An Gaidheal Alascanach

Sunday, November 11, 2012

Adhbharan chall Romney

Aon rud as cinnteach, 's e taghadh a b'fheudar do Obama a chall. Bha an eaconomaidh chi duilich 's bha am mòr-shluagh chi mi-thoilichte le Obama shaoileadh tu nach robh dòigh sam bith gun chàilleadh na Republicans an taghadh seo. Ach chàill agus 's iad na Poblachdaich fhèin as coireach!

S chiad a'dol a-mach chan eil mi ag aontachadh idir leis a'bheachd gur e fìor 'right wing' a th'ann an Romney. Chuimhnich gun deach Romney a thaghadh mar riaghladair ann am Massechusets, stàit nas libralaich sa th'againn sna S.A.! Fad ùine mhòr ag àm nan bu-tafhaidhean, cha d'fhuair Romney na bu mhotha na 30 neo 40%. An rud a bu choireach 's e gu robh Romney caran librealach an taca ri càch.

Agus an laigseas eile a bh'aig Romney 's e gu robh e dhen bheachd gum b'urrainn dha an taigh geal bhuannachadh as aonais luchd-taic Ron Paul. 'S e Ron Paul an aon Phoblachdach seach Romney a bhuannaich uair sam bith air thoiseach air Obama sna cunntais-bheachd. Ach bha nàdar de chogadh sìobhalta eadar an iomairt Romney agus Ron Paul. Rinn an iomairt Romney a h-uile seòrsa cleas sa b'urrainn dhaiibh gus na delegates Paul a-mach as an convention 's an fheadhain a fhuair a-staigh a chumail gun ghuth. Aig deireadh a'ghnothaich, bha an roinn Ron Paul fhathast taobh a-staigh an iomairt Romney nuair a thàinig an convention nàiseanta gu crìoch. Chunnaic mi fhìn beagan dearbhadh de sin gu pearsanta. Oir bha mi fhìn nam delegate dhan State Convention ann an Alaska. Agus tha dithis delegates co-dhiù as aithne dhomh NACH do bhot airson Romney! Smaoinich air a sin. Dithis delegate Republican nach do bhot airson Romney! Bhiodh ùidh mhòr agam fhaighinn a-mach co-mheud bhotaidhean-sgrìobhaidh a bh'ann an Ohio agus ann am Florida.

Rud eile mu na Hispanics. Tha roinn ann am measg nam poblachdach a bhios a smaoineachadh air na Stàitean Aonaichte mar nàdar de dhùthaich Shasanach. English only bidh iad ag èigheach. Agus chan eil iad airson a dhèighlicheadh gu cothromach ri na latinos a th'air tighinn a-steach gu mi-laghail. Tha Rick Perry na dhearbhadh de sin. Chaidh esan a thaghadh dà uair mar riaghladar ann an Texas far a bheil tòrr tòrr hispanics ann ged a 's e duine ghlè ghlèiteach a th'ann. Ciamar? Leig iad clann legal imigrants dhol dhan olthigh. Rinn Romney càineadh dheth airson sin 's cha do dhìochuimhnich na Hispanics e.

Am beachd sa th'agam-sa, 's e bu chòir poileasaidh dhà chànanachd nòs Canada chur air dòigh as leth nan Hispanics. A'cheist a th'agamsa duinn na poblachdaich-ne: cò as chudthromaich dhuinn: English only neo riaghltas nas lùgha 's riaghladh a-rèir na bun-reachd? Agus rud eile: chan fhaigh thu English only co-dhiù 's ma dh'fheuchas tu breith oirre, chan fhaigh thu an rud eile nas motha.

Aig a'cheann thall, 's iad na luchd-stiùiridh na partaidh as coireach gun do chàill. Bha an eaconomaidh dhuilich cho fàbhorach do ma poblachdaich ach chàill iad co-dhiù! Bith deasbaid inntinneach roinn taobh a-staigh na partaidh mu cait an tèid iad sna ceithir bliadhna a tha roinn!