An Gaidheal Alascanach

Friday, February 23, 2007

Cuairt Sgithidh



'S e lath-saor dhomh a bh'ann an DiLuain sa chaidh is chaidh mi air cuairt le caraid dhomh gu eighr-shruth Herbert. Rinn sinn an dearbh cuairt air cois san t-sultain. Bha troigh neo dhà sneachd ùr air tuiteam 's bha dùil againn slighe alainn fhaighinn. Ach bha buidhinn de luchd-coiseachd ann a bh'air sgrios mòr a dheanamh air an t-slighe 's mar sin, bha an slighe gu math garbh airson a bhith sgitheadh air. Co-dhiugh 's e deagh cuart a bh'ann co-dhiugh.

An-diugh chaidh mi a-mach air Loch Mendendhall air cuairt sgithidh eile. Tha e air a bith rudeigin fuar an t-seachdain-sa 's fhuair mòran sneachd cuideachd. Fhuair mi iongnadh nuair a sgithich mi tro badeigin far an robh uisge neo-reòthte air uachdair na deighe air fo uachdair an t-sneachda. Nuair a thogadh mi mo sgithean, reòthadh sneachd fliuch orra 's an àite maidean fiogha aotrom bha blogcichean mòra deighe air mo chasan. Dhà thuras b'fheudar dhomh stad 's an deighe a shuathadh air falbh. A dh'aindeòin sin ge-ta, chòrd e rium.

Chuck

Saturday, February 10, 2007

Gliocas Madaidhean-Allaidh

a leanas air a leughadh

Tha an t-seachdain-sa air a bhith gu math inntinneach ri thaobh madaidhean-allaidh. Oir nochd dealbhan anns a'phàipear-naidheachd ionadail a bha a'sealltain dhuinn na thachairt dhan phug nuair rug am madadh-allaidh Romeo greim air. Uill, a bharrachd air a sin, thàinig fear-rannsachaidh madaidhean-allaidh do Jhuneau 's thug e òraid dhuinn mu madaidhean-allaidh. 'S e Gordan Haber an t-ainm a th'air 's tha e air a bhith deanamh rannsachadh air madaidhean-allaidh fad còrr is dhà fhichead bliadhna anns a'Phàirc Nàiseanta Denali a th'ann an crios-meadhan na h-Alasga. Chaidh mi dhan òraid aige 's abair òraid inntinneach. Bha e cho inntinneach 's gun do iarr mi air mo nighean thighinn a dh'èisteach ris an darna oidhche sa bhruidhinn e 's dh'aontaich i sin a dheanamh. Mar sin chaidh mi ann dhà thuras.

Dh'innse e dhuinn tòrr mòr de dh'fhiosrachadh inntinneach mu madaidhean-allaidh le mòran dealbhan. Mhìnich e mar cho soilsealta sa tha iad, mar a bhios iad ag co-obrachadh còmhla ann a bhith a'togail an cuid àil 's a'sealg 's mar a dh'fhàsas càirdeas 's gaol eatorra. Ach bu mhath leam innse na dh'mhìnich esan mar cho glic sa tha madaidhean-allaidh.

Dh'iarr e oirnn smaoineachadh air a'chù as glice a chunnaic sinn riamh. Bhiodh e sin, thuirt e, mar mhadadh-allaidh àbhaisteach. Mar eiseimpleir de sin, sheall e dhuinn sreath de dhealbhan a thog e bho itealan de mhadadh-allaidh a bha an tòir caribou a bha seo fad còig mìltean deug, faghaid gu math fada do mhadaidhean-allaidh. 'S dòcha gu robh gealtanas gu leòr ann leis gu robh an caribou torrach. 'S e as t-earrach a bh'ann, sa ghiblean 's aig an àm ud dhen bhliadhna fo sgàil bèinn Denali ann an Alasga, bha tuill de dh'uisge fosgailte sruthach air nochdadh anns na h-aibhnichean. Chunnaic an caribou fear de na tuill 's rinn i air gus am faigheadh i air falbh bhon mhadadh-allaidh. Ach air leth-shligh thar an abhainn, rug am madadh-allaidh greim teann air a h-amhaich 's bhathaich e i le bhith a'cumail a cinn fon uisge.

Thòisich e a h-ithe sa bhad. Ach cha d'fhuair e ach criomad neo dha aisde. Bha iad fhathast san abhainn 's an struth gan tarraing a chun deireadh dhen uisge fosgailte far an rachadh am madadh-allaidh 's an caribou marbh a tarraing fon deigh. Dh'fheuch am madadh-allaidh a slaodadh gu bruach na h-aithne ach b'fheudar dha an caribou fhàgail leis an t-sruth 's feuchain faighinn e fhèin as mar a b'urrainn dha. Fhuair e as an uisge 's chaidh e dhan àite far an do deach an caribou à sealladh fon deigh.

Shaoileadh tu gum b'e sin deireadh na sgeòil 's am madadh-allaidh bochd le ach criomag neo dhà de bhiadh as deidh faghaid a mhàir tòrr is còig mìltean deug. Uill, cha robh. Taobh a-staigh diog neo dhà, thàinig a-steach air gum biodh tuill eile ann shìos an abhainn far nochdadh an caribou. Mar pheilear, ruith e sìos an abhainn 's as deidh leth-mhìle, lorg e toll eile ach bha e ro ghoirid 's an sruth ro làidir. Lean e air. Sheachn e dhà neo trì tuill eile nach robh freagarrach dha. Mu dheireadh lorg e àite eu-domhain far an robh pìosan deidh gan cruidhneachadh 's lòn ciùin ri thaobh. Sin an t-àite far an do shuidh am madadh-allaidh a'feitheamh gu foighdneachd na caribou a bha an abhainn a'toirt thuige.

Tha a leithid de thachartas a'sealtainn gu bheil obrachadh inntinn madaidhean-allaidh gu math adhartach. Do mhòr chuid de bheathaichean, 's e deireadh na sgeòil nuair a thèid rud à sealladh. Ach bha comas ro-innse aig a'mhadadh-allaidh dè thachradh: bha fhios aige gu robh tuill eile ann ged nach robh e gam faicinn 's bha fios aige gun nochdadh an caribou ann ged nach robh i tuilleadh na shealladh. 'S e gliocas dha-riribh a bha sin.

Wednesday, February 07, 2007

Amadain 's am madadh-allaidh

fiosrachadh a bharrachd: seo aithris sa phàipear ionadail mu a'mhadadh-allaidh 's tha deagh dhealbh ann dhen mhadadh-allaidh 's pug na bheul.

Uill, chuala mi beagan fhiosrachadh a bharrachd mu dheidhinn a'mhadadh-allaidh a tha rudeigin inntinneach.

Anns a'chiad a-dol-a-mach, tha mi cinnteach a-nis gun do thachar ann an dha-riribh na thachar dhan phug a bha seo nuair a theab e a bhith na dhiathad dhan mhadadh-allaidh oir bhruidhinn iad air an tachartas air an reideo. Seagh, bhruidhinn iad mu dheidhin air an reidio. Air rèir coltais, tha na coilltearan a'fàs trom air na h-amadain a bhios a'toirt coin dhan loch airson am madadh-allaidh a tharraing thuca. (Chan eil mise a'faireachdan ciontach). Bho sin a-mach bith iad ag iarraidh càinean bhon amadain a leigeas an coin a dhol ro fhaisg air a'mhadadh-allaidh. A bharrachd air a sin, bith iad a'losgadh air a'mhadadh-allaidh le gunnaichean mi-bhàsmhor gus am fàs mic an duine na bu eagalaiche dha.

Friday, February 02, 2007

Dùthaich fo sholas na Gealaich



Bha a'ghealach slàn an t-seachdain-sa 's chaidh mi a-mach a'togail dealban-oidhche dhen dùthaich. Bha ceò ann a bha a'sìor-atharrachadh colas na dùthcha. Chòrd an dealbh seo rium gu mòr.

Chuck