An Gaidheal Alascanach

Thursday, February 18, 2010

Bhuannaich mi crannchuir as phriseile a th'againne an Alasga



'S ann am meadhan an t-samhraidh an uiridh, thàinig cuideigin, 's a shùilean làn eud, a-steach dhan oifis agam a dh'innse dhomh gu robh mi air an crannchuir as priseile an Alasga buannachadh: còir sealg ri bison.

Tha corra treudan de bhison againn ann an Alasga le suas 700 beachaichean ann gu lèir.

An fhìrinn innse, bha mi rudeigin coma nuair a bhuannaich mi an cead, tha mi fhathast. Chuir mi a-steach airson a'chead seo gu h-àraidh air sgàth gu robh ùidh aig caraidh m'athar ann an bhith sealg bison, agus bhiodh teans nas motha nan chuireadh an triùir againn a-steach airson cead. Gach bliadhna, bith na mìltean thar mìltean a'chur a-steach airson bison agus sin airson, chan eil fhios, nas lùgha na ciad ceadan gu lèir. Tha daoine ann a th'air a bhith a'cur a-steach fad am beatha gun dad a bhuannachadh. Uill, bhuannaich mise.

Chan ann gu bheil mi an aghaidh sealg ri bison. 'S dìreach chan e miann mòr a th'ann dhomh. Agus an rud eile, chan eil an sealg furasta a th'ann idir. Sin an duighleadas as motha. Tha an treud suidhichte ann an sgìre a tha gu math bàn 's tha e gu math doirbh fhaighinn thuca. Agus cuideachd tha iad a'fuireachd ann an sgìre a bhuinneas do na tùsanaich 's tha iadsan ag iarraidh $1500 airson sealg air an talamh aca.

Tha an t-saison a'ruith bho thoiseach an t-Sultain gu deireadh a'Mhàirt. As t-fhoghar, bha e furasta gu leòr. Dh'fhaodadh tu dhol suas 's sìos an abhainn Copper ann am bàta 's sùilean geura agad air a'bhruaich ear-dheas 's a'stad nuair a nochdas iad.

Cha deach mi ann an uair sin, ach tha mi an-dràsda a'feuchainn rudeigin a chur air dhòigh ro dheireadh an t-saison. Tha iad ag ràdh gu bheil an deireadh an t-saison math gu leòr. Tha na làithean a'fàs nas fhaide 's ma tha thu fortanach, cha bhith agad deileachadh ri cus gheamhradh.

Leis gu bheil mi ann an Juneau, tha e caran doirbh fiosrachadh ceart fhaighinn air mar a tha cùisean. Ach dh'ionnsaich mi gur e geamhradh caran socair a th'air a bhith ann thall an sin 's chan eil an abhainn reòidhte mar bu chòir, rud a tha a'ciallachadh nach urrainn dhut siubhal oirre mur a bheil dhol a shnàmh am meadhan a'gheamhraidh. Ach dh'ionnsaich mi rud eile 's tha gealltanas gu leòr ann. Tha itealan beaga 's 's urrainn dhaibh do chur sìos air loch reòidhte neo rudeigin le champa aotrom 's faodaidh tu an uairsin dhol air tòir nam bison. Bha mi a'bruidhinn le pìolad a bha an-dè, 's dh'innse e dhomh gun ghabh sin a dheanamh fhada tha na lochan reòidhte co-dhiù, rud nach eil fìor an-dràsda leis gu robh e air a bhith gu math blàth. Ach faodaidh i fàs nas fhuaire as ùr. Ach rud eile: thuirt gu bheil buidhean de mhadaidhean-allaidh air ruaig chur air na bison 's chaidh iad an sgapadh.

Airson an-dràsda, 's e do chumail deiseil 's sùil a chumail air an aimsir 's leantainn orm a bhith bruidhinn leis a'phìolad 's ma thilleas an geamhradh 's ma nochdas an treud, ma dh'fhaoidte gum bi cothrom agam.