An Gaidheal Alascanach

Wednesday, September 10, 2008

Mathain san t-slighe

Thòisich mo nighean dhol dhan sgoil ùr an t-seachdainn sa chaidh, nas fhaisge na bha an sgoile eile. Agus bith mo nighean a' dol air a baisaigeil leth chuid dhen ùine agus bith mi fhìn a' dol cuide rithe anns a' mhadainn. Tha dhà shlighe ann airson a dhol dhan sgoile, an darna tè a leanas rathad agus an tè eile a leanas slighe tron a' choille. Rud eile, 's ann air taobh thall na h-aibhne a tha an sgoile, mu dhà mìle shios an abhainn. Ma theid sinn tron a' choille, theid sinn tarsain air drochaid a tha ri taobh na sgoile. Ma thèid sinn air an rathad, thèid sinn tarsain air drochaid a tha faisg air an taigh. Uill, latha an t-seachdain sa chaidh, chaidh sinn air an t-slighe tron a' choille a far a robh e fada na bu shìtheile 's nach robh againn ri deileachadh ri traffic. Uill, bha sinn a' dlùthachadh ris an drochaid agus dè a chunnaic sinn na sheasamh san t-slighe ach mathan. Stad sinn, dh'fhan airson greis, dùil am falbh e far na slighe dhan choille. Ach an ceann ghreis dè a nochd as na lusan ach mathan eile, mathan beag, cuilean. Uill, mathan-boirean 's cuilein! Nach sinne a thionndaidh air ar sàilean sa bhad. Dà mhìle air ais, cha mhòr gu ruige an taigh fhèin 's an uairsin tarsain air an drochaid eile 's an uairsin dà mhìle sìos air taobh eile na h-aibhne. Saoilidh mi gum b'e seo leisgeul na b' fheàrr a fhuair mi fhìn neo mo nighean airson a bhith fadalachd dhan sgoile neo dhan obair: bha mathain san t-slighe! Seo agaibh a thog sinn de mhathan eile o chionn dhà sheachdain:

Friday, October 26, 2012

Ceist mu ghunnaichean



Corra mìosan air ais, sgriobh mi mu mar cho furasta sa tha e a bhith siubhail air itealan le gunna. Chan eil mi a'ciallachadh le gunna nad làmhan ach le gunna nad cheasaichean gus am bith e agad an àite far a bheil thu a'dol. Sgrìobh dithis ceistean thugam mu dheidhinn sin beagan ùine as dèidh sin 's chan fhaca mi iad ach corra làithean air ais.


Seo na ceistean a sgrìobh iad:

"Chan eil mi buileach cinnteach gu bheil mi a' tuigsinn carson a bhiodh feum aig daoine air gunna gan dìon...Dè seòrsa cunnartan a bhiodh aig bannais? Gad dhìon bho dè sèorsa olc eile?...Nach biodh poileas sna Stàitean Aonaichte math gu leòr dhut-sa?"

agus:

"Tha an dearbh cheist agam. Carson a dh'fheumas tu gunna neo dion idir air a' phlean?"

Gun teagamh, tha iad caran mi-thuigseach carson ghiulainn-se neo duine sam bith eile gunna.

A'chiad rud a bu chòir dhomh ràdh 's e nach e seo rud neo-àbhaisteach idir a bhith toirt gunna ann an Alasca. Mar eiseimplir, corra seachdainnean air ais, as leth an obair agam mar innleadair, b'fheudar dhuinn beagan rannsachadh a dhèanamh taobh a-muigh timcheall air phuirt-adhar Yakutat airson pròiseact a th'agam thall an sin. Mus deach sinn ann, bha sinn a'bruidhinn ri fhear-stiùiridh a'phuirt-adhar agus sa chomhradh sin, mhol e dhuinn gunnaichean a thoirt leinn air sàilleamh mathain. Tha gunna oifis againn agus sin a thug sinn leinn. Ach nan robh cuideigin eile ga chleachdadh bhithinn air an gunna-làimhe agamsa a thoirt leam. Cha robh againn cead a dh'iarraidh bho dhuinn dubh neo geal airson a dheanamh. 'S e rud cho nàdarach sa ghabhas. Agus cuimhnich, bha sinn ag obair faisg air a'phort-adhar far an robh itealain a'falbh 's a'tighinn.

Rud eile a thachairt corra bliadhnaichean air ais. B'fheudar dhuinn cuideigin leigeil air falbh agus obh obh, abair duine feargach làn de rabhaidhean! As dèidh làimh, dh'fhaighnich mi dhan fhear-stiùiridh agam nan robh e dhen bheachd an gabhadh fòirneart a bhith an lùib a sin. 'S thuirt e gu robh. Dh'fhaighnich dha an uair sin nan cuireadh e dragh air nan toirinn gunna dhan oifis fad greis gus an socraicheadh cùisean. Agus thuirt e nach cuireadh dragh sam bith air. Mar sin, fad mu dhà sheachdainn as dèidh sin, bha gunna agam sa mhàilid agam gus an robh sinn an ìre mhath cinnteachd gu robh an duine sin air am baile fhàgail.

Chan eil mi airson chuir sìos air a'phoileas ach chan eil iad 'math gu leòr.' 'S e nàdar de faoin-sgeulachd do chloinn gu bheil na poileas ann airson do phears fhèin a dhìon. Tha am poileas ann gu h-àraidh airson smachd a chumail air cùisean san fharsaigneachd, gus an t-sìobhaltachd againn a chumail sìobhaltach mar gum bhiodh. An fhìrinn, dhaibh-san, chan eil annad ach àireamh-statisticach.  Mar as trice, an rud a nì am poileas 's e sgioblachadh nan corp 's rannsachadh na cùise 's 's dòcha gum faigh greim airsan as coireach.

Agus tha an adhbhar a thug mi gunna air an turas againn as t-earrach na dhearbhadh de sin.  'S ann an Kodiak a bha a'bhainnis 's mu dhà mhìos roimhe sin, chaidh dithis a mharbhadh ann an sin.  Chaidh iad an losgadh sìos 's chan eil for neo fios aig a'phoileas cò a rinn e neo carson.  Sgioblaich iad na chuirp 's rannsaich iad a'chùis 's chun an latha an-diugh tha am murtair fhathast ma-sgaoil!  Mar sin, bha e caran nàdarach gun toirinn leam gunna dhan àite sin.

Mun bhideo: 's e 45 acp 1911 a tha mi a'losgadh.  'S e deagh ghunna a th'ann. 'S ged a tha e caran aotrom an aghaidh mathain, 's e seo an gunna as àbhaist a bhith agam nuair bhios mi air falbh bhon rathad air na mondaidhean.

Saturday, May 19, 2007

Cuairt an earraich



Tha mi air a bhith gu math trang aig an ofis sna laithean sa. Ach dihaoine, fhuair mi latha dheth. 'S e latha grianach breagha a bh'ann 's dhùisg mi rudeigin tràth is chaidh mi air cuairt air slighe taobh an iar na h-eighr-shruth. 'S e a bh'ann an ceann-ùidh agam creagan os cionn na h-eighr-shruth far a bheil deagh shealladh de a h-uile càil.

Thug mi gunna leam, oir bha mi nam aonar 's tha na mathain air dùsgadh.

Cha robh mi cinnteach nan thachrainn air sneachd air an t-slighe ach bha an slighe an ìre mhath saor dheth. Ach thachair mi ri duine 's sgithean air a dhruim. 'S e a bh'ann an ceann-ùidh aigesan sneachd nan slèibhtean na b'àirde. Ràinig mi na creagan taobh a-staigh dà uair. Bha e cho sàmhach gun a bhith duine sam bith ann, cha robh deò gaoithe ann. Bha fiù s na heleacoptairean nan tosd.

As deidh greis a bhith a'meòrachadh air a h-uile càil, thill mi 's beagan cabhag orm, oir bha rudeigin eile agam ri dheanamh aig an taigh.


powered by ODEO

Sunday, September 13, 2009

Mathan air an t-sligh a dh'obair

Madainn Haoine sa chaidh, bha mi air mo bhaighsagail air mo shlighe dhan obair mar as àbhaist, a' dol tro raoin-sgoile a cheangaileas dà rathad nuair a chunnaic mi à oir mo shùla mathan nach robh ach trì neo ceithir troigh bhuam, dìreach ri mo thaobh leis an fhìrinn innse. 'S ann san fheur a bha e, a cheann shìos a' coiseachd a dh'ionnsaigh na sgoile mar a bha mise a' dol air falbh bhon sgoil. Cha robh e mòr 's cha robh e beag. 'S ma nì mi toimheis le mo shùilean, a'deanamh coimeas leis a'mhadadh-àllaidh, chanainn gu robh am mathan cho àrd ri Romeo ach caran na bu reamhaire. Chanainn ma tha gu robh am mathan eadar 150 's 200 puinnd de chuideam. Beagan ro mhòr nan tigeadh cùisean gu ceann ri ceann 's mi gun arm.

Feumaidh mi aideachadh cha mòr nach do stad mo chridhe nam uchd. Ach lean mi orm adhart 's thug mi sùil air ais airson deanamh gu robh sinn a'dealachadh o chèile gu ceart. An uair sin, nuair a choimhead mi air mo shlighe adhart, chunnaic mi càr a bh' air stad ri thaobh an rathaid. Cha bu lèir dhomh an dràibhear gu ceart, ach cuiridh mi geall gu robh e air stad a dh'aona-ghnothaich airson fhaicinn air dè a thachradh nuair a thachrinn-sa ris a'mhathan 's gun teagamh gun do ghabh fealla-dà às.

Agus b'e seo seo deireadh na sgeòil ach a-mhàin seo: smaoinich mi air na sgoilearan a thòisicheadh an sgoil a ruigsinn an ceann trì ceartail na h-uaireach 's mathan faisge air làimh. Nuair a ràinig mi an oifis, chuir mi fòn chun na sgoile ag innse dhaibh gu robh mathan san nàbaidheachd. Gu nèonach, 's gann gun thug iad for sam bith do na dh'innse mi dhaibh. Dh'innse an tè a bha seo nach b'ann san àite a chunnaic mi am mathan a bhios na sgoilearan a'faighinn far nam busaichean. Cha thuige mi dè bha i a' ciallachadh. Chan e mac-samhail mathain a chunnaic mi ach mathan beò a tha làn comasach na leth-cheud slat a th'ann eadar an dà àite a choiseachd ann an dà dhiog mar a thogradh e. Mu dheireadh, cho-dhùin i dhol a-mach airson deanamh cinnteach nan robh e fhathast faisge air làimh mus ruigeadh na sgoilearan.

Saturday, March 20, 2010

Madaidhean-Allaidh

Tòrr naidheachdan ri thaobh madaidhean-allaidh ann an seo. An t-seachdain-sa chaidh, chaidh teidsear a bha seo a mharbhadh le buidhean de mhadaidhean-allaidh ann an Chignik Lake, tachartas a tha mu math ainneamh. Chaidh sgioba à Roinn Èisg 's Beathaichean air an tòir 's mharbh iad dà mhadadh-allaidh. Rinn iad toimheas dhen na fiaclan aca airson dearbhadh feuch an iad an dearbh madaidhean-allaidh a mharbh am boireannach bochd a bha seo.

Rud eile. Thachair mi ri fear a bha seo an latha eile nuair a bha mi a-mach air cuairt leis a'chù agam. 'S e an duine ris an can mi: Wolf Whisperer, duine a b'àbhaist a bhith tadhal air a'mhadadh-allaidh Romeo cha mhòr a h-uile latha. Bha esan dhen làn bheachd gun do mharbh cuideigin Romeo 's gu robh e an impidh dearbhadh cò a bh'ann. 'S inntinneach, oir bha mo nighean air peirceall beathaich neo chorreigin lorg:



Cha robh mi cinnteach an e peirceall madadh-allaidh neo beathaich eile a bh'ann. Co-dhiù, dh'innse mi sin dha 's ghlac seo aire gu mòr. Saoil an e peireall Romeo a bh'ann? Thàinig e gu taigh agam 's ghabh e iasaid dhen pheirceall airson toimheas a dheanamh dheth. Aig a'cheann thall, chan e peirceall mhadadh-allaidh a bh'ann ach mathain. Co-dhiù, tha peirceall mhathain math co-dhiù ach feumaidh mi aideachadh gur e briseadh dùil a bh'ann dhomh.

Agus rud eile. Madainn-dihaoine, bha mi a-mach air cuairt a-rithist leis a'chù agam 's dè a lorg mi air an talmhamh ach dùn de chac neo-àbhaisteach: caran glas 's e làn gaosaid: cac mhadaidh-allaidh shaoil mi. Dh'innse mi sin dhan bhean agam nuair a thill dhan taigh 's gu dearbh thug i dom m'aire aithris o phàipear ionadal againn mu mhadadh-allaidh ùr glas a chunnaic cuideigin faisg air an taigh againn.

Tha fhios gu robh Romeo a-riamh deidheil air coin oir cha d'ith e ach dhà neo trì aig car a bu mhotha. Chan urrainn dhuinn a bhith cho cinnteach leis an fhear ùr a tha seo.

Tuesday, June 23, 2009

Cuairt Canada - Treas Latha



Rinn 450 mìle an-dhiugh agus bha an duthaich uabhasach fhèin brèagha. Chaidh sinn thairis air àrd-dhruim nam beann creagach. Chunnaic sinn sneachdan ùra air na h-àrd-mhullaichean a bha cho lom. Chunnaic sinn tòrr mòr beathaichean. Bison, Bison na Coille leis an fhìrinn innse, roinn caran ainneamh a' ghnè Bison as àbhaist a bhi fuireachd sna coilltean seach air na prairies mar a nì roinn nam bisons a bha nas bitheanta.

Chunnaic mathain, ceithir dhiubh, sionnach a' ruith le pròis 's coinneamh na bheul (bha an coinneamh marbh mar a shaoileadh tu). Dè eile a chunnaic sinn, coyote agus fiadh.

Aon rud a ghlac m' aire, 's e cho trang sa tha na sgìrean timcheall air a' bhaile Fort Nelson. Bha tòrr mòr làraidhean an sreath a chèile a' dol gu tuath a dh' ionnsaidh. Biastan mòra de làraidhean le tangairean mòra air an slaodadh as an deidh. Tha tòrr mòr ola agus gas sa sgìre sin. Chunnaic seallaidhean mar sin an ath-latha.

Mu dheireadh, dh' fhuirich sinn ann am bothan fiodha ri thaobh abhainn air a bheil Sustinni mas matha mo chuimhne. Ri thaobh an rathaid mhòir aig bonn slèibh fhada, chuala sinn na làraichean mòra a' dol seachad. Bha lùib mharbhteach aig bonn na slèibhe cuideachhd 's dh' fhaighnich dhen duine far an robh sinn nan robh tubaistean sam bith aig lùib an rathaid sin. Agus gu dearbh bha, dhà thubaist a chaidh innse domh. Cha deach duine a mharbhadh ach chaidh tòrr mòr plywood 's pìoban a sgapadh air feadh an àite nuair a chaill làraidh mhòr an drochaid.

Co-dhiu, b' e seo an treas latha againn.

Deasachadh a bharrachd. Tha mo chuimhne a tighinn air ais thugam. Chunnaic sinn dhà mhoose agus cuideachd caora-bheinne.

A' chiad fhianais a fhuair sinn gu robh bison mòra gu bhith san rathad 's e cnapan mòra de chac ri taobh an rathaid. Nuair a chunnaic mi iad sin, thuirt mi rium fhèin, chan eil mi airson tubaist fhaighinn leis a' bheathach a rinn am biast de chaca tha seo 's chuir mi mo shùilean shealgaireachd orm. Bha fios agam nach fhaicinn i na seasamh gu h-àrd 's a taobh thugam ann am meadhan rathad mòr an rìgh mar a chìthear air na seann sgillinn ameireaganach ach gun grad-leumadh i gun fhiosda bho à sealladh mu coinneamh a' chàir againn. Mar sinn bha sùilean geura orm a' sìor-rannsachadh gu minideach iomall an rathaid. Agus gu dearbh, 's ann mar sin a chunnaic mi a' chiad buidhinn dhiubh: mar dhath neònach an aghaidh gormachd iomall an rathaid. Rudeigin donn, fada ro mhòr airson a bhith na chnap cac.