirt sinn riutha: dean ionnlaid 's cleachd siabann!!

Co-dhiugh, dh'fhàg sinn ar sgudal ann 's thill sinn.

Aig meadhan an latha, sheall mi air na speuran. Cha robh e sgothach seach gu tuath far an robh beagan neòil. Ach bha seorsa ceò ann, buidhe os ar cionn. Gu deas, bha e cho soilleir sa ghabhas. Na b'fhaide, fiùs gu deas, bha e na speuran a'coimhead car buaidhe. Sheall mi air an uinneag a'chàir againn. Bha duslach oirre a bha a'faireachdan mar mìn-ghlainne eadar do chorragan. Beagan luaithre Beinne Augustine, dìreach airson innse dhuinn gu bheil i ann.

Friday, January 27, 2006

Bhrùchd Augustine a-rithist


As deidh beagan laithean a bhith samhach, bhrùchd Augustine a-rithist. Seo dealbh mar a bha Augustine a'coimhead o chionn tri latha. Chan eil dealbh de bhrùchd a tha a'tachairt an-drasda leis gur e dòrchda an-dràsda. Thuirt iad gu bheil an luaithre air a thigeil suas gu ceathrad mìle troigh os cionn na mara. Tha iad ag rath gu bheil an luaithre a'dol gu àrd deas 's an ear-dheas, a'ciallachadh gu àrd Codiac.

Ma ruigeas an luaithre Codiac, bith dìth orm rudeigin a lorg taobh a-staigh ri dheanamh.

Chuck

Monday, January 23, 2006

Gaisgeach 's a nigheann

 
 Posted by Picasa

Muinntir Kodiak a'cuir fàilte do shaighdearan an National Guard

 
 Posted by Picasa

...an sin bith crathadh làmhan ann 's bilean bhàth toirt pòg…

As deidh dhaibh a bhith air falbh cha mhòr bhliadhna gu leth, thill na gaisgich Kodiadaidh on chogadh an-diugh.

Chruinnich muinntir Kodiak nan ceudan aig puirt-adhair airson fàilt a thoirt don saighdearan an National Guard Kodiak. Bha an seomar-fheitheamh làn brataich 's bailiùnan dearg, geal, gorm 's buidhe.

A' chiad itealan a thàinig, cha nochd ach dithis aisde. Thug sinn fàilte blath, blath dhaibh 's dh'fheithich sinn an ath itealan. Uair na b'fhaide, thàinig itealan eile 's an turas seo nochd mu dhusan shaighdearan 's an turas seo spreidh caithream o mhuinntir a bha an lathair. Bha na deòir a'sruthadh 's mar a thathar a'ràdh sa phìos bhàrdachd, bha crathadh làmhan 's bilean blath toirt pòg. 'S an uairsin, sheinn a'mhuinntir òrain na duthcha, fear as deidh cheile. Uaireanan, stadadh guth a sheinn air sgath na deòir ach sheinneach guth eile na bu làidire buileach, 's fad an t-siughail bha eigheachdan buaidh ann 's pògan air an toirt.

Air mo cùlaibh, chuala mi guth bodaich ag ràdh: cha b'ann mar a bha e nuair a thill mise. Gu dearbh cha robh. Gun teagamh 's e seann saighdear chogaidh Vietnam a bh'ann.

Mhoithich mi saighdear a s'aithne dhomh, Kris. Tha e ag obair aig aon àite sa tha mise. Bha e a'giulainn a nigheann na ghàirdeanan a bha a'strì fhaighinn air falbh. Dh'fhalbh e an uair ud mar athair dhi 's thill e an uair seo mar shrainnsear. Bha e foilliseach dhomh mar a bha e a'faireachdain. Dh'fhaighnich mi dheth dè an aois a tha a nigheann ged a bha fhios 'am. 'S an uair sin dh'innis mi dha mar a bha cùisean airson mo bhràthair nuair a chaidh esan gu Iraq ann an 1990. Tha nigheann aigesan a bha sia mìosan a dh'aois nuair a dh'fhalbh e. Nuair a thill esan, bha e na shrainnsear dhi. Mar eiseimpleir, nuair a ghoirteadh i a giulainn, b'ann a-chum a mathair a rachadh i seach a-chum a h-athair. Dh'innis mi sin do Khris gur e rud nàdarach a th'ann. Cha do dh'innis mi dha ge-ta nach eil mi builleach cinnteach ma do dhlùth a-riamh nigheann mo brathar ri a h-athair.

Ach, tha iad fortanach. Cha robh iad air falbh ach airson bliadhna gu leth. B'ann airson iomadach bliadhna a bhiodh iad a bhith air falbh anns na cogaidhean san amannan a dh'fhalbh. 'S aig amannan bhiodh iad air falbh gu sìorraidh buan.

Nuair a bha sinn a'falbh, thuirt mo charaid rium gum bu còir dhomh mo phìoban a thoirt leam 's puirt neo dhà a chluich air an son. Tha, thuirt mi. 'S bochd nach do rinn mi sin. An ath chodadh thuirt mi. Nì mi sin an ath chogadh.

Chuck

Tuesday, January 17, 2006

Beinn Augustine An-diugh


Seo dealbh Augustine an-diugh. Beagan ceò aig mullach na beinne. Chuala mi gun do gabh an ceò ri fhaicinn ann an Kodiak dihaoine ged nach fhaca mi e.

Friday, January 13, 2006

Beinn-theine Augustine a'losgadh

Tha beinn-theine ann gu tuath bhon Kodiak a tha gu math trang sa laithean seo. Bhrùchd i dà lath air ais 's a rithist an-diugh. An-diugh thil i a'tilgeil luaithre suas gu àirde 10 000 m os cionn na mara. Airson greis an-diugh, bha na gaoithean ga toirt gu àirde Kodiak ach cha ràinig i an-seo. Bha na sgoiltean dùinte ann am baile Homer air sgath sin.

Tha fiosrachadh air am brùchdadh ri fhaicinn an seo: http://www.avo.alaska.edu/activity/Augustine.php

Tha dealbh na beinne ann ri fhaicinn cuideachd. An-diugh bha i gu math inntineach 's tòrr ceò a'cruathachadh air mullachd na beinne-tiene.

Tha e air a ath-ùrachadh a gach uile leth-uair.

A chiad thuras a thàinig sinn Homer, Alaska ann an 1986, nuair a bha sinn fhathast a'fuireach ann am Montreal, bha an aon beinn-theine air a ùr-brùchdadh 's bha luaith fhathast ann. Tha a'bheine-theine air a bhith gu math sàmhach gu ruige seo.

An buaidh as motha do Khodiak: itealain a'dol eadar Kodiak 's Anchorage. Faodaidh an luaith buaidh mhòr a thoirt air itealain. Ma thigeas luaithe a-steach einseinn an itealain dh'fhaodadh i stad a chuir air. Tha cuimhne 'am fhathast ann mu 1990, bha itealan ann a bha a'siughal gu Anchorage 's beinn-theine eile a'brùchdadh, sgeith e tro sgoth luaithe. Stad an t-einseanan 's thuit an itealan 's theabh e tùbaist a dheanamh. Gu dearbh tha buaidh mhòr air na h-itealain.

Aig an dearbh àm sa tha mi a'sgrìobhadh, thuirt iad air an teileabheisean gu bheil an luaith a'dol gu àirde an iar à an beinne 's tha tòir itealein air an cuir gu stad.

Chuck

Sunday, January 01, 2006

Bodach na Nollaig


Thàinig Bodach na Nollaig Dihaoine sa chaidh. Seo am finais, cnap beag leabhraichean Gàidhlig.

Am measg nan leabhraichean: Am Faclair le Colin Mark. Tha mi a'tuigsinn carson a tha a h-uile mac 's nic mathar a'moladh an fhaclair seo. 'S e fìor deagh fhaclar a th'ann. Tha a h-uile càil sgrìobhte ann an dòigh tha gu math soilleir 's furasta a thuigsinn.

Am measg nan leabhraichean eile: Rìoghachd nan Eilean. Abair leabhar a tha a'coimhead inntinneach. Chan fhaca mi a-riamh a leithid ann an Gàidhlig. Tha an Leabhar seo a-mach air eachdraidh na Gàidhealtachd eadar an siathamh agus an siathamh linn deug. Tha tòrr dealbhan 's mapaichean ann.

A bharrachd air a sin, fhuair mi dà leabhar airson cloinne: Seumas is Eòghainn le Tuilleadh Spòrs. Agus Teàrlag agus am Bodach-Sneachd. Chanainn gu bheil iad gu math freagarrach airson mo nigheann a tha dhà bhliadhna a dh'aois. Tha na dealbhan air leth inntinneach.

Leis gu bheil mi a'fuireach fad air falbh bhon an Alba, bith mi a'faighinn leabhraichean gun am faicinn. Mar sin, bho àm gu àm bith na leabhraichean cloinne a gheibheas mi rudeigin mi-fhreagarrach airson mo nigheann. Ach an turas seo, tha na leabhraichean-sa gu math freagarrach. Bu mhath leam leabhraichean eile den sreath seo a cheannach.

Agus tha an leabhar Ath-Athne ann an cruth CD agus leabhar agam cuideachd. Chan eil beachd sam bith agam orra ach 's toil leam leabhraichean eile bho Ur-sgeul, gu h-àraidh nuair a bhios iad ann an cruth CD agus leabhar.

Chuck