An Gaidheal Alascanach

Saturday, December 12, 2009

A bheil Romeo fhathast Beò?



Tha ceist ann nar measg-ne a bhios a'fuireachd an oir a'bhaile far am faicear am madadh-allaidh air a bheil Romeo: a bheil e fhathast beò? O chionn mhìos 's dòcha bha mi a'bruidhinn ri nàbaidh 's rinn sinn cunntas cò mheud bliadhna a tha muinntir an àite seo air a bhith faicinn Romeo. Chan e rudeigin ùr a bh'ann nuair a ràinig mise am baile seo an toiseach 2006. Chunnaic mi e a'chiad latha a chuir mo chas ann an Juneau. Dh'obraich sinn a-mach gu robh Romeo a' sreap suas ri naoi bliadhna a dh'aois, aois caran sean, gu h-àraidh nuair a smaoinicheas tu nach eil dotair ann airson cùram a thoirt dhà ma dh'fhàsas e tinn.

Chuala mi cuideachd, agus b'ann an toieach na Sàmhna a bha seo, nach robh Romeo air fhaicinn bho chionn sia seachdainnean le duine air a chanas mise the Wolf-whisperer, duine a th'air nochdadh sna duighleagan seo uair neo dà. B'àbhaist dhàsan coinneachadh ris a'mhadadh-allaidh cha mhòr a h-uile latha. Agus feumaidh mise aideachadh nach eile mi air fhaicin bho mheadhan an t-samhraidh.

Ach tha fianais neo dhà eile agam nach Romeo ann tuilleadh. Bhruidhinn mi ri boireannach a bha seo, agus dh'innse ise dhomh gun tug Romeo dh'ionnsaidh air a'chù aicese as t-samhradh. An rud a bha neo-àbhaisteach mu dheidhinn sin, oir cha b'e an aon uair a thug Romeau dh'ionnsaigh air cù, 's e mar cho mòr sa bha an cù agus mar nochd Romeo gu grad as a'choille. Am barail a th'agam-sa 's e 's dòcha gu robh Romeo a'fàs acrach 's nach robh e comasach sealg tuileadh mar as àbhaist.

Agus thachair rudeigin eile, cha tug mi mòran ciall dha aig an àm, ach smaoinich mi air corra seachdainnean air ais, nuair shad cuideigin greallach fèidh ri taobh an rathaid aig ceann an rathaid. Chuir sin dragh orm o a bha ùidh mhòr aig an cù agam fhaighinn gu mòr an sàs ann 's b'fheudar a cumail air falbh. Uill, thàinig e a-steach orm dìreach o chionn corra làithean: cha mhaireadh an greallach a bha seo fiù aon latha slàn nan robh Romeo fhathast ann.

'S e rud sònraichte a bh'ann gun teagamh a'fuireach cho faisg air mhic an duine 's chuireadh iongnadh orm am faic mi a leithid gu bràth tuilleadh.

Thursday, December 03, 2009

Theab an saoghal agam chur bun os cionn


An t-seachdainn-sa, b'fheudar dhomh siubhail air itealain airson na h-obrach agam. 'S ann tric a bhios mi a'deanamh sin, uair neo dhà gach mìos 's dòcha. Agus bho chionn fhada, tha mi air a bhith mothachail gum feum mi a bhith gu math faiceallach. Oir as deidh deireadh sheachdainn dh'fhaodadh cha mhòr rud sam a bhith agam, am pòcaid mo chòta 's dòcha neo sa mhàilid agam a chuireadh ann an trioblaid mi. Rud sam bith: gunna, peilearan, sgèin, cleasaichean teine. 'S mus tèid mi air itealan, feumaidh mi faighinn cuideas a h-uile càil a tha sin.

'S chan ann dhomh-sa a-mhàin a tha sin fìor. 'S aithne dhomh cuideigin a tha a'fuireach ann an Anchorage, uill bha, tha e ann an Afganistan a-nis airson bliadhna. Tha tòrr fiachan air 's chaidh e a dh'Afganistan airson tòrr airgead a chosnadh (gun cìs!) 's na fiachan aige a phàigheadh air ais. Shaoil mise gu bheil sin caran cunnairteach. Chan ann a-mhàin gu bheil iad airson do mharbhadh thall an sin, ach cuideach tha e gu math builteach gun cosg a bhean a h-uile sgilling dhen airgead fhad sa tha ga chosnadh. Co-dhiù, an uiridh, thàinig e a-nuas à Anchorage an seo. Bha peilearan aige am pòcaid a chòta o bha e air a bhith losgadh gunnaichean corra làithean roimhe. Chan e sligeean peilear ach peilearan beò. Agus bha e air diochuimhneachadh mun deidhinn. Chaidh tron tearainteachd an Anchorage ceart gu leòr 's peilearan na phòcaid ged nach do lorg iad iad. Thadhail leinn ann an Juneau airson latha 's an ath latha chaidh sinn uile comhla a Ketchikan. Bha e air ar cùlaibh nuair a chaidh sinn a-steach tron tearainteachd ach cha do nochd e taobh a-staigh. Dh'fhan sinn leth uair a thìde 's cha do nochd e fhathast. Chaidh sinn air bòrd an itealain 's cha robh e ann fhathast. Bha am plèan gus falbh 's dìreach an diog mu dheireadh nochd e. Lorg iad na peilearan aige. Cha do chuir fon ghrèim e ge-ta 's bha e fortanach.

An deireadh sheachdain sa chaidh bha cothrom agam dhol ri sealg. Ach cha deach sin ann aig diog mu dheireadh air sàilleamh droch thìde. Agus diluain b'fheudar dhomh dhol air itealan. Chaidh mi tron mhàilid agam gu mionaideach. Dà uair. Fhuair mi cuideas an gunna 's na peilearan 's uidheamachd sam bith eile a cuireadh iomgain air na luchd-tearainteachd. Chaidh mi dhan phort adhar. Dh'fhaighnich an co-obraiche agam nan robh dad sam bith agam ri fhaighinn cuideas, leis gu robh e a'tilleadh air ais dhan càr aige. Thuirt mi nach robh. Chaidh mi tron tearainteachd. Fhad sa bha a'cur na geansaidhean 's na brògan air ais orm, chunnaic mi mar a bha iad a'cur na màilid agam uair 's uair eile.

Mu dheireadh thàinig am boireannach thugam 's sgian na làimh, sgian agam-sa a bh'ann. Leig mi a-mach facal neo dhà nach bu chòir. A dh'aindeoin gach oidhrp a rinn mi, chaidh an sgian troimhe. Agus 's e sgian mhath a th'innte. Sgian fhada fhaobharach de sia oirlich de dh'fhaide. Le meatailt chruaidh, cumaidh i a faobhar airson ùine mhòr.

Bha gach leisgeul fon grèin aca an saoghal agam chur bun os cionn: mo chur fon ghrèim, rannsachadh nas mionaidich air mo bhothaig fhèin. Ach cha do rinn iad càil dhen sin. Bha an co-obraiche agam fhathast air taobh a-muigh na tearnainteachd 's thug iad fèin gu fialaidh an sgian agam thuigesan airson 's gun toir e dhan chàr i.

Tha mi cinnteach, nach rachadh cùisean mar seo leam nan robh mi cha mhòr an àite sam bith eile sna Stàitean.