An Gaidheal Alascanach

Saturday, August 26, 2006

Chan eil feum sam bith ann a bhith a'gearain...

sa Gearran, seach ma se lunastal a th'ann. Cha mòr nach do stad an t-uisge idir bho thoiseach an Lunastal. Aig amannan, 's e aotrom a th'ann 's aig amannan eile, 's e uisge trom a th'ann. Ach feumaidh mi a bhith onarach. Didomhnaich sa chaich cha do cuir i uisge sam bith. Cha robh uisge ann fad an latha. Tha mi a'fairachdainn mar gur i Gearran a th'ann seach lunasdal, seach gu bheil solas gu leòr ann.

'S tha an suidheachadh seo a'cuir m'inntinn atharrachadh. An-diùgh chaidh mi a-mach air cuairt-ruith suas an t-slighe. Nuair a thàinig mi air ais dhachadh
s mi fluich buileach, dh'innse mi do mo bhean nach robh an aimsir cha dona leis gu robh an t-uisge car aotrom.


powered by ODEO

Chuck

Tuesday, August 08, 2006

Tachairt feargach

Bha mi air mo shlighe dhachaidh air mo bhaighsaigail dihaoine sa chaidh 's bha mi a'dol seachad air buth a tha seo 's bha tòrr poileasman ann 's stad fear dhiubh mi 's cha do leig e mi dhol seachad. Mhol e dhomh slighe èile a ghabhail na àite. Dh'fhaighnich mi dheth dè bha a'tachairt. Dh'innse e dhomh gu robh cuideigin le gunna anns a'choille air chùl na butha, dìreach ri thaobh mo shlighe. Cò-dhiùgh, chùm mi orm dhachaidh air an t-slighe a mhol am poileasman dhomh 's dh'innse mi do mo bhean dè a thachair 's cha do smaoinich mi an còrr dheth.

Uill, an-diùgh (dimàrt) fhuair mo bhean a-mach dè a thachair. 'S e muirt a bh'ann. Bha duine a bha seo, gun dhachaidh le eachdraidh eucoir, a ghoid gunna bho buth eile 's an uairsin, losg e air ceann duine a bha seo na sheasamh air cul na butha san dol seachdad. Cha b'aithne iad do chèile idir, bha an duine marbh ann an Juneau dìreach airson an latha fhèin. Bith mise seachad air an dearbh àite gach h-uile latha, 's gu furasda dh'fhaodadh gum bu mise am marbh. Ach 's dòcha nach robh riamh ann am fìor cunnart, bha am muirtear an tòir cuideigin fada na b'fhasa na duine aig astar air bhaighsagail.

Carson? Uill, dè shaoileadh tu a thachras ris a'mhuirtear-sa, ris an duine aig nach robh dhachaidh, a chuir às do dhuine nach b'àithne dha gu adhbhar sam bith.? Uill, gheibh e an dearbh rud a bha dhìth air: fasgadh 's biadh saor anasgaidh gus tig a shaoghal gu crìoch, gu nàdarach. Chan eil binn bhàis ann an Alàsca. 'S dòcha gur e sin a bha na inntinn nuair a chuir roimhe cuideigin a mhuirt.

Chuck

Friday, August 04, 2006

'S e ùine mhor...

nach do chuir mi teachdaireachd an seo. Mar a tha fhios aig mòram tha mi air a bhith a'gluasad bho Kodiak, Alaska gu Juneau. 'S e gnothach a mhair fada gu h-iogntach. Dh'ionnsaich mi san Fhaoileach gun d'fhuair mi obair ùr ann an Juneau. Bha obair mòr agam ri dheanamh, nam measg, cuir crìoch air obair a thoisich mi air taigh a bh'againn ann an Kodiak. Bha mi cho trang, ag obair gu mo thuiteam nam leabaidh 's air ais gu obair nuair a dh'fhosgail mi mo shùilean. 'S an uair sin, chaidh mi a Juneau. Bha mi ann an seòmar a fhuair mi air mall, 's mi nam aonar as aonais mo teaghlaich. Mhàir an àm sin cha mhòr tri mìosan. 'S mu dheireadh thàinig mo theaghlach a Juneau. Airson tòrr 's mìos, dh'fhuirich sinn an-siud 's an-seo, a'cumail sùil air taighean a bhuineadh do dhuine èile a bha air falbh. Mu dheireadh thall, ghluais sinn a-steach dhan taigh a cheannaich aig deireadh an òg-mhìos. Ach bha aon cheum air fhàgail dhuinn, an taigh a bh'againn ann an Kodiak a rèic. Mar a bhiodh fios agaibh, nach sinne a bha anfhoiseil mu an taigh ann an Kodiak a bh'againn fhathast.

Mu dheireadh thall, rèiceadh an taidh ann an Kodiak, 's an-diugh fhèin thàinig a'chùis sin gu crìoch 's tha sinn saor ann an Juneau.

Tha Juneau eadar-dhealaichte bho Kodiak ann an iomodach dòigh. Tha mòr dhuinne an coimeas ri Kodiak, le 30,000 neach a tha a'fuireach ann, 's e baile mòr a th'ann gu dearbh. Ach aig an aon àm 's e baile breagha a th'ann cuideachd. Tha na beanntainn àrd, biorach, làn aibhnichean-deighe. Tha mòran slighean-coiseachd ann, tha an àite seo gu math airson a bhith a'coiseachd. Bhon againne, choisich mi da uair an t-seachdainn sa chaidh 's bha mi ann an sealladh mòran beanntainn 's abhainn-deighe mhòr air bheil "Mendenhall".

Tha dùil a bharrachd mu dheidhinn a'bhaile seo innse dhuibh sa seachdainn sa tighinn. Nam measg, mar cho breagha sa tha a'dhuthaich seo, sliochd nan Gaidheal a tha gu math pailte ann an-seo, Cuairt Litir nan Innleadairean 's mòran rudan eile.

Chuck