An Gaidheal Alascanach

Monday, December 20, 2004

Ach le Dè?

Seachdainn air ais, bha mi ag èisteachd ris na naidheachd air an telebhisian. Bha William Crystol ag innseadh dhuinn gur e àm ann rudeigin a dheanamh leis Siria agus Iran. Tha Siria gu cus ann an sàs ann an Iraq agus tha Iran faisg air a bhith deiseil le bomba niùclasach. Droch shuidheachadh dha-riribh. Bhiodh an saoghal nas cunnartaiche dh-riribh ma gheibheas Iran bomba niùclasach. Gu teagamh feumar a cuir stad air.

Ach le dè? Tha ar arm gu lèir ann an sàs ann an Iraq. Tha rudeigin mar deich air fhichead as a ceud na saighdearan ann an Iraq bhon na Reserves agus an National Guard. Tha na saighdearan a tha air tilleadh air ais do na Stàitean Aonaichte a'deiseachadh tilleadh a-rithist do Iraq. An latha an-diugh, nuair a tèid cuideigin anns an t-arm, tha e gu math cinnteach gun tèid am fear seo gu Iraq. Tha cuid as motha na saidhdearan air a dol do Iraq uair neo uaireigin agus tha cuid mòr air a dol da neo tri tursan.

Ann an 1991, chaidh sinn dhan Iraq agus Kuwait le leth millian saighearan. Bha an arm a'chogaidh fhuar fhathast ann. Ach tha an arm seo air a dhol à bith. An latha an-diugh, tha dhìth oirnn an arm gu leir leis a'chuid mòr reserves a chumail 150,000 ann an Iraq.

'S dòcha bha an arm againn mòr gu leòr airson an 10mh Sultain. 'S ann an 11mh Sultain an-diugh, agus tha e air bith airson còrr as tri bliadhanaichean. Gu ofigeal, chan eil a'mheudachd an t-airm air atharrachadh idir. Tri bliadhnaichean as dèidh Pearl Harbor, bha an arm mòr da-riribh.

Tha an arm cumhachdach ceart gu leòr ach tha e ro-bheag airson na cuid obrach a tha air ar-beulaibh.


Monday, December 13, 2004

Tuilleadh fiosrachadh mu TPR

As dèidh a cuala mi mu dheidhinn Finlay MacLeòid, tha mi air a bhith a'deanamh beagan rannachaidh mu dheidhinn. Bha mi a'rannsachadh air na faclan 'language learning methods' 's gnothaichean mar sin. Lorg mi làrach-linn seo:

http://www.languageimpact.com/articles/articles.htm

far tha iad gu math deidheal air an dòigh (Total Physical Response) a chleachdas Finlay MacLeòid.

Tha iadsan aig 'language impact' den beachd gu bheil TPR feumail gu h-araidh aig toiseach nuair nach eil an luchd-ionnsachadh eolach idir air an cànan a tha e ag ionnsachadh. As dèidh greis chan eil cho feumail. Agus nuair a smaoinicheas mi air, tha an dòigh seo car coltas ri dòigh a cleachdas pàrantan, gu nàdardach, ri ionnsachadh do cloinne ri bhruidhinn.

Chunnaic mi an-diugh gu robh Finlay MacLeòid ann an sàs anns an ath-bheochadh Gàighlig Manainneach dhiochuimhnich càite an robh e.

Chuck

Monday, December 06, 2004

Total Physical Response - dòigh air leth airson Gàidhlig ionnsachadh

Lorg mi rudeigin inntinech aig ceangail a leantainn mu Mgr Finlay MacLeòid a tha air cuairt ann an Alba Nuadh ag ionnsachadh dòigh ùr airson Gàidhlig ionnsachadh do luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig.

http://www.gaelic.ca/indexframe.htm

Tha mi air a leithid bheachdachadh o ùine mhòr. Dhòmhsa, chan e feumail idir a tha na dòighean tradaiseanta airson cànanan theagasg. Tha mi a'ciallachadh clasaichean 's leabhraichean 's liostachan fhaclan ùra 's liostachan riaghltas grammair is mar sin adhart. Seachdain as deidh a chuir cuideigin liosta sam bith na chuimhne nach bith ach leth ceud as a ceud fhathast na chuimhne, agus as deidh, s dòcha, mios neo bliadhna, chan e ach còig as a ceud. Mar sin, chan e iongatach idir, mara a tha e, nach urrainn do dhuine fiu's cupa coffee òrdhachadh ann an Gàidhlig neo cànan sam bith a bith cuideigin ag ionnsachadh. Tha an dòigh sin cànan dh'ionnsachadh rudeigin mar a'taomadh na mara le cliabh!

S e le bhith ag èisteachd ris a'chànan an dòigh a tha mise a'cleachdadh airson Gàidhlig dh' ionnsachadh. An deireadh sheachdain seo, chaidh mi air cuairt sealg. Chunnaic mi mòran beathaichean, rinn mòran nì, agus nam cheann, bha mi comasach cuid na bu mhotha nan nì a bha mi a'deanamh mhionachadh ann an Gàidhlig. Agus b'urrainn dhomh a h-uile bheathach dh'ainmeachadh a chunnaic mi ach aon (sea otter). Nam cheann co-dhiugh. Tha mi den bheachd gur e an dòigh ionnsachaidh as coireach.

Tha mi dhen bheachd gun dh'ionnsaicheas cuideigin tuilleadh le chlas mu cuspair sam bith air a teagasg tro mheadhan na Gàidhlig na bhiodh e le clas far bhios Gàidhlig air a theagasg tro mheadhan a'Bheurla.

S e cuthdromach a tha sin air sgàth gun a bhios a daoine soirbheachail gàidhlig dh'ionnsachadh ann, gheidh an cànan bàs.


Wednesday, December 01, 2004

Coimhearsnachd Gàidhealach ann an Kodiak?

Bha coinneimh pìobaireachd ann a-raoir agus tha uidh ann gun dheanadh sinn a'chuid teagasg ann an Gàidhlig fiu's nach eil Gàidhlig aig duine sam bith ach mi fhìn! Bhiodh sin math, tha mi a'smaoineachadh.