An Gaidheal Alascanach

Monday, January 18, 2010

Latha Taghaidh ann am Massachusetts 's a bhuidh air ath-leasachadh Slàinte



Nuair a cho-dhùin an Seanadair Ben Nelson às Nebraska bhotadh airson a'phroiseacht lagha na pàrti deamocratach airson ath-leasachadh shlàinte, neo Obamacare, mar a theirte ris leis a'mhòr-shuagh, shuath na deacrataich an làmhan ri chèile le toileachas. Bha an rathad fosgailte dhaibh mu dheireadh thall. Cha robh aca ach rèiteachadh a dheanamh leis an dreach a chaidh aontachadh san Taigh nan Riochdairean roimhe 's an uair sin aonta fhaighinn dha san t-Seanad 's san Taigh nan Riochdaran.

Furasda dè?

Uill, abair Massachusetts, stàite as guirme (a'ciallachadh nas deamocrataiche) a th'againn sna Stàitean Aonaichte. Tha taghadh gu bhith ann a-màireach airson an suidhiche bha lìonte gu ruige an Lùnasdail an-uiridh le Ted Kennedy nuair a bhàsaich e. Bhon uair sin, tha deamocratach eile air a bhith ann na àite a chaidh a thaghadh leis an riaghaldair Massachusetts gus bith cothrom taghadh ceart a chuir air dòigh. Uill, tha an taghadh eo gu bhith ann a-màireach 's agus fada an aghaidh gach dòchas nan deamocratach, tha am poblachdach, Steve Brown, air thoiseach air an deamocratach, Martha Caokley agus tha a h-uile coltas ann a-nis gur e am Poblachdach seach an deamocratac a lìonas an suidhiche a bh'aig Kennedy.

Tha am poblachdach, Steve Brown, a'ruith an aghaidh, cìsean nas àirde, riaghaltas nas motha agus (san dreachd a th'agaibh sa Chongress co-dhiù) ath-leasachadh seirbhis slàinte!

Bha feum aig na deamocrataich air gach uile bhotadh a fhuair iad san t-Seanad. Ma bhuannaicheas Brown, bith Obamacare ann am fìor-èiginn. Oir, gheall e bhotadh na aghaidh nuair a nochdas a'phroiseachd lagha a-rithist san t-Seanad. Agus ma bhuannaicheas fear-poilteatagaich ann am Massachessets le ghealladh mar sin, dè tha sin a'ciallachadh airson ha dùthcha air fad?

Tha sin a'sealltain mar cho dearg an aghaidh Obamacare sa tha a'mhòr-shluagh.